FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1327: Ar-a-mach Bheàrnaraigh (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ar-a-mach Bheàrnaraigh (1)

Gaelic Gàidhlig

Mus cuir sinn a’ bhliadhna fichead is ceithir air fhichead (2024) an dàrna taobh, tha mi airson tachartas cudromach ann an eachdraidh nan Gàidheal a chomharrachadh. Thachair e o chionn ceud gu leth bliadhna ann an Eilean Bheàrnaraigh far costa siar Leòdhais. Ann am Beurla, bidh daoine a’ gabhail ‘The Bernera Riot’ air.

Ach an e ‘aimhreit’ a bu chòir dhuinn gabhail air ann an Gàidhlig? Chaidh mi gu cunntas Gàidhlig mun tachartas, a bh’ air a sgrìobhadh le fear a bhuineadh don eilean. B’ esan Dòmhnall MacAmhlaigh – bàrd agus sgoilear Gàidhlig. Agus ’s e ‘Ar-a-mach’ a chleachd esan anns a’ chunntas aige anns an leabhar ‘Oighreachd agus Gabhaltas’ a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug is ochdad (1980).

Beagan ron ‘ar-a-mach’, bha còraichean ionaltraidh aig muinntir Bheàrnaraigh air tìr-mòr Leòdhais air mòinteach Beinn a’ Chuailein. Aig an àm sin, cha robh drochaid ann, ach cha robh sin gu diofar. Bhiodh na h-eileanaich a’ falbh ’s a’ tighinn agus bha an còraichean air a’ mhòintich air a bhith aca fad linntean.

Ge-tà, ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872), chaidh am fearann sin a thoirt bhuapa. Bha cumhachd mar sin aig na h-uachdarain. B’ e uachdaran Eilean Leòdhais an Ridire Seumas MacMhathain. Bha esan air fortan a dhèanamh le bhith a’ malairt opium ann an Sìonaidh. Dh’fhàg e cùisean riaghlaidh làitheil don t-siamarlan aige, Dòmhnall Rothach. Bha gràin aig muinntir Leòdhais air an Rothach. Fo a stiùir-san, chaidh mòinteach Beinn a’ Chuailein a dhèanamh na frìth.

Chaidh talamh mòintich eile a thoirt do na croitearan faisg air Iarsiadar. Ach bha sin na bu lugha. Agus bha aig na croitearan ri gàrradh-crìche a thogail eadar an talamh aca fhèin agus frìth Sgealasgro. Chan e sin a-mhàin, ach bha aig na croitearan ri pàigheadh airson sin! Chan fhaodadh iad beathach sam bith a chur air a’ mhòintich gus an robh a’ chrìoch dìonach. Bha sin dona gu leòr ach bha na bu mhiosa a’ tighinn.

Bha aonta sgrìobhte ann mun chùis. Chaidh innse do na croitearan gum biodh còraichean aca don fhearann ùr fhad ’s a bhiodh gan giùlan fhèin gu dòigheil agus a’ pàigheadh am màl ann an deagh àm. Ach, an dèidh bliadhna gu leth, chaidh innse do na croitearan nach biodh an t-uachdaran a’ cumail ris a’ bhargan. Cha bhitheadh cead aca an cuid chaorach a chumail air mòinteach Iarsadair tuilleadh. Gheibheadh na croitearan tuathanas Thàcleit air an eilean fhèin. Ach chailleadh iad am fearann mòintich gu lèir aca air tìr-mòr Leòdhais.

Cha do ghabh na croitearan ri sin. Dh’iarr iad air an t-siamarlan an litir a shealltainn dhaibh a bha a’ dearbhadh gun d’fhuair iad còraichean air Iarsadar bliadhna gu leth roimhe. Ach – obh obh – cha robh sgeul air an litir ann an oifis an t-siamarlain. Mar a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh, a’ cleachdadh chromagan turrach, ‘bha i air a dhol “air chall”’. Seadh.

Seo mar a mhìnicheas Dòmhnall mar a thachair an uair sin. ‘Chuir an siamarlan ... earraid, Cailean MacGillFhinnein, agus Seumas MacRath, am maor-fearainn, le pàipearan bàirlingidh chun an 56 croitearan a bha am Beàrnaraigh gan cur a-mach às an taighean is às an croitean agus às an còraichean mòintich an ath latha Bhealltainn.’ Innsidh mi dhuibh mar a chuir na seòid Bheàrnarach an aghaidh sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Eilean Bheàrnaraigh: (Great) Bernera; aimhreit: riot; Dòmhnall MacAmhlaigh : Donald MacAulay; ar-a-mach (also aramach): rebellion; mòinteach: hill, moor, rough grazings, peatland; na bu lugha: smaller; aonta sgrìobhte: written agreement; tuathanas Thàcleit: Haclete farm; cromagan turrach: inverted commas; air chall: lost: seadh: aye, right [said sceptically]; earraid: sheriff officer; Cailean MacGillFhinnein: Colin MacLennan; Seumas MacRath: James MacRae; maor-fearainn: land agent; pàipearan bàirlingidh: eviction notices.

Abairtean na Litreach: Mus cuir sinn X an dàrna taobh: before we put X aside; fear a bhuineadh don eilean: a man who belonged to the island; bha còraichean ionaltraidh aig muinntir Bheàrnaraigh air tìr-mòr Leòdhais: the Bernera people had grazing rights on the Lewis mainland; bha an còraichean air a bhith aca fad linntean: they had had their rights for generations/centuries; chaidh am fearann sin a thoirt bhuapa: that land was taken from them; b’ e uachdaran Eilean Leòdhais an Ridire Seumas MacMhathain: the landlord of the Isle of Lewis was Sir James Matheson; le bhith a’ malairt opium ann an Sìonaidh: by trading opium in China; dh’fhàg e cùisean riaghlaidh làitheil don t-siamarlan aige, Dòmhnall Rothach; he left the daily management to his factor, Donald Munro; fo a stiùir-san, chaidh X a dhèanamh na frìth: X was made into a deer forest; bha aig na croitearan ri gàrradh-crìche a thogail: the crofters had to build a boundary wall; bha aig X ri pàigheadh: X had to pay; chan fhaodadh iad beathach sam bith a chur air a’ mhòintich gus an robh a’ chrìoch dìonach: they couldn’t put any animal on the hill until the boundary was secure; gum biodh còraichean aca don fhearann ùr fhad ’s a bhiodh gan giùlan fhèin gu dòigheil: that they would have rights to the new land as long as they carried themselves properly; pàigheadh am màl ann an deagh àm: paying their rent(s) in good time; nach biodh an t-uachdaran a’ cumail ris a’ bhargan: that the landlord wouldn’t keep [his side of] the bargain; gan cur a-mach às an taighean: to evict them from their houses; an ath latha Bhealltainn: ­next Beltane Day.

Puing-chànain na Litreach: Cha bhitheadh cead aca an cuid chaorach a chumail air mòinteach Iarsiadair tuilleadh: they would no longer have permission to keep their sheep on the Iarsiadar rough grazings. I have here used the emphatic form bhitheadh rather than the normal conditional form of the verb ‘to be’ which would be bhiodh. Note the pronunciation which matches the spelling.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ach bha na bu mhiosa a’ tighinn: but worse was to come [was coming].

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1023

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean