FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1211: Ceatharnach Shiaboist (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ceatharnach Shiaboist (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ leantainn leis an sgeul ‘Ceatharnach Shiaboist’. Bha Iseabail agus Peigi Mhoireasdan ri taobh Loch Athabhat Mòr. Chunnaic Iseabail dealan-dè brèagha air duilleag-bhàite bhàn. Le bata-coiseachd, dh’fheuch i ris an lus a tharraing gu tìr. Ach dh’fhàilnich oirre agus thuit i don uisge a bha dubh agus domhainn. Dh’fhalbh i fodha.

Thòisich Peigi air sgreuchail. Thàinig ceann Iseabail an-uachdar ach thàinig maoim oirre. Bha i a’ spriodadh agus a’ plumadaich. An àite a bhith a’ tighinn gu tìr, bha i a’ sìor ghluasad air falbh bho bhruach an locha. Chaidh i fodha agus chaidh a casan an sàs anns a’ pholl air grunnd an locha. Bha i an impis bàthadh nuair a chuala Peigi fuaim air a cùlaibh. Thàinig fear seachad oirre agus leum e don uisge.

Shnàmh e fodha, lorg e Iseabail, agus thug e don chladach i. Bha i gun mhothachadh ach thàinig i thuige. Thuirt i ris an duine, ‘A mhaighstir, shabhail sibh mo bheatha. Ciamar a bheir mi taing dhuibh?’

‘Na gabh dragh mu dheidhinn,’ fhreagair e. ‘ʼS e mo dhuais gun do shabhail mi beatha cuideigin.’

‘Gabhaibh mo leisgeul,’ thuirt Peigi ris an t-srainnsear, ‘ach cò às a thàinig sibh?

‘Na gabh dragh mu dheidhinn,’ thuirt am fear. ‘Fòghnaidh e gun do shàbhail mi beatha do charaid an seo.’

‘Tha mo dhachaigh ann am Bràgar,’ ars Iseabail ris. Bha i ga fhaighinn air leth tarraingeach. ‘Is mise nighean ceann-cinnidh nam Moireasdanach,’ lean i. ‘Thigibh dhachaigh cuide rium. Bidh m’ athair air leth toilichte coinneachadh ribh.’

‘Is beag an rud a rinn mi,’ thuirt am fear. ‘ʼS e do charaid a tha airidh air moladh. ʼS e an sgreuchail aice a dh’inns dhomh gun robh thu ann an cunnart do bheatha.’ Dhiùlt e a dhol a Bhràgar còmhla ris a’ chloinn-nighean. Ach thuirt e gum biodh e a’ cèilidh air athair Iseabail an ceann greis bheag.

Choisich an coigreach pàirt dhen rathad còmhla ris an dithis eile. An uair sin stad e, agus thuirt e gu feumadh e falbh. Fhad ʼs a bha iad an sin, thàinig fitheach faisg orra. Bha iad uile dhen bheachd gun robh sin na chomharra de dhroch naidheachd, bàs eadhon.

Nuair a ràinig i an taigh aice, dh’inns Iseabail mar a thachair dhi. Bha fios aig a bràthair, Alasdair, gur e an ceatharnach às a’ Bheinn Mhòir a shàbhail i, ach cha tuirt e guth.

Ge-tà, mun àm sin, bha cuid de dhaoine a’ gearan mu chall bìdh. Bha mèirleach a’ briseadh a-steach do na taighean aca air an oidhche, agus a’ goid biadh. Bha daoine dhen bheachd gun robh am mèirleach a’ fuireach air a’ Bheinn Mhòir. Chaidh Alasdair a chur os cionn feachd, leis an amas an duine a lorg.

Chaidh am feachd seachad air a’ bheinn. Shreap iad don mhullach bhon taobh dheas. Faisg air a’ mhullach, thuit Alasdair a dh’aona-ghnothach agus rinn a chlaidheamh fuaim nuair a bhuail e ann an creag. Bha sin mar rabhadh don fhear a shàbhail a phiuthar. Agus chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Ceatharnach Shiaboist: The Shawbost Freebooter; bata-coiseachd: walking-stick; fodha: under [the water]; shnàmh: swam; sgreuchail: screaming; coigreach: stranger; fitheach: raven; shreap: climbed.

Abairtean na Litreach: dealan-dè brèagha air duilleag-bhàite bhàn: a beautiful butterfly on a water-lily; dh’fheuch i ris an lus a tharraing gu tìr: she tried to draw the plant to land; dh’fhàilnich oirre agus thuit i don uisge a bha dubh agus domhainn: she failed and fell into the water that was dark and deep; thàinig ceann Iseabail an-uachdar ach thàinig maoim oirre: Ishbel’s head came to the surface but she suffered a panic attack; chaidh a casan an sàs anns a’ pholl air grunnd an locha: her feet got stuck in the mud at the bottom of the loch; an impis bàthadh: on the point of drowning; bha i gun mhothachadh ach thàinig i thuige: she was unconscious but came to; ʼs e mo dhuais gun do shabhail mi beatha cuideigin: my reward is that I saved somebody’s life; fòghnaidh e gun do shàbhail mi beatha do charaid: it will suffice that I saved your friend’s life; bha i ga fhaighinn air leth tarraingeach: she found him very attractive; bidh m’ athair air leth toilichte coinneachadh ribh: my father will be very pleased to meet you; airidh air moladh: deserving of praise; gum biodh e a’ cèilidh air athair Iseabail an ceann greis bheag: that he would be visiting Ishbel’s father in a wee while; a’ gearan mu chall bìdh: complaining about the loss of food; a’ briseadh a-steach do na taighean aca: breaking into their houses; os cionn feachd: in charge of a [military] force; thuit Alasdair a dh’aona-ghnothach: Alasdair fell deliberately; rinn a chlaidheamh fuaim: his sword made a noise; mar rabhadh: as a warning.

Puing-chànain na Litreach: bha i a’ sìor ghluasad air falbh bho bhruach an locha: she was moving steadily away from the bank of the loch. Sìor is used in this structure in front of the verbal noun, which it lenites. It means ‘perpetually, constantly, moving continually in the same direction’. Tha thu a’ sìor fhàs math air ‘you’re getting better and better at it’; tha i a’ sìor dhol am miosad ‘she is continually getting worse’; tha prìsean a’ sìor dhol an-àirde ‘prices are perpetually rising’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ spriodadh agus a’ plumadaich: floundering and flailing.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 907

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean