FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1299: An Clò Mòr (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Clò Mòr (1)

Gaelic Gàidhlig

An latha eile, thàinig mi tarsainn air seann alt anns an iris ‘An Gàidheal’. Chaidh fhoillseachadh as t-Sultain naoi ceud deug, trithead ʼs a trì (1933). B’ e an t-ùghdar Ruairidh Caimbeul à Mionaird air cladach Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal. Nochd an t-alt an toiseach mar aiste ann am farpais aig Mòd Dhùn Omhain trì bliadhna roimhe sin.

B’ e an cuspair ‘An Clò Mòr’. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gach pàirt dhen phròiseas eadar smeuradh no smiùradh nan caorach agus luadhadh a’ chlò.

Tha Ruairidh a’ sgrìobhadh seo: ‘Chan eil a leithid de rud agus smiùradh air a chleachdadh an àite sam bith an-diugh, a chionn, le Achd lagha, feumaidh caoraich a bhith air an tumadh ann an stuth-glanaidh dà uair sa bhliadhna.’ Ach tha e ag innse dhuinn mar a bhiodh gach teaghlach anns an t-seann aimsir a’ comharrachadh oidhche shònraichte anns a’ gheamhradh airson smiùradh nan caorach.

Tha Ruairidh a’ leantainn: ‘Bhiodh prais mhòr, ris an cainte a’ phrais-thearra, air a cumail, gu daonnan, anns gach dachaigh, agus nuair nach biodh feum dhith, bhiodh i air a cumail air a beul fòidhpe an cùil air choreigin mun taigh. Dh’fheumadh an teàrr a bhith aig tigheadachd shònraichte agus b’ e ola èisg, mar bu trice, a bha air a cleachdadh gu a tanachadh.’

Tha e laghach a bhith a’ leughadh Gàidhlig Loch Fìne – dualchainnt nach cluinnear ach ainneamh an-diugh. Agus tha Ruairidh ag innse dhuinn, ged a bha an obair-smiùraidh gu math cruaidh, gum b’ e sin deagh àm airson sgeulachdan innse.

B’ e an ath ìre dhen phròiseas an rùsgadh. B’ e latha faing-an-rùsgaidh latha glè mhòr anns a’ choimhearsnachd. Anns an latha an-diugh, bidh sinn gu tric ag ràdh ‘meadhan-latha’ airson noon. Ach tha Ruairidh Caimbeul a’ cleachdadh seann abairt – tràth-nòin. Seo na th’ aige anns an alt aige: ‘bhiodh na caoraich gu cumanta anns an fhaing aig tràth-nòin agus mu leth-uair an uaireadair an dèidh sin, bhiodh a chaoraich fhèin ceangailte aig gach fear air an rèidhlean ghorm ri taobh na fainge ...

Tha Ruairidh a’ dèanamh aithris air na fuaimean a bhiodh ann. An toiseach fuaim nan deamhaisean. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin? Fuaim nan deamhaisean – the sound of the hand shears. Tha e cuideachd ag innse dhuinn na bhiodh na rùsgadairean ag èigheachd air a chèile. Mar eisimpleir, ‘Thoir dhomh spearrach!’ Give me a fetter. Thoir dhomh spearrach.

‘’S e caora fhuadain a tha seo.’ This sheep is a straggler. ’S e caora fhuadain a tha seo. Bhiodh na croitearan ag aithneachadh nan caorach, agus cò bu leis iad, air na comharraidhean-cluaise – ear marks. Seo cuid de na comharraidhean air an robh Ruairidh eòlach – beum, bàrr na cluaise, clisinn, toll agus sùbhlag.

Tha na faclan air am mìneachadh ann am faclair Dwelly: Beum – pìos leth-chearcallach air a ghearradh à taobh fodha na cluaise; bàrr na cluaise – am pìos as fhaide a-mach dhen chluais air a ghearradh dheth; clisinn – tha mi an dùil gu bheil seo co-ionann ri slisinn – sliseag air a ghearradh de thaobh na cluaise; toll – toll cruinn ann am meadhan na cluaise; agus mu dheireadh, sùbhlag – cumadh-V air a ghearradh à bàrr na cluaise. Bidh tuilleadh agam air caoraich, clòimh agus an clò mòr anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: clò: tweed; Achd lagha: an Act of Law; tigheadachd: thickness, viscosity (often tigheachd); sliseag: slice; clòimh: wool.

Abairtean na Litreach: Chaidh fhoillseachadh as t-Sultain: it was published in September; b’ e an t-ùghdar X à Mionaird air cladach Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal: the author was X from Minard on the shore of Loch Fyne in Argyll; nochd an t-alt an toiseach mar aiste ann am farpais aig Mòd Dhùn Omhain trì bliadhna roimhe sin: the article first appeared as an essay in a competition at the Dunoon Mod three years before that; eadar smeuradh no smiùradh nan caorach agus luadhadh a’ chlò: between the smearing of the sheep and the waulking of the tweed; feumaidh caoraich a bhith air an tumadh ann an stuth-glanaidh dà uair sa bhliadhna: sheep must be dipped in cleansing material twice in the year; oidhche shònraichte anns a’ gheamhradh: a special night in the winter; bhiodh i air a cumail air a beul fòidhpe an cùil air choreigin mun taigh: it would be kept upside-down in some nook or other around the house; b’ e ola èisg, mar bu trice, a bha air a cleachdadh gu a tanachadh: it was fish oil, usually, that was used to thin it; dualchainnt nach cluinnear ach ainneamh an-diugh: a dialect that is not often heard today; gum b’ e sin deagh àm airson sgeulachdan innse: that that was a good time for telling stories; bhiodh na caoraich gu cumanta anns an fhaing aig tràth-nòin: the sheep would often be in the fank at noon; mu leth-uair an uaireadair an dèidh sin, bhiodh a chaoraich fhèin ceangailte aig gach fear air an rèidhlean ghorm ri taobh na fainge: about half an hour after that, each man would have his sheep on the sward next to the fank; ag aithneachadh nan caorach, agus cò bu leis iad: recognising the sheep and to whom they belonged; pìos leth-chearcallach air a ghearradh à taobh fodha na cluaise: a semi-circular cut from the underside of the ear.

Puing-chànain na Litreach: Bhiodh prais mhòr, ris an cainte a’ phrais-thearra, air a cumail, gu daonnan, anns gach dachaigh: a large pot, which was called the tar-pot, was kept, always, in each house. The genitive form of teàrr ‘tar’ is tearra (without an accent). However, it is lenited in the compound noun prais-thearra because prais is a feminine noun and tearra is operating as an adjective c.f. a’ phrais mhòr ‘the big pot’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: thàinig mi tarsainn air seann alt: I came across an old article.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 995

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean