FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1077: An Iolair-bhuidhe

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Iolair-bhuidhe

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha mi òg, bhiomaid a’ dol don Chomraich, ann an Ros an Iar, air saor-làithean gach samhradh. Bha mo sheanmhair is m’ antaidh a’ fuireach ann, agus bhiomaid a’ dol ann airson am faicinn. Chòrd an t-àite gu mòr rium, mar a chòrdas fhathast, agus cha robh càil na b’ fheàrr na bhith a’ falbh air chuairt sa mhonadh, no ann an eathar aig muir.

Timcheall na bliadhna naoi ceud deug, seasgad ʼs a h-aon (1961), nuair a bha mi gu math òg, dh’fhalbh m’ athair, mo mhàthair ʼs mi fhìn air chuairt gu àite iomallach air a bheil an Àirigh Dhriseach. Tha e grunn mhìltean bho rathad nan carbadan-ola, mar a chanadh na seann daoine. Dh’fheumadh tu coiseachd air ceum garbh – mar a dh’fheumas fhathast.

Bha an latha brèagha agus blàth, agus ʼs fhiach a chuimhneachadh airson sin a-mhàin. Ach thachair rudeigin iongantach air an turas don Àirigh Dhrisich a tha a’ ciallachadh gu bheil an latha sin a’ seasamh a-mach ann an sùil mo chuimhne. Lorg sinn iolair mharbh na laighe air an talamh, faisg air a’ cheum. Iolair-bhuidhe a bha mòr is brèagha.

Dè thug bàs dhi? Uill, bha i air itealaich a-steach gu uèirichean-dealain. Cha robh na pòlaichean is uèirichean air a bhith ann fada. Fhuair a’ Chomraich cumhachd an dealain dìreach ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a còig (1955).

Nuair a thill mi gu sgoil, bha agam ri èirigh air beulaibh a’ chlas agam airson innse dhaibh dè rinn mi sna saor-làithean samhraidh. Dh’inns mi dhaibh mun iolair mharbh, agus bha iad beò-ghlacte leis mo chunntas. Airson dearbhadh dhaibh gur e an fhìrinn a bh’ agam, thug mi leam ite sgèithe a tharraing mi bhon eun. Bha i na comharra de bhòidhchead nàdair – agus bòidhchead na Gàidhealtachd.

O chionn ghoirid, bha mi a-staigh aig fear air a’ Chomraich, a’ gabhail seanchas. Ghluais esan don sgìre mu thrithead bliadhna air ais. Dh’inns mi dha mun iolair mharbh a lorg sinn o chionn faisg air seasgad bliadhna, agus leum e far a chathrach, le dealas na shùilean. ‘Tha sin iongantach,’ thuirt e. ‘Thig an ath-dhoras cuide rium.’

Chaidh sinn gu seòmar eile agus chuir mo charaid an solas air. Ann an oisean an t-seòmar, bha cèis ghlainne le iolair-bhuidhe mhòr na broinn. Bha i air a bhith air a gleidheadh le taxidermist ann an Sasainn, agus abair gun do rinn e seoba math. Bha an iolair brèagha.

‘A bheil fios agad far an d’ fhuair mi an iolair?’ dh’fhaighnich mo charaid.

‘Chan eil, gu dearbh,’ fhreagair mise.

‘Anns a’ mhonadh air ar slighe don Àirigh Dhrisich,’ thuirt e. ‘Mòran bhliadhnaichean as dèidh gun do lorg thu fhèin tè anns an aon sgìre, cha mhòr anns an aon àite.’

‘Dè thug bàs dhi?’ dh’fhaighnich mi.

‘Nach eil fhios agad?’ thuirt mo charaid. ‘Dh’itealaich i a-steach gu na uèirichean-dealain. Feumaidh gun robh i a’ dol aig astar, oir dh’inns an taxidermist dhomh gun do bhris i a h-amhaich. ʼS e sin a thug bàs dhi.’

‘Uill,’ arsa mise, ‘tha sin iongantach. Dà iolair air am marbhadh anns an aon dòigh – an ìre mhath anns an aon àite, far an tig na uèirichean-dealain faisg air a’ cheum choiseachd.’

Nuair a chanas daoine nach eil dòigh ann airson dealain a chruthachadh is a lìbhrigeadh gun chron, saoilidh mi gu bheil iad ceart.

Faclan na Litreach: Ros an Iar: Wester Ross; saor-làithean: holidays; ite sgèithe: a flight feather; seoba: job; dh’itealaich: flew.

Abairtean na Litreach: mo sheanmhair is m’ antaidh: my grandmother and aunt; bhiomaid a’ dol ann airson am faicinn: we would go there to see them; chòrd an t-àite gu mòr rium, mar a chòrdas fhathast: I really enjoyed the place, and still do; cha robh càil na b’ fheàrr na bhith a’ falbh air chuairt sa mhonadh: there was nothing better than going for a walk in the hills; no ann an eathar aig muir: or in a boat on the sea; grunn mhìltean bho rathad nan carbadan-ola, mar a chanadh na seann daoine: several miles from the vehicular road, as the old people would say; dh’fheumadh tu coiseachd air ceum garbh – mar a dh’fheumas fhathast: you would have to walk on a rough track – as you must still; ʼs fhiach a chuimhneachadh airson sin a-mhàin: it’s worth remembering, just for that; a’ seasamh a-mach ann an sùil mo chuimhne: standing out in my mind’s eye; dè thug bàs dhi?: what caused its death?; bha i air itealaich a-steach gu uèirichean-dealain: it had flown into power lines; bha agam ri èirigh air beulaibh a’ chlas agam: I had to get up in front of my class; beò-ghlacte leis mo chunntas: rapt with my account; bha mi a-staigh aig fear air a’ Chomraich, a’ gabhail seanchas: I was visiting a man in Applecross, having a chat; leum e far a chathrach, le dealas na shùilean: he jumped from his armchair, with enthusiasm in his eyes; thig an ath-dhoras cuide rium: come next door with me; cèis ghlainne le iolair-bhuidhe mhòr na broinn: a glass case with a large golden eagle in it; cha mhòr anns an aon àite: almost in the same place; nuair a chanas daoine nach eil dòigh ann airson dealain a chruthachadh is a lìbhrigeadh gun chron: when people say that there is no way to create and distribute electricity without damage.

Puing-chànain na Litreach: : bhiomaid a’ dol don Chomraich: we would go [be going] to Applecross. Bhiomaid is an old verbal form (still in common use) – the first person plural of the conditional tense of the verb ‘to be’ – and is unusual in that it does not employ the pronoun – except in some dialects where people say ‘ bhiodh sinn’ or, in its emphatic form ‘bhitheadh sinn’. The emphatic form of bhiomaid is written bhitheamaid.

Gnàthas-cainnt na Litreach: : Fhuair X cumhachd an dealain: X got electricity (an electricity supply).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 773

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean