FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1304: Caisteal a’ Bhreabadair (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal a’ Bhreabadair (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal a’ Bhreabadair – no Caisteal an Reubadair – air an Stac Àrd, deas air Èirisgeigh. Nuair a bha am breabadair aig an àirigh ann an Uibhist a Deas, roghnaich e tè de na boireannaich òga a ghabhail mar bhean. Thug e am bruid i. Thug e i dhachaigh leis.

Feumaidh gun do ghabh am boireannach ris an t-suidheachadh aice. Bhiodh i a’ dèanamh a h-uile càil mar a bha esan. Bhiodh i ag iasgach, ag eunachadh agus a’ spùinneadh còmhla ris.

Anns na làithean ud cha robh bàtaichean ceangailte le sèineachan, ach le ròpan. Bha e furasta gu leòr don bhreabadair na ròpan a ghearradh agus leigeil leis na bàtaichean a bhith air an sguabadh don chladach. An uair sin, bhiodh e fhèin, a bhean agus an ceathrar bhalach aca a’ faighinn a’ bhathair a bh’ air bòrd dhaibh fhèin. Bha iad ri spùinneadh mar seo fad na h-ùine agus bha daoine a’ fàs seachd searbh sgìth dhiubh.

Chan eil fhios agam cò na h-ùghdarrasan-lagha a bh’ ann aig an àm. Chanainn gur e Clann ’ic Nèill a bh’ ann – agus an ceann-cinnidh aca ann am Barraigh. Co-dhiù, chaidh òrdugh a-mach am breabadair a chur an grèim.

Latha a bha seo, bha am breabadair agus triùir de na balaich aige a-muigh ag iasgach. Bha a bhean agus an gille as òige anns a’ chaisteal. Chitheadh iad càch anns an eathar.

Chunnaic am boireannach iùbhrach – soitheach-seòlaidh – a’ tighinn seachad air Eilean Ghioghaigh. Tha sin eadar Èirisgeigh agus Barraigh. Bha an soitheach luath, le seòl mòr oirre. A bharrachd air sin, bha dusan duine air bòrd, a h-uile duine na ràmhadair.

An toiseach bha am boireannach a’ smaoineachadh gun robh an iùbhrach a’ dèanamh air a’ chaisteal. Rinn i deiseil a dhol gu mullach a’ bhearraidh. An sin b’ urrainn dhi clachan a thilgeil sìos air duine sam bith a bhiodh a’ sreap ann le droch rùn.

Ach ’s ann air an eathar-iasgaich a bha na seòladairean ag amas. Chunnaic am breabadair iad. Rinn e fhèin is na balaich aige air ceann a deas Èirisgeigh. Bha iad a’ dol a dhol am falach an sin. Ràinig iad Èirisgeigh ach bha an soitheach eile na bu luaithe na iad. Cha robh iad fada air cùl a’ bhreabadair. Ràinig iad an t-eilean, ghlac iad am breabadair agus na gillean aige agus chuir iad gu bàs iad.

Dh’òrdaich an comanndair nach biodh a chlaidheamh air a ghlanadh. Bha fuil a’ bhreabadair air a’ chlaidheamh a’ cur ann an cuimhne dhaoine mar a mharbh an comanndair am breabadair.

Tha trì ainmean-àite air cladach a deas Èirisgeigh, aig bonn Beinn Staca, a tha ceangailte ris a’ bhreabadair agus a bhàs. Tha Sloc na Creiche ann ‘the hollow of the plundering’ agus Sgala na Creiche ‘the cliff of the plundering’. Faisg air làimh, aig fìor cheann a deas Èirisgeigh, tha Leac na Banaraich ‘the slab of the milkmaid’. Tha sin a’ cuimhneachadh bean a’ bhreabadair. A rèir an sgeòil, bha i na banarach mus deach a toirt am bruid.

Cha robh fios aig bean a’ bhreabadair gu dè bh’ air tachairt. Ach mu dheireadh, thàinig a h-athair agus thug e a nighean agus a mac dhachaigh a dh’Uibhist a Deas. Bhon latha sin a-mach cha robh duine a’ fuireach ann an Caisteal a’ Bhreabadair.

Faclan na Litreach: Èirisgeigh: Eriskay; sèineachan: chains; na h-ùghdarrasan-lagha: the legal authorities; Barraigh: Barra; triùir: three people; iùbhrach: cutter (type of boat).

Abairtean na Litreach: Nuair a bha am breabadair aig an àirigh ann an Uibhist a Deas, roghnaich e tè de na boireannaich òga a ghabhail mar bhean: when the weaver was at the shieling in South Uist, he chose to take one of the young man as a wife; thug e am bruid i: he kidnapped her; feumaidh gun do ghabh am boireannach ris an t-suidheachadh aice: the woman must have accepted her situation; bhiodh i ag iasgach, ag eunachadh agus a’ spùinneadh còmhla ris: she would go fishing, birding and pirating along with him; air an sguabadh don chladach: washed ashore; chitheadh iad càch anns an eathar: they could see the others in the boat; a h-uile duine na ràmhadair: and every man a rower; rinn i deiseil a dhol gu mullach a’ bhearraidh: she made ready to go to the top of the cliff; b’ urrainn dhi clachan a thilgeil sìos air duine sam bith: she could throw stones down on any person; a bhiodh a’ sreap ann le droch rùn: who was climbing there with evil intent; rinn e fhèin is na balaich aige air ceann a deas Èirisgeigh: he and his sons made for the southern end of Eriskay; chuir iad gu bàs iad: they put them to death; bha fuil a’ bhreabadair air a’ chlaidheamh a’ cur ann an cuimhne dhaoine mar a mharbh an comanndair am breabadair: the weaver’s blood on the sword was reminding people of how the commander killed the weaver; bha i na banarach mus deach a toirt am bruid: she was a milking maid before she was kidnapped; thug e a nighean agus a mac dhachaigh a dh’Uibhist a Deas: he took his daughter and her son home to South Uist.

Puing-chànain na Litreach: bhiodh e fhèin, a bhean agus an ceathrar bhalach aca a’ faighinn a’ bhathair a bh’ air bòrd dhaibh fhèin: he himself, his wife and their four boys (sons) would be getting the goods/merchandise for themselves. For ‘four sons’ we can use the numerical noun ceathrar but note that the noun commanded by it must be in the genitive plural case i.e. ceathrar mhac, ceathrar bhalach, ceathrar ghillean.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha daoine a’ fàs seachd searbh sgìth dhiubh: people were getting thoroughly sick of them.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1000

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean