107: Soraidh Slàn le Fionnairigh
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Soraidh Slàn le Fionnairigh
Èirich agus tiugainn o,
Èirich agus tiugainn o,
Èirich agus tiugainn o,
Mo shoraidh slàn le Fionnairigh
Tha mi an dùil gu bheil a’ chuid mhòr agaibh eòlach air na faclan sin, agus air an òran às an tàinig iad. Seo a’ chiad rann dheth:
Tha an latha math, ’s an soirbheas ciùin,
Tha an ùine a’ ruith, ’s an t-àm dhuinn dlùth,
Tha am bàt’ gam fheitheamh fo a siùil,
Gam thoirt a-null à Fionnairigh.
’S e tiotal an òrain “Soraidh Slàn le Fionnairigh” agus tha e mu dheidhinn àite ann Morbhairne, mu choinneamh Eilein Mhuile. Ach cò sgrìobh e? Dh’fhaodainn a ràdh gun deach a sgrìobhadh leis an Ollamh Urramach Tormod MacLeòid, air an robh am frith-ainm, “Caraid nan Gàidheal”, agus a bha uaireigin gu math ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig, ach cha bhiodh sin buileach ceart. Feumaidh mi mìneachadh.
Bha Tormod MacLeòid beò eadar na bliadhnaichean seachd ceud deug, ochdad ’s a trì (1783) agus ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862). ’S e gille a’ mhans’ a bh’ ann. Rugadh e agus thogadh e ann am Fionnairigh far an robh athair na mhinistear.
Chaidh Tormod a-steach don mhinistrealachd e fhèin, agus bha e an toiseach ann am Muile, agus an uair sin ann an àiteachan eile air tìr-mòr Earra-Ghàidheal. Ghluais e don Ghalldachd às dèidh sin agus bha e greis ann an Siorrachd Shruighlea agus ann an Glaschu, far an do ghabh e ceum-ollaimh ann an Diadhaireachd. Bha e na Mhodaràtair do dh’Eaglais na h-Alba ann an ochd ceud deug, trithead ’s a sia (1836).
Bha e math math mar shearmonaiche, gu h-àraidh ann an Gàidhlig, agus choisinn e cliù dha fhèin ann an Èirinn, far an d’ rachadh e bho àm gu àm. Bha Gàidhlig na h-Èireann aige gu fileanta, agus chruthaich e fhèin is fear Èireannach, eatarra, leabhar de shailm ann an Gaeilge airson Eaglais na h-Èireann.
Ach tha e air a chuimhneachadh an-diugh gu seachd àraidh airson dà rud – an obair a rinn e airson na Gàidhlig ann an Alba, agus na rinn e às leth nan daoine bochda air a’ Ghàidhealtachd. ’S ann air sgàth sin a chuireadh am frith-ainm air “Caraid nan Gàidheal”. Tha an teacs airson òraid a thug e seachad turas ann an Lunnainn fhathast againn, agus tha e a’ togail dealbh dhuinn dhen dòrainn a bha a’ bualadh air an t-sluagh aig an àm. Sluagh gun obair, gun airgead is, ann an cuid de dh’àiteachan, gun bhiadh. Bha Tormod MacLeòid ag iarraidh an cuideachadh.
Agus bha e na shàr-Ghàidheal. Thòisich e iris Ghàidhlig, an Teachdaire Gaelach, ann an ochd ceud deug is naoi ar fhichead (1829). Bha i làn artaigilean mu dheidhinn cuspairean cho farsaing ri eachdraidh, poilitigs an latha, cruinn-eòlas, saidheans is creideamh. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do mhair an Teachdaire ach dà bhliadhna.
Dh’fheuch e a-rithist le iris eile, Cuairtear nan Gleann, ann an ochd ceud deug is ceathrad (1840) ach mhair sin dìreach trì bliadhna. Anns an eadar-ama, ge-tà, rinn e obair air faclair agus air grunn leabhraichean eile. Agus bha e an sàs ann a bhith a’ brosnachadh Eaglais na h-Alba gus barrachd a dhèanamh airson foghlam nan Gàidheal.
Ach dè mu dheidhinn “Soraidh Slàn le Fionnairigh”? Carson a thuirt mi nach b’ e Tormod MacLeòid fhèin a bha buileach air a sgrìobhadh? Bha mi a’ ciallachadh gun do sgrìobh e ann am Beurla e, mar “Farewell to Fiunary” agus gur e Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich a dh’eadar-theangaich gu Gàidhlig e. Ach chanainn gum biodh Tormod MacLeòid toilichte gu bheil an t-òran nas ainmeile an-diugh anns a’ chànan aige fhèin dhan do rinn e uiread o chionn còrr is ceud gu leth bliadhna.
Faclan na Litreach: èirich: arise; tiugainn (or thugainn or chugainn): come, let’s go; soraidh slàn: farewell; an t-Ollamh Urramach: The Reverend Doctor; ceum-ollaimh: doctorate; Diadhaireachd: divinity; Modaràtair: Moderator: searmonaiche: preacher; sailm: psalms; Eaglais na h-Èireann: Church of Ireland; frith-ainm: nickname; teacs: text; iris: periodical; teachdaire: messenger; cruinn-eòlas: geography; cuairtear: visitor, sojourner; brosnachadh: encourage; Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich: Archibald Sinclair.
Abairtean na Litreach: tha an latha math, ’s an soirbheas ciùin: the day is good and the wind gentle; tha an ùine a’ ruith, ’s an t-àm dhuinn dlùth: time is moving on and the moment (of departure) approaches; tha am bàt’ gam fheitheamh fo a siùil: the boat awaits me under her sails; gam thoirt a-null à Fionnairigh: to take me over from Fiunary; Caraid nan Gàidheal: Friend of the Gaels; cha bhiodh sin buileach ceart: that wouldn’t be completely correct; far an d’ rachadh e bho àm gu àm: where he would go from time to time; tha e air a chuimhneachadh gu seachd àraidh airson dà rud: he is remembered particularly for two things; tha e a’ togail dealbh dhuinn dhen dòrainn a bha a’ bualadh air an t-sluagh aig an àm: it gives us a picture of the hardship that was afflicting the people at the time; cha do mhair e ach dà bhliadhna: it only lasted two years; dhan do rinn e uiread o chionn còrr is ceud gu leth bliadhna: for which he did so much over 150 years ago.
Puing ghràmair na Litreach: Bha Tormod MacLeòid ag iarraidh an cuideachadh: Norman MacLeod wanted to help them. The grammatical point I want to make here concerns the fact that, despite verbal nouns normally governing a following noun in the genitive, eg tha mi ag iarraidh na h-obrach, we do not say bha X ag iarraidh an cuideachaidh, but bha X ag iarraidh an cuideachadh (Note the important point that “cuideachadh” is also a verbal noun). The reason concerns the “an” before “cuideachadh” being a possessive pronoun (“their”), and is given succinctly by Calder in his Gaelic Grammar (p 166), which I repeat here: “A Possessive Pronoun accompanying a verbal noun, and following a word that governs the genitive, prevents the verbal noun from being thrown into the genitive.” He gives the example, “bha aon neo dhà ag iarraidh mo phòsadh” (one or two were seeking to marry me). It is mo phòsadh, NOT mo phòsaidh. The same applies to other causes of genitivisation eg complex prepositions: bha e airson mo bhreabadh (he wanted to kick me); bha sin às dèidh a naomhachadh (that was after sanctifying him).
Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S e gille a’ mhansa a bh’ ann. He was a son of the manse (ie his father was a minister).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn