FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1028: Rann mun Chuthaig

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Rann mun Chuthaig

Gaelic Gàidhlig

Halò, a chàirdean. Bidh sibh a’ cluinntinn seo, air a’ chiad chraoladh co-dhiù, air an latha mu dheireadh dhen Mhàrt. Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh eun ainmeil Albannach a’ siubhal gu tuath tro thaobh an iar Afraga. Tha mi a’ ciallachadh na cuthaig.

ʼS dòcha nach eil e buileach ceart a bhith ag ràdh gur e eun ‘Albannach’ a th’ anns a’ chuthaig, oir bidh i a’ cur seachad a’ gheamhraidh ann am meadhan no taobh an iar Afraga. Agus bidh i a’ dol don Roinn Eòrpa air fad as t-samhradh – agus Àisia, a bharrachd. Tha e a’ toirt mu dhà mhìos dhi siubhal eadar a h-àiteachan geamhrachaidh ann an Afraga agus ceann a tuath na Roinn Eòrpa. Mar sin, faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil a’ chuthag air an rathad thugainn an-dràsta fhèin.

Dè cho tric ʼs a bhios a’ chuthag a’ fulang droch shìde? Glè ainneamh, chanainn. Oir bidh i a’ teicheadh o Alba ann am meadhan an t-samhraidh airson tilleadh a dh’Afraga, mus till am fuachd.

Tha rann snog againn ann an Gàidhlig a tha mu dheidhinn sin. Seo e: A chuthag ghorm, a chuthag ghorm, Tha iongnadh orm, gu dearbh, Mur eil thu subhach air gach àm, ʼS an Samhradh leat a’ falbh. Chan aithne dhuts’ droch shìd’ gu beachd, No sneachd no Geamhradh garbh, Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth, ʼS air àghmhorachd an sealbh.

               An aithne dhuibh am facal subhach – merry, cheerful, joyful? Mur eil thu subhach air gàch àm – mura h-eil thu toilichte, sona fad na h-ùine. Chan aithne dhut droch shìde, no sneachd – cha bhi fuachd a’ gheamhraidh a’ tighinn oirbh uair sam bith. Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth – tha thu cleachdte ri làithean ciùin, brèagha a’ Chèitein.
               Canaidh mi ann rann a-rithist, gus an tog sibh na faclan: A chuthag ghorm, a chuthag ghorm, Tha iongnadh orm, gu dearbh, Mur eil thu subhach air gach àm, ʼS an Samhradh leat a’ falbh. Chan aithne dhuts’ droch shìd’ gu beachd, No sneachd no Geamhradh garbh, Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth, ʼS air àghmhorachd an sealbh.

As t-samhradh sa chaidh, chuala mi a’ chuthag mar nach cuala mi riamh roimhe i. Bha mi fhìn ʼs mo bhean a’ seòladh a-mach gu eileanan air taobh an iar na Gàidhealtachd air latha blàth, grianach. Tha caolas cumhang eadar na h-eileanan far a bheil acarsaid bheag, agus chuir sinn an acair sìos an sin. Bha e iongantach fhèin brèagha, mar gun robh sinn air a dhol a phàrras!

Faisg air làimh, air an eilean siar, tha creag a’ stobadh an-àirde. Ma dh’èigheas sibh thar a’ chaolais bhon eilean air an taobh sear, gheibh sibh mac-talla a tha fìor mhath.

An ath mhadainn, bha na cuthagan a’ seinn – no, mar a chanas sinn, a’ goirsinn. Gug-gùg, gug-gùg. Bha iad air gach eilean, agus chanainn gun robh còig no sia de dh’eòin ann. Thòisich am mac-talla cuideachd. Agus bha e mar gun robh na ficheadan de chuthagan ann, agus iad a’ goirsinn fad na h-ùine, gun bheàrn de shàmhchair eatarra. Gug-gùg. Gug-gùg. Gug-gùg. Gug-gùg. Bha e mar gun robh còisir ann. Tha mi an dòchas nach bi e ro fhada gus an cluinn sinn uile cuthag na bliadhna sa. Gum bi turas math, sgiobalta, sàbhailte aice!

Faclan na Litreach: ainneamh: seldom; fuachd: cold; grianach: sunny; acarsaid: anchorage; acair: anchor; pàrras: paradise; a’ goirsinn: calling like a cuckoo (also crow); faoin: silly.

Abairtean na Litreach: Bidh sibh a’ cluinntinn seo, air a’ chiad chraoladh co-dhiù: you’ll be hearing this, at least on the first broadcast; air an latha mu dheireadh dhen Mhàrt: on the final day of March; bidh eun ainmeil Albannach a’ siubhal gu tuath tro thaobh an iar Afraga: a famous Scottish bird will be travelling north through western Africa; bidh i a’ cur seachad a’ gheamhraidh: it spends the winter; don Roinn Eòrpa air fad as t-samhradh:to the whole of Europe in summer; agus Àisia, a bharrachd: and Asia, in addition; a’ toirt mu dhà mhìos dhi siubhal eadar a h-àiteachan geamhrachaidh agus X: spends about two months travelling between her wintering places and X; gu bheil a’ chuthag air an rathad thugainn an-dràsta fhèin: that the cuckoo is on the way to us right now; a’ fulang droch shìde: suffering bad weather; a chuthag ghorm: o blue cuckoo; tha iongnadh orm: I wonder; ʼs an Samhradh leat a’ falbh: and with you goes the summer; chan aithne dhuts’ droch shìd’ gu beachd: you don’t know bad weather; no sneachd no Geamhradh garbh: nor snow nor rough winter; gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth: for you always have the May calm; ʼs air àghmhorachd an sealbh: and inherit pleasant times; tha thu cleachdte ri làithean ciùin, brèagha a’ Chèitein: you are used to calm, beautiful days of May; ma dh’èigheas sibh thar a’ chaolais bhon eilean air an taobh sear, gheibh sibh mac-talla: if you shout across the narrows from the island on the eastern side, you’ll get an echo; bha e mar gun robh na ficheadan de chuthagan ann, agus iad a’ goirsinn fad na h-ùine: it was as if there were dozens [twenties] of cuckoos there, calling all the time; gun bheàrn de shàmhchair eatarra: without a gap of silence between them; bha e mar gun robh còisir ann: it was as if there were a choir [còisir can also mean birdsong]; gum bi turas math, sgiobalta, sàbhailte aice: may she have a quick, safe journey.

Puing-chànain na Litreach: Mur eil thu subhach air gach àm : if you aren’t always joyful. Mur eil is an alternative form to mura h-eil ,which you will also find in the Litir. I could have said mura h-eil thu subhach air gach àm.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Gug-gùg : ‘cuckoo’ [the bird’s call in Gaelic].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 724

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean