FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1236: Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (1)

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh car sgìth de bhith a’ cluinntinn an ainm ‘Seumas MacDhonnchaidh’. Tuigidh mi sin oir bha mi ag ainmeachadh ministear dhen ainm sin anns na còig Litrichean mu dheireadh. B’ esan an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Nise, tha mi a’ dol a dh’ainmeachadh ‘Seumas MacDhonnchaidh’ a-rithist an-diugh. Ach, chan e an aon duine a th’ ann! Chan e ministear a bh’ ann ach lus-eòlaiche. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.

Chan aithne dhomh cus mun duine, ach bha e ag obair anns an Lios Luibheach Rìoghail ann an Dùn Èideann. Bha e fo stiùir Àrd-ollamh an Lus-eòlais ann an Oilthigh Dhùn Èideann, Iain Hope.

Rinn Seumas tòrr rannsachaidh air lusan na Gàidhealtachd, a’ tòiseachadh math dh’fhaodte ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a sia (1766). Airson còig bliadhna an dèidh sin, bhiodh e a’ cur seachad ùine mhòr air a’ Ghàidhealtachd, eadar an t-Earrach agus am Foghar, ann a bhith a’ rannsachadh lusan. Bha e a’ faighinn tuarastal airson sin bho Choimiseanairean nan Oighreachdan Arfantaichte. Sin na h-oighreachdan a ghabh an riaghaltas thairis bho chinn-chinnidh Sheumasach.

Ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1768), dh’fhàg Seumas Dùn Èideann air an deicheamh latha dhen Chèitean. Chaidh e a Shiorrachd Lannraig, Siorrachd Àir agus Siorrachd Bhaile na h-Ùige. Chaidh e a dh’Arainn, a dh’Eilean Bhòid, agus an uair sin a dh’Inbhir Aora agus air adhart a Mhuile agus don Eilean Sgitheanach. Dh’fhàg e an t-Eilean Sgitheanach air an ochdamh latha dhen Dàmhair agus thill e dhachaigh naoi latha an dèidh sin.

Nuair a dh’fhàg e Dùn Èideann, bha e fo òrdugh sùil gheur a thoirt, am measg eile, air ‘lusan na mara’. Tha mi an dùil le sin gun robhar a’ ciallachadh ‘feamainn’. Rinn e obair ionmholta air na lusan ann am Bòd. Bha am pàipear a sgrìobh e à sealladh airson cha mhòr trì cheud bliadhna mus robh e air a lorg a-rithist.

Lorg Seumas còrr is trì cheud gnè lusa a tha fhathast a’ fàs ann am Bòd. Ach tha timcheall air ceathrad gnè air an liosta aige nach deach a chlàradh anns an eilean bhon uair sin. Mar eisimpleir, chlàir esan lus beag ris an canar ‘garbhag an t-slèibhe’ no am fir-clubmoss. Bha e gu math ainmeil am measg nan Gàidheal mar lus-dìon. Ma tha sin air a dhol à bith ann am Bòd bhon uair sin, math dh’fhaodte gur e falaisgearan no ionaltradh as coireach. Ach tha e doirbh a bhith cinnteach.

Shreap Seumas gu mullach iomadh beinn air a’ Ghàidhealtachd. Thathar ag aithris gum b’ esan a’ chiad duine a-riamh a ràinig grunn de na mullaichean. Ach tha sin a’ cur an dàrna taobh na Gàidheil a chaidh gu mullaichean gun a bhith a’ sgrìobhadh no a’ bòstadh mu dheidhinn!

Bha Seumas thall thairis cuideachd. Rinn e rannsachadh air lusan ann an Sìonaidh agus na h-Innseachan, ann an Afraga a Deas agus ann an eilean St Helena. A bharrachd air a bhith sgileil mar lus-eòlaiche, bha e math air dealbhan de lusan a dhèanamh. Tha co-dhiù aon dealbh aige anns an leabhar ainmeil Flora Scotica le Lightfoot a nochd ann an clò ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a seachd (1777).

Agus sgrìobh MacDhonnchaidh notaichean mu na daoine agus an dòigh-beatha anns na sgìrean Gàidhealach. Bheir sinn sùil orra an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Seumas MacDhonnchaidh: James Robertson; an Lios Luibheach Rìoghail: The Royal Botanic Garden; math dh’fhaodte: perhaps; tuarastal: a salary; Siorrachd Lannraig: Lanarkshire; Siorrachd Àir: Ayrshire; Siorrachd Bhaile na h-Ùige: Wigtownshire; lusan na mara: marine plants; feamainn: seaweed; chlàir: recorded; lus-dìon: a protective plant; falaisgearan: muirburns; ionaltradh: grazing; thall thairis: overseas; Afraga a Deas: South Africa; sgileil: skilful.

Abairtean na Litreach: Chan e ministear a bh’ ann ach lus-eòlaiche: he wasn’t a minister but a botanist; chan aithne dhomh cus mun duine: I don’t know too much about the man; fo stiùir Àrd-ollamh an Lus-eòlais ann an Oilthigh Dhùn Èideann, Iain Hope: under the guidance of the Professor of Botany at the University of Edinburgh, John Hope; na h-oighreachdan a ghabh an riaghaltas thairis bho chinn-chinnidh Sheumasach: the estates that the governent took over from Jacobite clan chiefs; chaidh e a dh’Arainn, a dh’Eilean Bhòid, agus an uair sin a dh’Inbhir Aora: he went to Arran, to Bute and then to Inveraray; a Mhuile agus don Eilean Sgitheanach: to Mull and to Skye; rinn e obair ionmholta air na lusan ann am Bòd: he did outstanding work on the plants on Bute; à sealladh airson cha mhòr trì cheud bliadhna: out of sight [disappeared] for almost three hundred years; còrr is trì cheud gnè lusa: more than three hundred plant species; thathar ag aithris gum b’ esan a’ chiad duine riamh a ràinig grunn de na mullaichean: it is reported that he was the first person to ever reach some of the summits; tha sin a’ cur an dàrna taobh: that disregards; na Gàidheil a chaidh gu mullaichean gun a bhith a’ sgrìobhadh no a’ bòstadh mu dheidhinn: the Gaels who went to summits without writing or boasting about it; a nochd ann an clò: which appeared in print; lusan ann an Sìonaidh agus na h-Innseachan: plants in China and India; notaichean mu na daoine agus an dòigh-beatha: notes about the people and their way of life.

Puing-chànain na Litreach: Airson còig bliadhna an dèidh sin: for five years after that. Remember that when we are counting years, we do not pluralise the noun when it might be expected. Còig bliadhnaichean deug would be understood by a listener as ‘fifteen years’ but we generally say ‘còig bliadhn’ deug’, using the singular form. Bha iad ann an Lunnainn airson deich bliadhna ‘they were in London for ten years’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Coimiseanairean nan Oighreachdan Arfantaichte: the Commissioners of the Forfeited Estates.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 932

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean