FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1114: Smeòrach Chlann Dòmhnaill (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Smeòrach Chlann Dòmhnaill (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun dàn ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’ a bh’ air a sgrìobhadh le Iain MacCodruim. Anns a’ chiad rann tha an smeòrach – a tha a’ riochdachadh an ùghdair – brònach. Anns an dàrna rann, tha i nas dòchasaiche. Tha beachd ann gu bheil an t-atharrachadh a’ riochdachadh beatha a’ bhàird. Bha Iain brònach nuair a chaochail athair, ach leig a bhàs leis an fhear òg a bhith a’ sgrìobhadh mar a thogradh e.

Carson a bha sin? Uill tha naidheachd mu Iain a’ mìneachadh a’ ghnothaich. Bha Iain math air bàrdachd eadhon nuair a bha e òg. Bha banais anns an sgìre aige ach bhathar a’ dèanamh dheth gun robh Iain ro òg airson a dhol ann. Cha robh e toilichte. Chaidh e don bhanais co-dhiù, gun chead, agus thug e sùil gheur air a h-uile càil a bha a’ tachairt ann. An uair sin, sgrìobh e dàn sgaiteach mu dheidhinn na bainnse.

Bha athair air a thàmailteachadh. Dh’iarr e air Iain gun a bhith a’ sgrìobhadh a leithid de bhàrdachd tuilleadh. Gheall Iain gun leanadh e comhairle athar. Chùm e ri sin fhad ’s a bha athair maireann. An dèidh a bhàis, ge-tà, bha Iain mar an smeòrach – saor a bhith ‘beò air treòdas eile’. Living on other food.

Ann an rann eile, tha sinn a’ ruigsinn brìgh an dàin – moladh tìr Chlann Dòmhnaill:

Ma mholas gach eun a thìr fhèin, ciod am fàth nach moladh mise

Tìr nan curaidh, tìr nan cliar, an tìr bhiadhchar, fhialaidh, mhiosail?

’S dòcha nach bi sibh a’ tuigsinn ciod am fàth oir tha e car seann-fhasanta. Tha e a’ ciallachadh ‘what is the reason?’ Dh’fhaodadh e a bhith a’ seasamh airson ‘carson’ ann an rannaidheachd far a bheil trì lidean a dhìth, seach na dhà.

Chì sinn cleachdadh aig na bàird Ghàidhealach anns an ochdamh linn deug. Bhiodh iad gu tric a’ cur sreathan de bhuadhairean ann.

’N tìr nach caol ri cois na mara, an tìr ghaolach, chaomhach, channach,

An tìr laoghach, uanach, mheannach, tìr an arain, bhainneach, mhealach.

Ann an rann eile, tha am bàrd, a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath, ag innse beagan mu dheidhinn fhèin:

An Cladh Chothain rugadh mise, ’n Àird an Rùnair fhuair mi togail,

Fradharc a’ chuain uaibhrich, chuislich, nan stuagh guanach, cluaineach, cluiceach.

Anns an dreach air an dàn ann an ‘Sar-obair nam Bàrd Gàidhealach’ tha an rann mu dheireadh ag ainmeachadh Shir Sheumais. Bhiodh am bàrd ag òl deoch-slàinte dha. Agus bhiodh ‘aon mhac Dhè’ a’ dìon a’ chinn-chinnidh.

Dh’inns mi dhuibh ann an Litir dà cheud ’s a dhà-dheug (212) mun turas a thachair am bàrd Alasdair mac Mhaighstir Alasdair ri Iain MacCodruim ann an Uibhist. Bha iad mar sin eòlach air a chèile. Ach an robh a’ bhàrdachd aig Mac Mhaighstir Alasdair na modail don fhear eile? Sgrìobh Mac Mhaighstir Alasdair dàn ainmeil air an robh ‘Smeòrach Chlann Raghnaill’. An robh sin ann an ceann Iain MhicCodruim nuair a sgrìobh e Smeòrach Chlann Dòmhnaill? No an do nochd an dàn aig MacCodruim an toiseach? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Iain MacCodruim: John MacCodrum; banais: wedding; sgaiteach: sharp, caustic; seann-fhasanta: old-fashioned; Sar-obair nam Bàrd Gàidhealach: The Beauties of Gaelic Poetry; deoch-slàinte: toast (drink).

Abairtean na Litreach: nuair a chaochail athair: when his father died; tha naidheachd mu Iain a’ mìneachadh a’ ghnothaich: an anecdote about John explains the matter; bhathar a’ dèanamh dheth gun robh Iain ro òg airson a dhol ann: it was reckoned that John was too young to go; thug e sùil gheur air: he cast a sharp eye on; bha athair air a thàmailteachadh: his father was horrified; dh’iarr e air Iain gun a bhith a’ sgrìobhadh a leithid de bhàrdachd tuilleadh: he asked John never to write that sort of poetry again; chùm e ri sin fhad ’s a bha athair maireann: he kept to that while his father was alive; ma mholas gach eun a thìr fhèin: if each bird praises its own land; ciod am fàth nach moladh mise?: why would I myself not praise?; tìr nan curaidh, tìr nan cliar: the land of the heroes, the land of the poets; an tìr bhiadhchar, fhialaidh, mhiosail: the bountiful, generous, respected land [miosail is a dialectal form of measail]; sreathan de bhuadhairean: series of adjectives; ’n tìr nach caol ri cois na mara: the unnarrow [productive] land beside the sea; an tìr ghaolach, chaomhach, channach: the beloved, friendly, mild land; an tìr laoghach, uanach, mheannach: the land of calves and lambs and kids; tìr an arain, bhainneach, mhealach: the land of bread, milk and honey; ’n Àird an Rùnair fhuair mi togail: in Aird an Runnair I was raised; fradharc a’ chuain uaibhrich, chuislich: in sight of the proud, throbbing sea; nan stuagh guanach, cluaineach, cluiceach: of the giddy, flattering, playful waves.

Puing-chànain na Litreach: leig a bhàs leis an fhear òg a bhith a’ sgrìobhadh mar a thogradh e: his death allowed the young man to be writing as he wished. The verb togair means ‘desire, wish, be inclined to’. It is most commonly encountered in phrases like dèan na thogras tu ‘do what you want’, thèid sinn ann còmhla ma thogras tu ‘we’ll go there together if you like’. The conditional form (which is also the past habitual) is thogradh/togradh eg dhèanadh i sin nan togradh i ‘she would do that if she were so inclined’. Note also the first person conditional form tograinn. Bha mi gam ghiùlain fhèin mar a thograinn fhèin ‘I was behaving as I saw fit myself’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath: who belonged to North Uist.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 810

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean