1179: Naomh Fìonan
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Naomh Fìonan
Nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh airson leabhar a sgrìobh mi mu Ainmean-àite sgìre Inbhir Nis, nochd ainm pears-eaglais dà thuras. B’ esan Naomh Fìonan. Seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhite ga chomharrachadh. Tha a latha-fèille air an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran.
O chionn ghoirid, thug mi cunntas dhuibh air naomh eile – Drostan. Thug sinn sùil air na tha sgrìobhte ann an Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain mu dheidhinn. Anns an Litir seo, tha mi airson innse dhuibh mu Naomh Fìonan, a rèir an dearbh leabhair.
ʼS e Gàidheal a bh’ ann, à Èirinn. Bha e cho naomh na òige ʼs gun robh a cho-aoisean dhen bheachd gum biodh e na easbaig uair no uaireigin. Bha iad ceart. Ghabh e dreuchd Easbaig Lindisfarne anns a’ bhliadhna sia ceud, caogad ʼs a h-aon (651).
Chan eil e soilleir an robh Fìonan ann an Eilean Ì. Ach bha ceanglaichean ann eadar eilean naomh Ì agus eilean naomh Lindisfarne. Chaidh Aodhan, no Aidan, à Ì gu ruige Lindisfarne. ʼS e Gàidheal a bh’ ann an Aodhan. Math dh’fhaodte gun deach Fìonan ann mar mhanach òg mun aon àm. Chaidh Aodhan a dhèanamh na Easbaig ann sa bhliadhna sia ceud, trithead ʼs a còig (635).
Tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun tàinig beatha Aodhain gu ceann an dèidh dha a bhith na easbaig ann an Lindisfarne fad seachd bliadhn’ deug. Tha daoine dhen bheachd gun do rinn Aodhan barrachd na duine sam bith eile airson Crìosdachd a stèidheachadh ann an Northumbria.
Nuair a chaochail Aodhan, chaidh Fìonan a thaghadh mar Easbaig Lindisfarne le coitheanal anns an robh fir is boireannaich agus pearsaichean-eaglais. Bha e gu bhith anns an dreuchd sin airson deich bliadhna. Dh’obraich Fìonan am measg nan Sasannach, agus bhaistich e Peada, Rìgh nan Anglach Meadhanach.
Chaochail e air an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran, sia ceud, seasgad ʼs a h-aon (661). ʼS e sin as coireach gur e a latha-fèille an seachdamh latha deug dhen Ghearran.
Dè bh’ air tachairt nam biodh Fìonan air a bhith beò beagan bhliadhnaichean a bharrachd? Chan eil fhios a’m, ach ann an sia ceud, seasgad ʼs a ceithir (664) thàinig eas-aonta anns an Eaglais gu ceann. Bha na Sasannaich a’ tionndadh gu dòigh ùr Ròmanach airson ceann-latha na Càisge obrachadh a-mach.
Bha na Gàidheil, Fìonan nam measg, a’ leantainn leis an t-seann dòigh. Ann an Seanadh Whitby, ann an sgìre-easbaig Northumbria, dh’aontaich na pearsaichean-eaglais Sasannach dhol leis an t-siostam ùr. Bha sin air a bhith piantail do dh’Fhìonan.
Ach tha Fìonan a’ nochdadh an siud ʼs an seo ann an ainmean-àite na h-Alba. Tha Eilean Fhìonain ann an Loch Seile. Ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Lumphanan. Tha beachd ann gur e sin Lann Fhìonain, no Lann Fìonain. Tha Cill Fhìonain aig ceann Loch Lòchaidh agus cuideachd ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal.
Timcheall Loch Nis, tha Cill Fhìonain eile faisg air Obar Itheachan. Agus ann an Srath Narann, thathar ag ràdh gun robh Naomh Fìonan a’ searmonachadh uaireigin ann an Dùn Fhlichididh. Bha ìomhaigh dheth ann ach chaidh a sgrios an dèidh an Ath Leasachaidh, cha mhòr mìle bliadhna an dèidh bàs an naoimh.
Faclan na Litreach: pears-eaglais: church person, cleric; Naomh Fìonan: Saint Finan; latha-fèille: feast-day; Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain: The Aberdeen Breviary; manach: monk; Obar Itheachan: Abriachan; Srath Narann: Strathnairn.
Abairtean na Litreach: bha e cho naomh na òige ʼs gun robh a cho-aoisean dhen bheachd: he was so holy in his youth that his contemporaries thought; bha ceanglaichean ann eadar eilean naomh Ì agus eilean naomh Lindisfarne: there were [religious] links between the holy island of Iona and the holy island of Lindisfarne; barrachd na duine sam bith eile airson Crìosdachd a stèidheachadh ann an Northumbria: more than any other person to establish Christianity in Northumbria; chaidh Fìonan a thaghadh mar Easbaig Lindisfarne le coitheanal anns an robh fir is boireannaich agus pearsaichean-eaglais: Finan was chosen as the Bishop of Lindisfarne by a congregation in which there were men, women and church officials; dh’obraich Fìonan am measg nan Sasannach, agus bhaistich e Peada, Rìgh nan Anglach Meadhanach: Finan worked among the English, and he baptised Peada, the King of the Middle Angles; an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran: 17th February; ʼs e sin as coireach: that’s the reason; dè bh’ air tachairt nam biodh Fìonan air a bhith beò beagan bhliadhnaichean a bharrachd?: what would have happened had Finan lived for a few more years?; thàinig eas-aonta anns an Eaglais gu ceann: a disagreement in the Church came to a head; dòigh ùr Ròmanach airson ceann-latha na Càisge obrachadh a-mach: a new Roman way of calculating the date of Easter; Seanadh Whitby, ann an sgìre-easbaig Northumbria: the Synod of Whitby, in the bishopric of Northumbria; thathar ag ràdh gun robh Naomh Fìonan a’ searmonachadh uaireigin ann an Dùn Fhlichididh: it’s said that he was at one time preaching in Dunlichity; bha ìomhaigh dheth ann ach chaidh a sgrios an dèidh an Ath Leasachaidh: there was an image of him there but it was destroyed following the Reformation.
Puing-chànain na Litreach: Seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhite ga chomharrachadh: This is the time of [the] year when it would be commemorated. Bhite is the conditional/past habitual passive form of the verb bi ‘to be’. It is useful when you are talking about something that happened habitually in the past over a considerable period of time.
Gnàthas-cainnt na Litreach: gum biodh e na easbaig uair no uaireigin: that he would be a bishop [at] some time or another.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 875
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn