FaclairDictionary EnglishGàidhlig

17: Gallaibh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gallaibh

Gaelic Gàidhlig

Coimheadamaid air an ainm-àite “Gallaibh”. Ann an dòigh, tha e mi-fhortanach gur e sin an t-ainm a th’ againn airson na siorrachd as fhaide tuath air tir-mòr na h-Alba. Tha e a’ ciallachadh “ceàrn nan Gall”, agus ’s e Gall duine nach eil Gàidhealach, agus aig nach eil Gàidhlig. Ach nach robh Gàidhlig a-riamh aig muinntir Ghallaibh? A bheil na comhairlichean às Gallaibh, a tha a’ cumail a-mach nach robh an cànan air a bruidhinn gu mòr ann a sin, ceart neo ceàrr? Uill, tha iad ceàrr.

Ged is ’s e Lowlander a bhios sinn a’ ciallachadh mar is trice an-diugh le “Gall”, bha e tric a’ ciallachadh, o shean, “Lochlannach” agus, nuair a chì sinn ainmean air a’ mhap mar “Camus nan Gall”, tha fios againn gur e “Camus nan Lochlannach” a bhathar a’ ciallachadh. Bha seann ainm air na h-Eileanan Siar – Innse Gall – Eileanan nan Lochlannach. Ach chan eil an t-ainm sin iomchaidh an-diugh air sgath ’s gur iad na h-eileanan sin an t-àite as Gaidhealaiche a th’ ann ann an Alba.

Ach dè mu dheidhinn Ghallaibh? Chan eil teagamh nach robh na Lochlannaich na bu làidire ann an sin na bha iad, can, ann an Cataibh. Agus ann am fìor cheann an ear-thuath na siorrachd, tha a’ chuid as motha de na h-ainmean-àite a’ tighinn bho Lochlannais, an àite Gàidhlig. Ach seallaibh air seo. Tha mi a’ cur map de Ghallaibh air mo bheulaibh air a’ bhòrd, agus seallaibh air na h-ainmean Gàidhlig – Blàr an Fhraoich, Monadh nan Càrn, Beinn Freacadain, Cnoc Alltan Iain Duinn, is mar sin air adhart. Tha an t-uabhas dhiubh ann. Ainmean glan Gàidhlig ann an Gallaibh air am faighinn bho mhuinntir an àite fhèin anns an naoidheamh linn deug (19mh linn). Ciamar a fhuair luchd nam mapaichean ainmean Gàidhlig bho na daoine mura robh an cànan aca?

Agus tha fianais eile ann gu robh Gàidhlig air a bruidhinn gu mòr ann an Gallaibh, ach a-mhàin anns an ear-thuath, agus ann an cuid de bhailtean, leithid Inbhir Uige, far an robh a’ Bheurla làidir. Tha aithris ann, a chaidh a sgrìobhadh trath anns an ochdamh linn deug (18mh linn), a tha ag iarraidh oirnn smaoineachadh air loighne dhìreach eadar Inbhir Theòrsa agus Inbhir Uige. “’S e Beurla a th’ aig a’ chuid as motha gu sear air an loighne,” tha i ag ràdh, “[ach] air an taobh siar ’s e Gàidhlig a th’ aca. Anns an sgìre sin [air an taobh siar] feumaidh ministearan searmonachadh anns an dà chànan.”

Ann am meadhan na h-ochdamh linn deug, sgrìobh ùghdar eile, “Tha deich sgìrean ann an Gallaibh, còig aca sin anns a bheilear a’ bruidhinn Beurla dhen t-seòrsa Albannach, agus anns a’ chòig eile nàdar de Ghàidhlig bhriste...” Aig deireadh na linne, ge-tà, a-rèir an Old Statistical Account, bha a’ Bheurla a’ faighinn làmh-an-uachdair, ach a-mhàin ann an sgìre Mheaghrath anns an iar-thuath. Agus chum crìonadh na Gàidhlig a dol. Ann an ochd ceud deug, ceithir fichead ’s a h-aon deug (1891) cha robh ach ceithir mìle duine air fhàgail aig an robh Gàidhlig ann an Gallaibh, aona duine deug às gach ceud anns an t-siorrachd.

Ach, crìonadh ann neo às, chan eil e fìor ri ràdh nach eil dualchas Gàidhealach aig Gallaibh. Agus carson a tha eòlas mar seo cutromach? Uill, tha luchd-taic na Gàidhlig ann an Gallaibh air spàirn mhòr a dhèanamh airson sgoil-àraich Ghàidhlig a chur air chois ann an Inbhir Theòrsa. Agus a-nise, tha cuid de chomhairlichean Ghallaibh a’ cur na h-aghaidh, agus iad dhen bheachd nach robh a’ Ghàidhlig a-riamh làidir anns an sgìre. Uill, tha mi ’n dòchas, aig a’ cheann thall, gun dean eòlas a’ chùis air aineolas.

Faclan na Litreach: coimheadamaid: let us look; Gallaibh: Caithness; siorrachd: county; ceàrn: district; comhairliche/comhairlichean: councillor/councillors; ceart: correct; ceàrr: wrong; tric: often; a’ searmonachadh: preaching; Inbhir Theòrsa: Thurso; Inbhir Uige: Wick; làmh-an-uachdair: the upper hand; Meaghrath: Reay; luchd-taic: supporters; spàirn: effort; sgoil-àraich: nursery school.

Abairtean na Litreach: as fhaide tuath: furthest north; ceann an ear-thuath na siorrachd: the north-east of the county; seallaibh air seo: look (plural) at this; air mo bheulaibh: in front of me; tha an t-uabhas dhiubh ann: there are lots of them; air am faighinn bho mhuinntir an àite: obtained from the local people; luchd nam mapaichean: the map people; mura robh an cànan aca: if they didn’t have (speak) the language; ach a-mhàin anns an X: except in the X; loighne dhìreach: straight line; gu sear air an loighne: east of the line; anns a bheilear a’ bruidhinn Beurla: in which English is spoken; deireadh na linne:the end of the century; aona duine deug às gach ceud: eleven percent of the population; crìonadh ann neo às:regardless of whether or not there has been (linguistic) decay; aig a’ cheann thall: in the end (a Gaelic equivalent to “at the end of the day”).

Puing ghràmair na Litreach: Gall means a foreigner, non-Gael or Scottish Lowlander. In place names it is likely to mean Norseman, but in modern parlance it usually refers to a Lowlander. The plural is Goill, as is the genitive. Bha coltas a’ Ghoill air ( he looked like a Lowlander). The genitive plural is, as is common in Gaelic, the same as the nominative singular. Thus, on the map, we get Camus nan Gall (the bay of the Norsemen). The Lowlands are a’ Ghalldachd (cf the Highlands – a’ Ghàidhealtachd). The genitive of that feminine word is na Galldachd. ’S iad na Goill muinntir na Galldachd (the “Goill” are the people of the Lowlands). The associated adjective is Gallda which means culturally Lowland and does not refer directly to landscape features. ’S e òran Gallda a tha sin (that’s a Lowland song). A Gaelic phrase for the low country in the south of Scotland is a’ Mhachair Ghallda.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gun dean eòlas a’ chùis air aineolas: that knowledge will overcome ignorance. Dean a’ chùis means “achieve something” or “be successful”. Am bi an càr a’ dol a-nis? (does the car go now?). Bithidh, rinn mi a’ chùis air (yes, I fixed it). Cò nì a’ chùis ann am Farpais Rugbaidh na Cruinne? (who’ll win the Rugby World Cup?). An do thuig thu am bodach sin?(did you understand that old man?). O, rinn mi a’ chùis (oh, I managed). A’ dèanamh a’ chùis air can also mean “defeating”. Saoil an dean Celtic a’ chùis air Obair Dheathain? (do you reckon Celtic will beat Aberdeen?) (yes). Rinn Brasail a’ chùis air Alba dhà gu h-aon. Brazil defeated Scotland 2-1.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean