FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1074: Clach an Fhithich (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Clach an Fhithich (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd Clach an Fhithich a tha stèidhichte ann am Bàideanach. Bha Iain Bàn à Baile na Creige agus Eilidh Nic an Tòisich à Dun Neachdain a’ coinneachadh gu tric faisg air Uisge Spè far a bheil an abhainn a’ dol a-steach a Loch Ìnnse. Dh’fheumadh Iain a dhol tarsainn na h-aibhne aig an àth.

Thàinig uisge mòr an fhoghair, agus cha robh comas aige a dhol a-null tuilleadh. An uair sin, thàinig reothadh a’ gheamhraidh agus bha comas aig Iain coiseachd a-null ʼs a-nall air an deigh. Ge-tà, bhiodh iomadach duine a’ spèileadh air an abhainn reòite is air an loch, agus cha robh prìobhaideachd aig Iain is Eilidh airson a bhith ri suirghe. Chuir antaidh Eilidh – Bean-uasal Dhùn Neachdain – casg air Eilidh bho bhith a’ spèileadh no a’ coinneachadh ri leithid de dhuine cumanta mar Iain Bàn. Ged a dh’fheuch Iain ri brath a chur gu Eilidh, dh’fhàilnich air.

Latha a bha seo, choinnich e ri gobha a bha a’ fuireach faisg air Baile na Creige – fear ris an canadh iad ‘Donnchadh na Dà Òrdaig’. Bha fios aig Iain gun robh Donnchadh dìreach air a bhith ann an Dùn Neachdain. ‘An cuala tu dad air Eilidh?’ dh’fhaighnich e.

‘Chuala, gu dearbh,’ arsa Donnchadh. ‘Tha i na prìosanach na seòmar fhèin, agus chan fhaigh duine faisg oirre.’

‘Tha sin duilich,’ thuirt Iain. ‘ Saoil an toireadh tu litir dhi bhuam?’

‘Ist,’ arsa Donnchadh. ‘Bhithinn ann an cunnart mo bheatha nan dèanainn sin. Chaill an gille-frithealaidh aig Eilidh – Ruairidh – a cheann dìreach an-dè airson na coinneamhan eadar thu fhèin is Eilidh a chumail dìomhair bhon Bhean-uasal.’

‘Hut!’ dh’èigh Iain. ‘Tha sin uabhasach!’

Bhruidhinn an dithis airson greis, agus dh’aontaich an gobha litir a thoirt do dh’Eilidh. Sgrìobh Iain an litir agus thug Donnchadh leis i an ath thuras a chaidh e a-null a Dhùn Neachdain. Ach cha do thill Donnchadh dhachaigh. Latha an dèidh latha, bha Iain a’ feitheamh fios bho Dhonnchadh no bho Eilidh fhèin.

Chunnaic athair Iain mar a bha an gnothach a’ toirt buaidh air a mhac. Thug e Iain don taobh agus thuirt e rudeigin neònach ris. ‘Bhiodh fuasgladh ann nam biodh Clach an Fhithich agad,’ thuirt e.

‘Dè th’ ann an Clach an Fhithich?’ dh’fhaighnich Iain.

‘Dh’inns do sheanair dhomh mu a deidhinn, agus tha mi ga chreidsinn,’ dhearbh athair. ‘Bidh thu a’ toirt uighean à nead fithich. Bidh thu gan goil agus an uair sin gan cur air ais san nead. Bidh fios aig an fhitheach gu bheil na h-uighean millte. Teichidh e bhon nead. Ach, air an treas latha, tillidh am fitheach agus bidh clach bheag na ghob. Bidh e a’ suathadh na cloiche ris na h-uighean, agus bidh na h-uighean a’ tighinn torach is beò a-rithist. Ma tha duine air a bhith a’ coimhead seo, agus ma gheibh e grèim air a’ chloich, bidh comas aige a dhèanamh fhèin do-fhaicsinneach.’

‘Ciamar?’ dh’fhaighnich Iain.

‘Uill, ma chuireas e a’ chlach na bheul, bidh e do-fhaicsinneach,’ thuirt athair. ‘Airson a bhith faicsinneach a-rithist, cuiridh e a’ chlach na phòcaid.’

‘Tha sin iongantach,’ thuirt Iain. ‘Dh’fhaodainn a dhol a-null a Dhùn Neachdain, agus mi do-fhaicsinneach. Cha bhiodh fios aig a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich gun robh mi ann.’

‘Dìreach,’ thuirt athair. ‘Nise, feumaidh sinn nead fithich a lorg.’

Faclan na Litreach: Clach an Fhithich: The Raven’s Stone; Dun Neachdain: Dunachton; deigh: ice; casg: ban; dh’fhàilnich air: he failed; gobha: blacksmith; Donnchadh na Dà Òrdaig: Duncan of the Two Thumbs.

Abairtean na Litreach: tarsainn na h-aibhne aig an àth: across the river at the ford; uisge mòr an fhoghair: the great rains of autumn; cha robh comas aige a dhol a-null tuilleadh: he no longer had the ability to go across; a’ spèileadh air an abhainn reòite: skating on the frozen river; cha robh prìobhaideachd aig Iain is Eilidh airson a bhith ri suirghe: Iain and Helen had no privacy for courting; tha i na prìosanach na seòmar fhèin: she is a prisoner in her own room; chaill an gille-frithealaidh a cheann dìreach an-dè airson na coinneamhan eadar thu fhèin is Eilidh a chumail dìomhair bhon Bhean-uasal: the ghillie lost his head just yesterday for keep the meetings between yourself and Helen secret from the Lady; mar a bha an gnothach a’ toirt buaidh air a mhac: how the matter was affecting his son; bhiodh fuasgladh ann nam biodh Clach an Fhithich agad: there would be a solution if you had the Raven’s Stone; dh’inns do sheanair dhomh mu a deidhinn: your grandfather told me about it; bidh thu gan goil agus an uair sin gan cur air ais san nead: you boil them and then return them to the nest; air an treas latha, tillidh am fitheach agus bidh clach bheag na ghob: on the third day, the raven will return with a small stone in its beak; a’ suathadh na cloiche ris na h-uighean:rubs the stone on the eggs; torach is beò a-rithist: fertile and alive again; ma chuireas e a’ chlach na bheul, bidh e do-fhaicsinneach: if he puts the stone in his mouth, he becomes invisible; airson a bhith faicsinneach a-rithist, cuiridh e a’ chlach na phòcaid: to be visible once more, he puts the stone in his pocket.

Puing-chànain na Litreach: Bhithinn ann an cunnart mo bheatha nan dèanainn sin: I would be in danger of my life if I did that. These are both [independent and dependent] forms of the first person conditional – the first the verb ‘to be’ and the latter the irregular verb dèan ‘do, make’. Dhèanainn cinnteach ‘I would make certain’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Saoil an toireadh tu litir dhi bhuam?: would you mind taking her a letter from me?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 770

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean