FaclairDictionary EnglishGàidhlig

119: Daibhidh Lloyd George

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Daibhidh Lloyd George

Gaelic Gàidhlig

O chionn ceithir fichead bliadhna an-diugh fhèin, ma tha sibh ag èisteachd ris a’ chiad chraoladh dhen phrògram seo, bha a’ Ghàidhealtachd aig teis-meadhan na h-Ìompaireachd Bhreatannaich ann an dòigh nach robh a-riamh roimhe sin, no às dèidh làimh. Air an là sin, an seachdamh là dhen t-Sultain, naoi ceud deug is aon ar fhichead (1921), choinnich Caibineat Bhreatainn ann an Inbhir Nis, an aon turas a-riamh taobh a-muigh Lunnainn, co-dhiù aig àm sìthe.

’S e a bu choireach airson sin gu robh am Prìomhaire, Daibhidh Lloyd George, a’ gabhail làithean-saora ann an Geàrrloch agus gu robh an Rìgh faisg air làimh, anns a’ Mhòigh. Air an t-siathamh là, rinn Courier Inbhir Nis coimeas eadar a’ choinneamh a bha gu bhith ann air an làrna-mhàireach agus tè eile a bh’ ann fada roimhe sin, nuair a chùm Rìgh Seumas I pàrlamaid ann an Inbhir Nis ann ceithir ceud deug is seachd ar fhichead (1427). Agus chaidh iad na b’ fhaide air ais buileach, a’ dèanamh coimeas leis an turas a bhuail Calum Cille dorsan lùchairt Rìgh nan Cruithneach le bhachall.

Bha gu leòr a’ dol air a’ Ghàidhealtachd aig an àm a dh’fhaodadh aire a’ Chaibineit a tharraing. Bha bochdainn is cion-obrach uabhasach ann. Ann an Leòdhas a-mhàin, bha trì mìle is còig ceud duine gun obair. Agus bha còmhstri an fhearainn a’ leantainn ann an àiteachan mar Ratharsair, Uibhist a Tuath agus Leòdhas.

Cha b’ e gnothaichean na Gàidhealtachd a bh’ air a’ chlàr, ge-tà, ach suidheachadh na h-Èireann. Bha Lloyd George ann an Geàrrloch, agus e fo òrduighean dhotairean fois a ghabhail. Ach cha b’ urrainn dha faighinn air falbh o phoilitigs na h-Èireann, fiù ’s ann an sin. Bha teachdairean Sinn Féin air a bhith air ais ’s air adhart eadar a’ Ghàidhealtachd agus Bail’ Atha Cliath, agus nochd commandair nam feachdan Breatannach ann an Èirinn ann an Geàrrloch air soitheach-cogaidh.

Bha na h-uimhir de mhuinntir Inbhir Nis a’ feitheamh taobh a-muigh Talla a’ Bhaile nuair a thàinig na ministearan, nam measg Winston Churchill, Stanley Baldwin, Sir Hamar Greenwood agus am Morair Fitzalan. Thòisich a’ choinneamh aig aon uair deug, agus aig cairteal gu ceithir feasgar, dh’fhalbh an dithis theachdairean Èireannach ann an cabhaig airson faighinn air an trèana. Nan làmhan, bha litir bho Lloyd George, a’ toirt cuireadh do Sinn Fèin pàirt a ghabhail ann an co-labhairt airson “faighinn a-mach ciamar a b’ fheàrr a b’ urrainn an càirdeas eadar Èirinn agus ... Ìompaireachd Bhreatainn agus miann nàiseanta nan Èireannach a bhith air an co-rèiteachadh.” Bha an co-labhairt gu bhith ann an Inbhir Nis air an fhicheadamh là dhen t-Sultain.

Uill, bidh fios agaibh nach do thachair e. Chan e nach robh Eamonn de Valera ga iarraidh, ach gu robh e airson ’s gum biodh na Breatannaich ag aithneachadh an riochdaire aig Dáil Eireann, pàrlamaid na Poblachd, mar riochdaire aig dùthaich neo-eisimileach. Cha robh Lloyd George deònach sin a dhèanamh agus tharraing e an cuireadh don cho-labhairt. Grunn seachdainean às dèidh sin, ghabh co-labhairt eile àite ann an Lunnainn.

An e call no buannachd a th’ ann gun do chaill Inbhir Nis an cothrom sin? Nuair a choimheadas sinn air eachdraidh Saorstát na h-Eireann, agus an cogadh a bh’ ann, ’s dòcha gu bheil e na bhuannachd nach eil prìomh bhaile na Gàidhealtachd co-cheangailte ri uiread dòrainn. Ach, air an làimh eile, nan robh muinntir na Gàidhealtachd mothachail gu robh am baile air a bhith mar bhean-ghlùin aig breith dùthaich Cheilteach neo-eisimileach, ’s dòcha gun coimheadadh iad air suidheachadh poilitigeach na h-Alba le sùilean eadar-dhealaichte.

Faclan na Litreach: Caibineat: Cabinet (political); a’ Mhòigh: Moy (near Inverness); Bail’ Atha Cliath: Dublin; Saorstát na h-Eireann: the Irish Free State.

Abairtean na Litreach: nach robh a-riamh roimhe sin, neo às dèidh làimh: which it was never before then, or since; air an t-siathamh là: on the 6th (day); coimeas eadar a’ choinneamh a bha gu bhith ann air an làrna-mhàireach agus tè eile a bh’ ann fada roimhe sin: a comparison between the meeting that was to be on the morrow and another a long time before that; an turas a bhuail Calum Cille dorsan lùchairt Rìgh nan Cruithneach le bhachall: the time St Columba struck the palace doors of the King of the Picts with his staff; bha còmhstrì an fhearainn a’ leantainn: the land agitation was continuing; cha b’ e gnothaichean na Gàidhealtachd a bh’ air a’ chlàr, ach suidheachadh na h-Èireann: it wasn’t Highland business that was on the agenda, but the Irish situation; fo òrduighean dhotairean fois a ghabhail: under doctors’ orders to rest; nochd commandair nam feachdan Breatannach ann an Èirinn ann an Geàrrloch air soitheach-cogaidh: the commander of British forces in Ireland arrived in Gairloch on a warship; a’ toirt cuireadh do Sinn Féin pàirt a ghabhail ann an co-labhairt: sending an invitation to Sinn Féin to participate in a conference; ciamar a b’ fheàrr a b’ urrainn an càirdeas eadar Èirinn agus Ìompaireachd Bhreatainn agus miann nàiseanta nan Èireannach a bhith air an co-rèiteachadh: how the association of Ireland with the British Empire can best be reconciled with Irish national aspirations; chan e nach robh X ga iarraidh: it wasn’t that X didn’t want it; mar riochdaire aig dùthaich neo-eisimileach: as the representative of an independent country; tharraing e an cuireadh: he withdrew the invitation; mar bhean-ghlùin aig breith dùthaich Cheilteach neo-eisimileach: like a housewife at the birth of an independent Celtic country.

Puing ghràmair na Litreach: Bha bochdainn is cion-obrach uabhasach ann: there was dreadful poverty and unemployment. Cion means “defect, lack, want” and is very useful in combination with another noun to make a compound noun. Cion-obrach (or cion-cosnaidh) means unemployment (lack of work, employment). For example, “unemployment benefit” is now officially (according to Faclair na Pàrlamaid) sochair cion-cosnaidh. Note that the second noun in a compound noun is always in the genitive case and that it is upon this noun that the stress of the spoken word falls. Other commonly heard uses of cion are in cion-ùidhe (apathy, lack of interest), cion-eòlais (a lack of knowledge), cion-lèirsinn (a defect of vision), cion-airgid (a lack of money).

Gnàthas-cainnt na Litreach: aig teis-meadhan na h-Ìompaireachd Bhreatannaich: at the epicentre of the British Empire. Teis-meadhan means “the exact middle” of something (eg bha mi aig teis-meadhan a’ bhaile (I was in the heart of the town centre), but can also be used conceptually as in the above example.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean