1197: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (4)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (4)
Anns an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh, dh’fhàg sinn Iain agus am bodach, a bh’ ann an riochd eich, mu choinneimh a’ chaisteil phràise le caolas eatarra. Thug am bodach slat do dh’Iain. ‘Buail an t-slat ormsa,’ thuirt e, ‘agus bidh mi nam long. Bheir mi don chaisteal thu. Cuiridh a’ bhaintighearna a ceann a-mach agus canaidh i “cò às a thàinig thu, a sheòladair?” Freagraidh thusa gun tàinig thu às na h-Innsean.’ Agus mhìnich am bodach mar a bhiodh an còrr dhen chòmhradh.
ʼS ann mar sin a thachair e. Dh’inns Iain gun tàinig e às na h-Innsean. ‘Dè an luchd a th’ agad air bòrd?’ dh’fhaighnich a’ bhaintighearna.
‘Tha sìoda,’ fhreagair Iain. ‘Tha e freagarrach airson aodach a dhèanamh do bhaintighearnan.’
‘An toir thu ultach dheth a-steach?’ dh’fhaighnich am boireannach.
‘Chan eil fhios agam dè an seòrsa a b’ fheàrr leibh,’ fhreagair Iain. ‘Nach tig sibh a-mach don t-soitheach airson na th’ agam fhaicinn.’ Dh’aontaich a’ bhaintighearna gun dèanadh i sin.
Bha i cho fada air bòrd a’ coimhead air na h-ultaichean sìoda ʼs nach do mhothaich i gun robh an soitheach a’ dèanamh a shlighe gu socair. Bha i a-nise pìos mòr air falbh bhon chaisteal. Bha i feargach. Thug i a-mach iuchraichean a’ chaisteil agus thilg i a-mach air an loch iad. ‘Ge brìth dè dh’èireas dhòmhsa,’ thuirt i, ‘cha tèid duine eile a-steach don chaisteal às mo dhèidh.’
Chaidh iad gu lùchairt an Rìgh. Thuirt a’ bhaintighearna nach pòsadh i an Rìgh gus am biodh an caisteal pràise aig ceann na lùchairt. Thuirt an Rìgh ri Iain gu feumadh esan sin a chur an sàs no gum biodh e air a chrochadh. Chaidh Iain don bhodach. Chaidh an dithis aca gu uamh nam. Thog na famhairean an caisteal pràise agus chuir iad aig ceann na lùchairt e.
Ach cha robh a’ bhaintighearna riaraichte. ‘Cha phòs mi thu,’ thuirt i ris an Rìgh, ‘gus am faigh mi na h-iuchraichean a thilg mi don loch.’ Bha an Rìgh a’ dol a chrochadh Iain mura faigheadh e na h-iuchraichean. Chaidh Iain agus am bodach don tràigh far an robh an t-iasg. Bha Iain air beatha an èisg a shàbhaladh roimhe. Lorg an t-iasg na h-iuchraichean. Thug Iain na h-iuchraichean don bhaintighearna.
Cha robh i sàsaichte, ge-tà. ‘Cha phòs mi thu,’ thuirt i ris an Rìgh, ‘gus am faigh mi trì botail de dh’uisge à Tobar nam Buadh.’
‘Gheibh Iain an t-uisge dhut,’ ars an Rìgh.
Chaidh am bodach, a bh’ ann an riochd eich, agus Iain gu àite fad air falbh. ‘Nise, Iain,’ thuirt am bodach, ‘faigh clach agus buail mi am bun na cluaise. Marbhaidh tu mi. Sgolt mo bhrù agus leig pàirt de mo chaolain a-mach air mo chliathaich. Thig còig fithich. Beir air dithis dhiubh. Can ris na trì eile nach leig thu am bràithrean mu sgaoil gus an toir iad dhut còig botail de dh’uisge à Tobar nam Buadh.’
Thachair an gnothach mar a mhìnich am bodach e. Thill na fithich le còig botail de dh’uisge. Agus dè rinn Iain an uair sin? Chì sinn anns an ath Litir.
Faclan na Litreach: sìoda: silk; feargach: angry; lùchairt: palace; riaraichte, sàsaichte: satisfied; fithich: ravens.
Abairtean na Litreach: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh: The Ship that Went to America; dh’fhàg sinn Iain agus am bodach, a bh’ ann an riochd eich, mu choinneimh a’ chaisteil phràise le caolas eatarra: we left Iain and the old man, who was in the form of a horse, opposite the brazen castle, with a strait between them; buail an t-slat ormsa: hit me with the rod; cuiridh a’ bhaintighearna a ceann a-mach: the lady will put her head out; gun tàinig thu às na h-Innsean: that you came from the Indies; dè an luchd a th’ agad air bòrd?: what load do you have on board?; freagarrach airson aodach a dhèanamh do bhaintighearnan: suitable for making clothes for ladies; an toir thu ultach dheth a-steach?: will you bring in a large armful of it?; nach tig sibh a-mach don t-soitheach: won’t you come out to the ship; ʼs nach do mhothaich i gun robh an soitheach a’ dèanamh a shlighe gu socair: that she didn’t know that the ship was gently making its way; thug i a-mach iuchraichean a’ chaisteil agus thilg i a-mach air an loch iad: she took out the keys of the castle and she threw them out into the loch; no gum biodh e air a chrochadh: or he would be hanged; cha phòs mi thu: I won’t marry you; bha Iain air beatha an èisg a shàbhaladh roimhe: Iain had saved the life of the fish before; chuir e fios air: he sent for; trì botail de dh’uisge à Tobar nam Buadh: three bottles of water from the well of the virtues; gu àite fad air falbh: to a far distant place; faigh clach agus buail mi am bun na cluaise: get a stone and hit me at the base of the ear; sgolt mo bhrù agus leig pàirt de mo chaolain a-mach air mo chliathaich: slit my belly and let part of my intestine out on my side; can ris na trì eile nach leig thu am bràithrean mu sgaoil gus an toir iad dhut: tell the three others that you won’t release their brothers until they give you.
Puing-chànain na Litreach: Beir air dithis dhiubh: catch two of them. You might have been given advice that dithis, triùir, ceathrar etc are only used for counting couple. This is not entirely true. Dialectally they can also be used for counting animals, particularly in Argyll.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Ge brìth dè dh’èireas dhòmhsa: whatever happens to me.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 893
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn