FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1306: Caisteal a’ Bhreabadair (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal a’ Bhreabadair (4)

Gaelic Gàidhlig

Bha Iain MacNèill, mac a’ bhreabadair, ann an Lunnainn. Bha e am measg sheann mharaichean. Dh’inns fear dhiubh do chàch mar a mharbh e spùinneadair ainmeil agus a thriùir mhac. B’ iad na spùinneadairean a bu chunnartaiche anns na h-Eileanan an Iar. Bha fios aig Iain, a bha a-nise na chaiptean air soitheach-mara, gun robh am fear eile a’ bruidhinn air athair agus a bhràithrean. Bha Iain air gealltainn gun dèanadh e dìoghaltas air an duine a mharbh iad ann an Èirisgeigh nuair a bha e òg.

Chaidh Iain a-null a bhruidhinn ris an duine. Thug e taing dha airson a bhith cho treun. Thug am fear eile cuireadh do dh’Iain biadh a ghabhail cuide ris aig an taigh aige an ath latha. Thuirt e le moit gun robh fuil a’ bhreabadair fhathast air a chlaidheamh. Cha do thuig e gum b’ e Iain MacNèill am mac a b’ òige aig a’ bhreabadair. Bha iomadh bliadhna air a dhol seachad on uair sin.

An ath latha nochd Iain aig taigh an fhir eile. Bha biadh is deoch deiseil. Ach thuirt Iain nach gabhadh e càil ri ithe no òl gus am fac’ e an claidheamh a chleachd am fear eile airson an spùinneadair a mharbhadh.

Thug am bodach Iain a-steach gu seòmar eile. Dh’fhosgail e preas agus thug e an claidheamh a-mach. Bha fuil a’ bhreabadair fhathast air an lann. Thàinig e a-steach air Iain gum faodadh e an claidheamh a chleachdadh airson an duine a mharbhadh. Ach dh’atharraich e a bheachd. Thug e dòrn dha na chluais agus thuit am bodach marbh. B’ e sin an dìoghaltas a bha mac a’ bhreabadair air gealltainn.

Ach cha b’ urrainn dha fuireach ann an Lunnainn tuilleadh. B’ fheudar dha teicheadh. Dh’fhàg e an soitheach aige, agus a carago, ann an Lunnainn agus chaidh e am falach ann an Uibhist. Bha e air a bhith air falbh on taigh cho fada ’s gun robh e an dùil nach biodh duine ga aithneachadh.

Agus bha sin fìor. Nuair a ràinig e taigh a mhàthar, bha seann bhoireannach na suidhe a-muigh. ’S e latha brèagha samhraidh a bh’ ann. Bha Iain an dùil gum b’ e sin a mhàthair – ged nach robh e ga h-aithneachadh gu furasta.

Cha robh ise ga aithneachadh-san idir. Nuair a thàinig e faisg air an taigh, thuirt i ris, ‘An e seòladair a th’ annad? An do thachair thu riamh ris a’ ghille agam – Iain MacNèill?’

Chaidh Iain a-null agus thug e pòg do a mhàthair. Bha uiread de dh’iongnadh oirre ’s nach robh comas labhairt aice airson greis.

Chan eil fhios agam an do mhìnich Iain do a mhàthair mar a rinn e dìoghaltas às leth athar ’s a bhràithrean. Saoilidh mi gun do mhìnich oir nuair a dh’fhàg e an taigh bliadhnaichean roimhe, thuirt e gur e sin a bha fa-near dha.

A rèir an sgeòil, mar a dh’aithris an Codaidh e ann an ‘Tales from Barra’, dh’fhuirich Iain ann an taigh a mhàthar ann an Uibhist airson còrr is dà bhliadhna. Nuair a bha dhen bheachd gun robh e sàbhailte dha, fhuair e obair mar mharaiche a-mach à Liverpool. Chan eil fhios agam an do ghabh e ainm ùr air fhèin, ach thathar ag ràdh gu bheil a shliochd fhathast a’ fuireach anns a’ phort-mhara sin.

Faclan na Litreach: Iain MacNèill: John MacNeil; soitheach-mara: maritime vessel; treun: brave; cuireadh: invitation; preas: cupboard.

Abairtean na Litreach: am measg sheann mharaichean: among old mariners; dh’inns fear dhiubh do chàch: one of them told the others; mar a mharbh e spùinneadair ainmeil agus a thriùir mhac: how he killed a famous pirate and his three sons; b’ iad na spùinneadairean a bu chunnartaiche anns na h-Eileanan an Iar: they were the most dangerous pirates in the Western Isles; gun robh am fear eile a’ bruidhinn air athair agus a bhràithrean: that the other man was speaking about his father and brothers; gun dèanadh e dìoghaltas: that he would get revenge; thuirt e le moit gun robh fuil a’ bhreabadair fhathast air a chlaidheamh: he said with pride that the weaver’s blood was still on his sword; am mac a b’ òige: the youngest son; thug e dòrn dha na chluais agus thuit am bodach marbh: he punched him in the ear and the old man fell dead; b’ e sin an dìoghaltas a bha mac a’ bhreabadair air gealltainn: that was the revenge that the son of the weaver had promised; cha b’ urrainn dha fuireach ann an Lunnainn tuilleadh: he couldn’t stay any longer in London; cha robh ise ga aithneachadh-san idir: she wasn’t recognising him at all; an do thachair thu riamh ris a’ ghille agam?: did you ever meet my son?; bha uiread de dh’iongnadh oirre ’s nach robh comas labhairt aice airson greis: she was so surprised that she couldn’t speak for a while; thuirt e gur e sin a bha fa-near dha: he said that that was his intention; an do ghabh e ainm ùr air fhèin: if he took a new name; gu bheil a shliochd fhathast a’ fuireach anns a’ phort-mhara sin: that his descendants still live in that maritime port.

Puing-chànain na Litreach: Chaidh Iain a-null a bhruidhinn ris an duine: John went over to speak to the man. A-null (dialectally a-nunn) is an adverb that we use when expressing movement away from the speaker. It does not express a static state and should be used with a verb of motion. Dh’fhalbh i a-null a Chanada ‘she went over to Canada’. We express movement towards the speaker with a-nall e.g. thàinig iad a-nall a dh’Alba ‘they came over to Scotland’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: thuirt Iain nach gabhadh e càil ri ithe no òl: John said he wouldn’t take anything to eat or drink.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1002

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean