FaclairDictionary EnglishGàidhlig

10: Tòimhseachain (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tòimhseachain (1)

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh a’ gabhail tlachd – mar a tha mise – bho thòimhseachain? Tha mi ’n dòchas gu bheil, oir ’s e sin cuspair na litreach an t-seachdainn-sa. Bha mi a’ tadhal air duine is aithne dhomh ann an Geàrrloch turas, agus dh’innis e dhomh tòimhseachan a chòrd rium glan. ’S ann às a sgìre sin fhèin a bha e – à Ros an Iar. Co-dhiù, bha mi air dìochuimhneachadh mu dheidhinn gus an tàinig mi tarsainn air a-rithist, dìreach an t-seachdainn ’s a chaidh.

Bha mi ann an leabharlann, a’ toirt sùil air seann phàipearan-naidheachd. Agus ann am fear aca, a bha còrr is sia fichead (120) bliadhna a dh’aois, leugh mi an dearbh thòimhseachan, an ìre mhath mar a chuala mi e. Aig deireadh na litreach, bheir mi dhuibh e, agus faodaidh sibh smaoineachadh air – mus toir mi am fuasgladh dhuibh an ath sheachdainn!

’S e tuiteamas a bh’ ann gun do lorg mi an tòimhseachan sin, agus feadhainn eile a bha anns an dearbh cholbh anns a’ phàipear-naidheachd. Bha mi a’ coimhead airson rudeigin gu tur eadar-dhealaichte. Ach sin mar a tha e – dhomhsa co-dhiù – nuair a choimheadas mi air seann phàipearan-naidheachd. ’S dòcha nach lorg mi an rud a bha mi a’ sireadh, ach gheibh mi rudeigin air choreigin a chòrdas rium.

Bha na tòimhseachain anns an Inverness Courier, ann an colbh Beurla air an robh an tiotal “Nether-Lochaber”. Thug mi greis mus d’ fhuair mi a-mach cò an t-ùghdar. ’S e ministear na h-eaglais a bh’ ann – an t-Ollamh Urramach Alasdair Stiùbhart - agus bha e na shar-Ghàidheal, a-rèir choltais. Mhìnich e anns a’ cholbh aige mar a fhuair e an tòimhseachan a leanas.

Bha e na leas, feasgar a bha seo, a’ togail ùbhlan far craoibhe nuair a thàinig boireannach seachad. Le gàire, thuirt i ris a’ mhinistear – nan toireadh esan ùbhlan dhi, gun innseadh ise dhasan tòimhseachan nach b’ urrainn dha fuasgladh fhaighinn air a shon. ’S e duine còir spòrsail a bh’ ann, agus thug e ùbhlan dhi. Agus ’s e seo na thuirt i:

Chunnaic fear gun sùilean ùbhlan air a’ chraoibh

Cha tug e ùbhlan dhith, ’s cha do dh’fhàg e ùbhlan oirre.

Canaidh mi sin a-rithist:

Chunnaic fear gun sùilean ùbhlan air a’ chraoibh

Cha tug e ùbhlan dhith, ’s cha do dh’fhàg e ùbhlan oirre.

Ciamar a dh’fhaodadh sin a bhith? Uill, ’s e seo am fuasgladh, agus chì sibh gur ann a’ cleas leis na faclan “sùilean” agus “ùbhlan” a bha i. Cha robh ach aon shùil aig an duine; bha e leth-shùileach. Mar sin ’s e fear gun “sùilean” a bh’ ann, ged a bha fradharc aige. Agus cha robh air a’ chraoibh ach dà ùbhal. Thug e aon ubhal dhith; mar sin cha tug e “ùbhlan” dhith. Agus dh’fhàg e aon ubhal oirre; mar sin cha robh “ùbhlan” oirre - dìreach ubhal.

Aaa, uill, ’s dòcha gu robh i airidh air na h-ùbhlan. Chan ann tric a bhios fear neo tè a’ dèanamh cleas air ministear! Co-dhiù, chan ann mi-thoilichte a bha Maighstir Stiùbhart. Thòisich a’ chùis deasbad air tòimhseachain Ghàidhlig air duilleagan an Inverness Courier, le mòran Ghàidheal a’ sgrìobhadh don ùghdar, ag innse dha tuilleadh thòimhseachan.

Agus tha sin gam thoirt air ais do thòimhseachan mo charaid ann an Geàrrloch. Agus seo e:

Chaidh biadh gu dithis

Aig ceann Loch Maruibh’.

Dh’ith am biadh an dithis,

’S chaidh am biadh dhachaigh a-rithist.

Seo e a-rithist:

Chaidh biadh gu dithis

Aig ceann Loch Maruibh’.

Dh’ith am biadh an dithis,

’S chaidh am biadh dhachaigh a-rithist.

Dè bh’ ann anns a’ bhiadh, agus dè bh’ ann anns an dithis?! Bheir mi am fuasgladh dhuibh an ath sheachdainn. Chun an uairsin, is mise, le meas….

Faclan na na Litreach: tlachd: pleasure; tòimseachan, tòimhseachain: riddle, riddles; cuspair: subject; a’ tadhal: visiting; Geàrrloch:Gairloch; Ros an Iar: Wester Ross; gu tur: completely, entirely; a’ sireadh: seeking; colbh: column; ùghdar: author; fuasgladh: solution; gàire: laugh, smile; còir: decent, good; sporsail: sporting, fun-loving; leth-shùileach: one-eyed; deasbad: debate; dh’ith: ate.

Abairtean na na Litreach: is aithne dhomh: I know, recognise; bha mi air dìochuimhneachadh mu dheidhinn: I had forgotten about it; ’s e tuiteamas a bh’ ann gu …:it was by chance that …; rudeigin air choreigin: something or other; an t-Ollamh Urramach Alasdair Stiùbhart: the Reverend Doctor Alexander Stewart (notice the order of the titles is the reverse of the English); gun sùilean: without eyes; cha tug e ùbhlan dhith: he did not take apples off her (craobh is feminine); cha do dh’fhàg e ùbhlan oirre: he did not leave apples on her; ciamar a dh’fhaodadh sin a bhith?: how could that be?; airidh air: deserving of; a’ dèanamh cleas air: playing a trick on.

Puing ghràmair na na Litreach: Nuair a choimheadas mi: when I look. This “as” or “eas” ending on the verb is known as the Relative Future and is used in various ways eg after nuair (when), ma (if), ged a (although). Nuair a leigeas mi a’ chraobh, cha bhi an leas cho dorch (when I fell the tree, the garden will not be so dark); ma bhios esan ann, chan fhuirich mi (if he is there, I won’t stay); ged a chanas e gu bheil e sgith, chan e an fhìrinn a th’aige (although he says he is tired, he is not speaking the truth). Note that this structure is only used in affirmative statements. If you are trying to make a negative statement, eg “although he will not be there…” a different structure is used. We will look at this in a later letter.

Tòimhseachan na na Litreach: The translation of the last riddle given is as follows: Food went to two at the head of Loch Maree, the food ate the two and the food went home again. With a little lateral thinking you should be able to work it out before I give the solution next week!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean