1239: Uisge-beatha agus Ainmean-àite (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Uisge-beatha agus Ainmean-àite (1)
Ann an Litir ochd ceud, fichead ʼs a trì (823) bha mi ag innse dhuibh mu uisge-beatha a chaidh a dhèanamh thall-thairis fon ainm ‘Spey Livet’. ʼS e ainm a bh’ ann a chaidh a chruthachadh airson margaidheachd, agus coltas Albannach air. Ach ʼs e an rud a tha iongantach dhomh an uiread de dhiofar sheòrsaichean de dh’uisge-beatha, a bhuineas do dh’Alba, air a bheil ainm rudeigin ‘fuadain’. Tha mi a’ ciallachadh gu bheil iad coltach ri ainm-àite, ach nach eil a leithid de dh’ainm-àite ann.
Thàinig leabhar inntinneach a-mach an-uiridh. Bha e air a sgrìobhadh le Jacob King agus ʼs e an t-ainm a th’ air ‘The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention’. Tha an t-Ollamh King na eòlaiche air ainmean-àite.
Chan eil fhios a’m cia mheud ‘gleann’ no ‘glen’ a th’ air mapa na h-Alba. Ach tha an t-uamhas de sheòrsaichean uisge-beatha no taighean-staile anns a bheil am facal gleann no glen anns an ainm. Chunnt mi ceud, caogad ʼs a dhà dhiubh anns an leabhar!
ʼS e dìreach aonan dhiubh anns a bheil dreach Gàidhlig air an fhacal – Gleann Banbh. Shaoileadh sibh gur e fìor àite a th’ ann. Ach chan e, co-dhiù ann an Alba. ʼS e Banbh a’ Ghàidhlig airson Banff agus tha an t-uisge-beatha seo à Moireibh. Ach ma tha àite ann air a bheil Gleann Banbh, ʼs ann ann an Èirinn a tha e!
Tha Gleann Banbh air a dhèanamh ann an taigh-staile Glenfarclas, taobh Uisge Spè. Agus a bheil Glenfarclas stèidhichte air ainm-àite fìrinneach? Uill, tha – gu ìre. Faisg air an taigh-staile, tha cnoc air a bheil Tomfarclas mar ainm. ʼS e ainm Gàidhlig a th’ ann, ach chan eil e soilleir dè tha farclas a’ ciallachadh.
Thachair cruthachadh-ainmean mar sin iomadach triop. Tha Jacob King a’ gabhail ‘whisky glen’ air a leithid – far am bithear a’ cur an fhacail ‘Glen’ ann an co-cheangal ri eileamaidean eile airson ainm ‘Gàidhealach’ a chruthachadh. Mar eisimpleir, cuideachd taobh Uisge Spè, tha taigh-staile Glenallachie. Buinidh an t-ainm-àite Allachie – bhon Ghàidhlig eileachaidh – don dearbh sgìre, agus chaidh ‘Glen’ a chur ris. Tha na staileadairean air abairt-shuaicheantais a chur an cois an uisge-bheatha seo – ‘Valley of the Rocks’. Anns an dòigh sin, tha iad air a bhith dìleas don Ghàidhlig eileachaidh a tha a’ ciallachadh ‘àite creagach’.
Tha Glen Burgie rudeigin coltach ri sin. Tha àite ann an Siorrachd Narann air a bheil ‘Burgie’ agus chaidh am facal ‘Glen’ a chur ris airson ainm an uisge-bheatha a chruthachadh.
Ge-tà, tha cuid de dh’ainmean uisge-bheatha ann, a chaidh a chruthachadh buileach glan gun a bhith ceangailte ri ainm-àite. ʼS e eisimpleir dhiubh uisge-beatha eile à Moireibh – Glen Broch. Tuigidh sibh dè th’ ann am broch, ged a bhios am facal cuideachd a’ riochdachadh na Gàidhlig bruach ann an ainmean-àite. Shaoileadh daoine gur e àite fìor Albannach a th’ ann an ‘Glen Broch’. Ach tha Jacob King ag innse dhuinn nach eil a leithid de dh’àite ann!
Agus tha Glen Darbach ann – mac na bracha à taobh Uisge Spè. Chan eil àite sam bith ann an Alba air a bheil ‘Darbach’, ged a nochdas e mar ainm aibhne anns a’ Ghearmailt.
Nach eil fìor ainm-àite a’ nochdadh ann an co-cheangal ri uisge-beatha Albannach? Uill, tha, agus bheir sinn sùil air feadhainn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: margaidheachd: marketing; chunnt: counted; à Moireibh: from Moray; taigh-staile: distillery; iomadach triop: [on] many occasions; taobh Uisge Spè: on Speyside; dìleas: loyal; Siorrachd Narann: Nairnshire.
Abairtean na Litreach: an uiread de dhiofar sheòrsaichean de dh’uisge-beatha, a bhuineas do dh’Alba, air a bheil ainm rudeigin ‘fuadain’: the number of different types of whisky, that belong to Scotland, [but] that have an ‘artificial’ name; ach nach eil a leithid de dh’ainm-àite ann: but that there is no such place-name; chan eil fhios a’m cia mheud: I don’t know how many; shaoileadh sibh gur e fìor àite a th’ ann: you’d think it was a real place; tha na staileadairean air abairt-shuaicheantais a chur an cois an uisge-bheatha seo: the distillers have connected a motto to this whisky; a chaidh a chruthachadh buileach glan gun a bhith ceangailte ri ainm-àite: which was created from scratch without being connected to a place-name; tuigidh sibh dè th’ ann am broch: you’ll know [understand] what a broch is; ged a bhios am facal cuideachd a’ riochdachadh: although the word also represents; ged a nochdas e mar ainm aibhne anns a’ Ghearmailt: although it appears as a river name in Germany; nach eil fìor ainm-àite a’ nochdadh ann an co-cheangal ri uisge-beatha Albannach?: Isn’t there a real place-name connected with a Scottish whisky?
Puing-chànain na Litreach: mac na bracha: malt whisky. This rather attractive phrase literally means ‘the son of the malt’ i.e. the direct product of [a single] malting process. If you are offered a dram, with the question, ‘An gabh sibh dram?’ you might say, ‘A bheil mac na bracha agaibh?’ ‘do you have [any] malt whisky?’ Your host will know you have a discerning whisky palate!
Gnàthas-cainnt na Litreach: a chaidh a chruthachadh: that was created.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 935
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn