FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1050: Rathad-iarainn Ullapuil

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Rathad-iarainn Ullapuil

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson ’s gun smaoinich sibh air turas fada. Tha sibh a’ tòiseachadh ann an Steòrnabhagh. Tha sibh a’ gabhail a’ bhàt’-aiseig gu ruige Ullapul. Tha sibh a’ leum air an trèana ann an Ullapul agus a’ dol a dh’Inbhir Nis. Tha sibh ag atharrachadh ann an Inbhir Nis, agus a’ falbh a Lunnainn air seirbheis rèile na h-oidhche, agus a’ ruigsinn Lunnainn tràth an ath mhadainn.

Nise, tuigidh sibh gu bheil mi ag aisling oir chan eil rathad-iarainn ann eadar Ullapul agus Inbhir Nis. Ach a bheil fios agaibh gun robh planaichean ann airson na leithid? Agus gun deach iad cho fada ’s gun robh achd pàrlamaid ann airson an sgeama.

Aig toiseach an t-samhraidh bha mi ann an Ullapul airson fèis bhliadhnail nan leabhraichean. Bha fear an sin, Andaidh Drummond, a thug seachad òraid gu math inntinneach. Tha Andaidh air a bhith a’ dèanamh rannsachadh air na rathaidean-iarainn a bha san amharc, aig deireadh an naoidheamh linn deug, ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd.

Carson a bhathar a’ beachdachadh air sgeamaichean mar sin? Bhathar gu mòr airson ceangal a dhèanamh eadar tìr-mòr agus Steòrnabhagh, mar dhòigh gus iasgach a bhrosnachadh, agus an t-iasg fhaighinn don mhargaidh anns na bailtean mòra gu sgiobalta.

Aig an àm sin, eadar ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885) agus ochd ceud deug is naochad (1990) bha na rathaidean-iarainn agus na seirbheisean rèile ann an làmhan chompanaidhean prìobhaideach. Duine sam bith a dh’iarradh loidhne-rèile ùr a thogail, dh’fheumadh e an dàrna cuid airgead prìobhaideach fhaighinn no a dhol an co-bhuinn ri companaidh a bha mu-thràth a’ ruith seirbheis.

Am measg na bha ag iarraidh ceangal a dhèanamh eadar Gairbh is Ullapul, bha Clann ’ic Mhathain, leis an robh Eilean Leòdhais agus Ullapul, agus Sir John Fowler, a dhealbhaich Drochaid Rèile Fhoirthe.

Tha na planaichean airson an rathaid-iarainn fhathast rim faicinn. Bha e a’ dol a dh’fhàgail na loidhne eadar Inbhir Pheofharain agus An Sròm aig Gairbh. Bhiodh e a’ leantainn na h-aibhne suas – an ìre mhath mar a tha an rathad a dh’Ullapul an-diugh. Cha robh cus ann a bhiodh duilich do dh’einnseanair gus an ruigeadh iad Glòm Choire Shalach aig a’ Bhràigh Mhòr. Tha ceud troigh de dhoimhneachd anns a’ ghlòm an sin agus an uair sin, tha an t-slighe cas gus an ruigear ceann Locha Bhraoin. Bha an t-einnseanair, Murchadh Mac Pheadrais, a’ moladh gun rachadh an trèana tro thunail sia ceud slat a dh’fhaid air an t-slighe don loch.

Bha an sgeama a’ dol a chosg suas ri cairteal a’ mhillein not agus chaidh achd pàrlamaid a chur troimhe ann an ochd ceud deug is naochad (1890) airson an leasachadh a cheadachadh. Bha trì bliadhna aca airson tòiseachadh air an obair-thogail.

Agus dè thachair? Uill, dh’fhàilnich air an luchd-leasachaidh an t-ionmhas a chur ri chèile agus, an dèidh trì bliadhna, chaidh achd pàrlamaid eile troimhe – The Garve and Ullapool Railway (Abandonment) Act, agus b’ e sin deireadh an sgeòil. Gu ruige seo, co-dhiù. Chì sinn an tèid an sgeama ath-bheothachadh anns an ùine romhainn. Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: Steòrnabhagh: Stornoway; a’ leum: jumping; Clann ’ic Mhathain: the Mathesons; Inbhir Pheofharain: Dingwall.

Abairtean na Litreach: a’ gabhail a’ bhàt’-aiseig gu ruige Ullapul: taking the ferry to Ullapool; a’ falbh a Lunnainn air seirbheis rèile na h-oidhche: going to London on the sleeper rail service; tuigidh sibh gu bheil mi ag aisling: you’ll understand that I’m dreaming; na rathaidean-iarainn a bha san amharc: the railway lines that were in view; ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd: the north-west Highlands; An Luirg gu Lusard: Lairg to Laxford; Cùl Ràthain gu Loch an Inbhir:Culrain to Lochinver; Ach na Sìne gu Allt Beithe:Achnasheen to Aultbea; Gairbh gu Ullapul:Garve to Ullapool; cha deach gin dhiubh a thogail: none of them were built; is mòr am beud: more’s the pity; bhathar gu mòr airson ceangal a dhèanamh eadar tìr-mòr agus Steòrnabhagh: there was a strong desire to link the mainland with Stornoway; an t-iasg fhaighinn don mhargaidh anns na bailtean mòra gu sgiobalta: to get the fish quickly to market in the cities; ann an làmhan chompanaidhean prìobhaideach: in the hands of private companies; dh’fheumadh e an dàrna cuid airgead prìobhaideach fhaighinn no a dhol an co-bhuinn ri companaidh a bha mu-thràth a’ ruith seirbheis: he would have to either get private money or to work with a company that was already running a service; leis an robh Eilean Leòdhais: who owned the Isle of Lewis; a dhealbhaich Drochaid Rèile Fhoirthe:who designed the Forth Rail Bridge; a’ leantainn na h-aibhne suas: following the river up; gus an ruigeadh iad Glòm Choire Shalach aig a’ Bhràigh Mhòr: until they reached the Corrieshalloch Gorge at Braemore; tha ceud troigh de dhoimhneachd anns a’ ghlòm: the chasm is a hundred feet deep; gus an ruigear ceann Locha Bhraoin: until the head of Loch Broom is reached; dh’fhàilnich air an luchd-leasachaidh an t-ionmhas a chur ri chèile: the developers failed to put the money together; chì sinn an tèid an sgeama ath-bheothachadh: we’ll see if the scheme is reinvigorated.

Puing-chànain na Litreach: na planaichean airson an rathaid-iarainn: the plans for the railway line. The old traditional Gaelic for ‘railway line’ was rathad-iarainn ‘iron road’ and it is still used as an alternative to loidhne-rèile. It is a compound noun in which the basic word is rathad, so it is rathad that inflects for case. After airson it takes the slenderised genitive form rathaid.

Gnàthas-cainnt na Litreach: rim faicinn : to be seen.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 746

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean