1073: Clach an Fhithich (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Clach an Fhithich (1)
Tha mi airson seann stòiridh innse dhuibh, air a bheil Clach an Fhithich. Buinidh e do sgìre Loch Ìnnse ann am Bàideanach. Anns a’ cheathramh linn deug, bha fear, Iain Bàn – Iain Mac a’ Phearsain – a’ fuireach ann am baile beag ris an cainte Baile na Creige. ’S e fear mòr, làidir a bh’ ann. Bha e naoi bliadhn’ deug a dh’aois, agus cha robh e pòsta. Bha e aithnichte mar an duine a bheireadh bratach a chinn-chinnidh air blàr-catha. B’ e a cheann-cinnidh Fear Inbhir Fheithisidh.
Latha a bha seo, bha Iain a’ sealg anns a’ choille faisg air an taigh aige. Chunnaic e seabhag an tòir air corra-ghritheach. Goirid an dèidh sin, mharbh an t-seabhag a’ chorra-ghritheach. Chaidh Iain gu far an robh an dà eun. An sin, bha boireannach air muin eich, agus gille ga frithealadh. Bha iad an sàs ann an argamaid le dithis fhorsairean aig an uachdaran.
Chunnaic am boireannach Iain. ‘Trobhad an seo,’ ghuidh i air. ‘’S ann leamsa a tha an t-seabhag seo, agus tha na fir seo a’ diùltadh a toirt seachad.’
‘Mharbh an t-seabhag corra-ghritheach air fearann mo mhaighstir,’ thuirt fear de na forsairean. ‘A rèir an lagh, ’s ann leis-san a tha i.’
‘Ge-tà,’ ars am boireannach, ‘bha a’ chorra-ghritheach air fearann m’ antaidh air taobh thall Uisge Spè nuair a thòisich an ruaig. Lean an t-seabhag a’ chorra-ghritheach thar na h-aibhne. Thàinig sinn tarsainn na h-aibhne aig an àth. Cha deach na h-eòin às mo shealladh uair sam bith. A rèir an lagh, ’s ann le m’ antaidh a tha an dà eun.’
‘Thoiribh an t-seabhag air ais don bhoireannach seo,’ thuirt Iain ris na forsairean. ‘A reir lagh na coille, ‘’s ann leathase a tha i.’
‘Cùm do shròn a-mach às a’ ghnothach,’ thuirt am forsair. ‘ An rud nach buin dhut, na buin dha.’
Chaidh a’ chùis gu sabaid-dhòrn. Rinn Iain Bàn an gnothach air na forsairean. Fhad ’s a bha seo a’ dol air adhart, dh’itealaich an t-seabhag air ais gu caol-dùirn a’ bhoireannaich. Theich na forsairean, agus thionndaidh am boireannach gu Iain. ‘Taing mhòr dhut,’ ars ise. ‘Nach inns thu dhomh d’ ainm.’
‘Is mise Iain Bàn, an suaicheantaiche aig Fear Inbhir Fheithisidh,’ fhreagair Iain.
‘Is mise Eilidh Nic an Tòisich,’ thuirt am boireannach. ‘Tha mi a’ fuireach aig m’ antaidh, Bean-uasal Nic an Tòisich Dhùn Neachdain.’
‘Ah,’ arsa Iain. ‘B’ fheàrr leam nach buineadh tu do na h-uaislean.’
‘Carson sin?’ dh’fhaighnich Eilidh.
‘Oir bu mhath leam a bhith nad chuideachd a-rithist,’ thuirt Iain.
‘Bidh sin ceart gu leòr,’ ars Eilidh. ‘Bidh mi a’ gabhail cuairt air muin eich gach latha air a’ chluain ud thall. Cha bhi còmhla rium ach an gille frithealaidh agam, Ruairidh, agus tha esan dìleas dhomh.’
‘Ach bidh an abhainn eadarainn,’ ars Iain.
‘Ist,’ fhreagair Eilidh. ‘Tha e furasta faighinn a-null ’s a-nall aig an àth.’
Leig an dithis soraidh le chèile, agus thill Iain a Bhaile na Creige. An ceann latha no dhà, chaidh Iain tarsainn Uisge Spè aig an àth, airson coinneachadh ri Eilidh. Cha robh fios aig duine gun robh seo a’ dol air adhart, ach a-mhàin Ruairidh, an gille frithealaidh. Ge-tà, thàinig uisge mòr an fhoghair, agus bha an abhainn ro dhomhainn airson faighinn tarsainn. Dè thachair an uair sin? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: Clach an Fhithich: The Raven’s Stone; pòsta: married; a’ sealg: hunting; àth: ford; sabaid-dhòrn: fisticuffs; suaicheantaiche: standard-bearer; Eilidh Nic an Tòisich: Helen Mackintosh; Bean-uasal Nic an Tòisich Dhùn Neachdain: Lady Mackintosh of Dunachton; ist: be quiet; ach a-mhàin: except for.
Abairtean na Litreach: Buinidh e do sgìre Loch Ìnnse ann am Bàideanach: it belongs to the area of Loch Insh in Badenoch; naoi bliadhn’ deug a dh’aois: nineteen years of age; aithnichte anns an sgìre mar an duine a bheireadh bratach a chinn-chinnidh air blàr-catha: recognised in the area as the man who would take the clan chief’s banner on the battlefield; seabhag an tòir air corra-ghritheach: a falcon in pursuit of a heron; bha boireannach air muin eich, agus gille ga frithealadh: there was a woman on horseback, with a ghillie assisting her; le dithis fhorsairean aig an uachdaran: with two of the landlord’s foresters; ‘Trobhad an seo,’ ghuidh i air: ‘Come here,’ she asked of him; tha na fir seo a’ diùltadh a toirt seachad: these men are refusing to hand it over; fearann mo mhaighstir: the land of my master; a rèir an lagh, ’s ann leis-san a tha i: according to the law, it belonged to her; air taobh thall Uisge Spè nuair a thòisich an ruaig: on the far side of the River Spey when the pursuit began; às mo shealladh uair sam bith: out of my sight at any time; ’s ann leathase a tha i: it belongs to her; dh’itealaich an t-seabhag air ais gu caol-dùirn a’ bhoireannaich: the falcon flew back to the woman’s wrist; nach inns thu dhomh d’ ainm: won’t you tell me your name; a bhith nad chuideachd a-rithist: to be in your company again; tha esan dìleas dhomh:he is loyal to me; bidh an abhainn eadarainn: the river will be between us; thàinig uisge mòr an fhoghair, agus bha an abhainn ro dhomhainn airson faighinn tarsainn: the big autumn rains came, and the river was too deep to get across.
Puing-chànain na Litreach: Fear Inbhir Fheithisidh : The Laird of Invereshie. Fear with a capital ‘F’ traditionally stands for the laird of a Highland estate, most notably when the clan chiefs were still supreme eg Fear na Comraich ‘the Mackenzie laird of Applecross’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: : An rud nach buin dhut, na buin dha: Mind your own business.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 769
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn