FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1057: Ruaig na Mòighe (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ruaig na Mòighe (1)

Gaelic Gàidhlig

Ann an Litir ceud, ceathrad ’s a h-aon (141), dh’inns mi dhuibh mu bhana-ghaisgeach Ghàidhealach a tha ainmeil ann an eachdraidh ar-a-mach nan Seumasach. B’ ise Anna Nic an Tòisich. Ann am Beurla, bha am far-ainm oirre ‘Colonel Anne’.

O chionn ghoirid bha mi anns a’ Mhòigh, nach eil fada o Inbhir Nis. ’S e àite sàmhach, sìtheil a th’ ann an-diugh, le loch àlainn air a chuairteachadh le coille. Tha e eucoltach ris mar a bha e air an t-siathamh latha deug dhen Ghearran, seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746) nuair a bha am Prionnsa Òg ann – dà mhìos chun an latha ro Bhlàr Chùil Lodair. Cha robh a’ Mhòigh buileach cho sàmhach an uair sin.

Thig mi gu sin an ceartuair. Ach an toiseach, tha mi airson innse dhuibh mu Anna Nic an Tòisich. B’ e sin a h-ainm às dèidh dhi pòsadh. Rugadh i ann an seachd ceud deug, fichead ’s a trì (1723) do dh’Iain MacFhearchair à Inbhir Call. Bha Iain na Sheumasach gu a smior. Bha, agus Anna fhèin.

Bha Anna gu math bòidheach. Nuair a bha i gu bhith ochd bliadhn’ deug a dh’aois, phòs i fear a bha mòran na bu shine na i. B’ esan Aonghas, ceann-cinnidh Clann ’ic an Tòisich – an dàrna ceannard air fhichead dhen chinneadh sin. Cha robh esan na Sheumasach idir. Gu dearbh, ’s ann air taobh nan Hanoibhèirianach a bha e.

Ged a bha an duine aice ann an arm nan Hanoibhèirianach, mar phàirt de rèisimeid a’ Mhorair Loudon, bha Anna trang ann a bhith a’ cruinneachadh shaighdearan airson a’ Phrionnsa. Thathar ag ràdh, taobh a-staigh ceala-deug, gun tug i a-steach sia ceud duine ann an adhbhar Theàrlaich Òig. Nam measg bha mòran a bhuineadh do Chloinn ’ic an Tòisich.

Air an t-siathamh latha deug dhen Ghearran seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746), bha Aonghas ann an Inbhir Nis cuide ri rèisimeid a’ Mhorair Loudon. Air an dearbh latha sin, thàinig am Prionnsa Òg a dh’fhuireach anns a’ Mhòigh còmhla ri Anna. Fhuair Loudon fios bho neach-brathaidh gun robh Teàrlach Òg anns a’ Mhòigh, gun ach feachd beag de Chamshronaich ga dhìon.

Bha am Prionnsa a-nise ann am fìor chunnart. Rinn am Morair Loudon agus mìle gu leth saighdear air a’ Mhòigh airson grèim fhaighinn air. Ach bha gille air a dhol na dheann à Inbhir Nis gu ruige a’ Mhòigh airson rabhadh a thoirt don Phrionnsa gun robh a nàimhdean air a thòir. Tha cuid dhen bheachd gur e Mac an Tòisich a dh’iarr air a’ ghille a dhol ann, ann an dìomhaireachd.

Sa mhionaid a fhuair i an naidheachd, chuir Anna gobha na Mòighe, Dòmhnall Friseal, agus ceathrar luchd-taice gu àite eadar Inbhir Nis agus a’ Mhòigh airson sùil a chumail air an rathad. Bha fìor dhroch shìde ann. Bha an còignear fhear sgapte sa mhonadh eadar cruachan mònach, oir bha iad ann an àite far am biodh muinntir na Mòighe a’ buain na mònach.

Nuair a chunnaic iad na saighdearan Hanoibhèirianach a’ tighinn, dh’iarr Dòmhnall air càch fuaim a dhèanamh agus an cuid ghunnaichean a losgadh. A rèir aithris, dh’èigh iad na sluagh-ghairmean aig fineachan Seumasach. Dh’èigh Dòmhnall fhèin, ‘Air adhart, a bhalachaibh. Cha chreid mi nach eil na madaidhean againn a-nise!’

Agus dè rinn rèisimeid mhòr Loudon? Innsibh mi dhuibh an-ath-sheachdain!

Faclan na Litreach : Anna Nic an Tòisich: Anne Mackintosh; sàmhach, sìtheil: quiet and peaceful; an ceartuair: presently; Iain MacFhearchair à Inbhir Call: John Farquharson of Invercauld; rèisimeid a’ Mhorair Loudon: Lord Loudon’s regiment; neach-brathaidh: spy.

Abairtean na Litreach : mu bhana-ghaisgeach Ghàidhealach a tha ainmeil ann an eachdraidh ar-a-mach nan Seumasach: about a Gaelic heroine who is famous in the history of the Jacobite rebellion; anns a’ Mhòigh, nach eil fada o Inbhir Nis: in Moy, which isn’t far from Inverness; loch àlainn air a chuairteachadh le coille: a beautiful loch surrounded by forest; dà mhìos chun an latha ro Bhlàr Chùil Lodair: two months to the day before the Battle of Culloden; phòs i fear a bha mòran na bu shine na i: she married a man who was much older than her; an dàrna ceannard air fhichead dhen chinneadh sin: the 22nd head of that clan; ’s ann air taobh nan Hanoibhèirianach a bha e: he was on the side of the Hanoverians; mòran a bhuineadh do Chloinn ’ic an Tòisich: many who belonged to the Mackintosh clan; ann an adhbhar Theàrlaich Òig: in the cause of Bonnie Prince Charlie; gun ach feachd beag de Chamshronaich ga dhìon: protected only by a small force of Camerons; airson rabhadh a thoirt don Phrionnsa gun robh a nàimhdean air a thòir: to warn the Prince that his enemies were in pursuit of him; a dh’iarr air a’ ghille a dhol ann, ann an dìomhaireachd: who asked the lad to go there, in secret; gobha na Mòighe, Dòmhnall Friseal, agus ceathrar luchd-taice: the smith of Moy, Donald Fraser, and four assistants; bha an còignear fhear sgapte sa mhonadh eadar cruachan mònach: the five men were scattered across the hill between peat stacks; dh’iarr Dòmhnall air càch fuaim a dhèanamh agus an cuid ghunnaichean a losgadh: Donald asked the others to make a noise and to fire their guns; dh’èigh iad na sluagh-ghairmean aig fineachan Seumasach: they shouted the slogans of Jacobite clans.

Puing-chànain na Litreach: eucoltach ris mar a bha e air an t-siathamh latha deug dhen Ghearran: unlike how it was on the sixteenth [day] of February. Remember that when we count ordinal numbers in the teens, with a noun, that the noun goes between the basic number and deug ‘teen’. This is common when we talk about dates eg air an t-seachdamh latha deug dhen Lùnastal ‘on the seventeenth of August’, air an naoidheamh latha deug dhen Dùbhlachd ‘on the nineteenth of December’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha Iain na Sheumasach gu a smior: John was a Jacobite to his core (‘to his marrow’).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 753

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean