283: Dòmhnall Horne MacPhàrlain (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Dòmhnall Horne MacPhàrlain (2)
Cha robh e furasta do bhòtairean air Gàidhealtachd na h-Alba anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885). Bha sin gu h-àraidh fìor ann an Earra-Ghàidheal. Bha aig bhòtairean à Tiriodh ri dhol a Bhun Easain ann am Muile, dìreach airson bhòtadh. Bha e a cheart cho duilich do na Collaich. Bha acasan ri dhol a Thobar Mhoire airson bhòtadh.
Ach bha e fìor chudromach gun dèanadh na h-eileanaich oidhirp faighinn gu ionadan bhòtaidh. Oir, as an aonais, bha an t-eagal ann nach rachadh leis an tagraiche a bha a’ seasamh còraichean nan croitearan. B’ esan Dòmhnall Horne MacPhàrlain.
Bha MacPhàrlain beartach, agus is math gu robh. Dh’fhastaich e bàta-smùid, an “Hebridean” airson bhòtairean Thiriodh is Cholla a thoirt a Mhuile. Cha robh dòigh eile ann dhaibh faighinn thar na mara, oir bha fìor dhroch shìde ann. Bha e doirbh gu leòr do na Tiristich eadhon le sin, oir b’ fheudar dhaibh dhol a-mach don Hebridean ann an eathar bheag.
Rinn MacPhàrlain a’ chùis anns an taghadh. Fhuair e trì mile, trì cheud, trithead ’s a sia bhòtaichean, faisg air còig ceud a bharrachd nan dàrna tagraiche. Tuigidh sibh nach robh deamocrasaidh ceart ann aig an àm. Cha robh còraichean bhòtaidh aig mòran fhear aig an àm ud, agus cha robh còraichean bhòtaidh aig boireannach sam bith.
Nuair a chualas an naidheachd gun do bhuannaich MacPhàrlain, bha toileachas mòr ann. Chuir mòran teintean-aighir thuige. Thug an Hebridean an naidheachd gu ruige Tiriodh agus cha b’ fhada gus an robh sia teintean-aighir a’ dol anns an eilean. Bha an aon uiread de ghàirdeachas ann an Liosmòr, ann am Bail’ a’ Chaolais, ann an Inbhir Aora, ann an Tobar Mhoire, ann an Luinn – gu dearbh, ann am mòran àiteachan air feadh Earra-Ghàidheal.
Bha e inntinneach gun do rinn MacPhàrlain cho math san taghadh, oir bha e na Chaitligeach, eu-coltach ris a’ chuid a bu mhò de na daoine a bhòt air a shon. Sheall na croitearan, anns an taghadh sin co-dhiù, gu robh iad a’ cur poileataics, agus taic do chroitearachd, air thoiseach air rud sam bith eile.
Cha robh clèirich nan eaglaisean Pròstanach buileach cho taiceil dha, ge-tà. Eadhon anns an Eaglais Bhaistich bha sgaradh bheachd ann. Ann an Ìle, bha am ministear Baisteach, Dòmhnall Ros, na aghaidh. Ach bha an t-Urramach Donnchadh MacGriogair, am ministear Baisteach ann an Dùn Omhain, am measg an fheadhainn a bu mhò a thug taic dha. Bha MacGriogair air a bhith an sàs gu mòr anns an iomairt airson còraichean fearainn a thoirt do mhuinntir na Gàidhealtachd.
Ach bha suidheachadh an riaghaltais aig Westminster gu math cugallach an dèidh an taghaidh. Bhuannaich pàrtaidh na h-Èireann, fo Thèarlach Stiùbhart Parnell, ochdad ’s a sia suidheachain – a h-uile fear a bh’ ann taobh a-muigh Uladh. Thug iadsan taic do na Tòraidhean. Thug sin an aon àireamh de bhuill Thaigh nan Cumantan do na Tòraidhean ’s a bh’ aig na Libearalaich – trì cheud, trithead ’s a còig. Fhuair na Tòraidhean, fon Mhorair Salisbury, cead riaghlaidh, ach chaill iad bhòt anns na Cumantan tràth sa bhliadhn’ ùir. Bha Gladstone an uair sin air ais mar phrìomhaire.
Bha esan air a bheachd atharrachadh air fèin-riaghladh do dh’Èirinn. Bha e a-nise air a shon. Mar sin, thug na buill Èireannach an taic dha. Ach nuair a chuir e am bile aige air adhart airson fèin-riaghladh anns an Ògmhios, ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886), chaill e, oir chaidh cuid de na Libearalaich na aghaidh. Bha taghadh nàiseanta eile ann. Agus bha aig Dòmhnall MacPhàrlain ri dhol air ais gu muinntir Earra-Ghàidheal, is an cuid bhòtaichean iarraidh a-rithist.
Faclan na Litreach: bhòtairean: voters; taghadh: election; Tiriodh: Tiree; Colla: Coll; Tobar Mhoire: Tobermory; Tiristich: people of Tiree; Liosmòr: Lismore; Inbhir Aora: Inveraray; Luinn: Luing; Dùn Omhain: Dunoon; Pròstanach: Protestant; an t-Urramach Donnchadh MacGriogair: Rev. Duncan MacGregor; cugallach: unstable; Taigh nan Cumantan:House of Commons; fèin-riaghladh: self-government; am Morair Salisbury: Lord Salisbury; prìomhaire: prime minister.
Abairtean na Litreach: bha aig X ri dhol a Bhun Easain ann am Muile: X had to go to Bunessan in Mull; a cheart cho duilich do na Collaich: just as difficult for the people of Coll; as an aonais: without them; gun dèanadh X oidhirp: that X would make an effort; nach rachadh leis an tagraiche: that the candidate wouldn’t be successful; thar na mara: across the sea; eadhon le sin: even with that; bh’ fheudar dhaibh dhol a-mach: they had to go out; nuair a chualas an naidheachd: when the news was heard; chuir mòran teintean-aighir thuige: many [people] lit bonfires; bha an aon uiread de ghàirdeachas: there was equivalent celebration; bha e na Chaitligeach: he was a Catholic; eu-coltach ris a’ chuid a bu mhò: unlike the majority; air thoiseach air rud sam bith eile: ahead of everything else; eadhon anns an Eaglais Bhaistich bha sgaradh bheachd ann:even in the Baptist Church there was a divergence of opinion(s); a h-uile fear a bh’ ann taobh a-muigh Uladh:every one there was outside Ulster; bha e a-nise air a shon: he was now in favour of it; is an cuid bhòtaichean iarraidh a-rithist: and seek their votes again.
Puing-chànain na Litreach: Cha robh còraichean bhòtaidh aig mòran fhear aig an àm ud: not many men at that time had voting rights. Sometimes today you will hear mòran fir for “many men” but this neglects an old and well established grammatical rule which is still adhered to many native speakers with a good command of the language, particularly older ones – that is, that mòran commands the genitive when followed by a (plural) noun. What we are saying is “many of men”. Fir is the nominative plural, but the genitive plural is the same as the nominative singular, this being a noun which pluralises in the nominative by slenderisation (ie fear, man, becomes fir, men). For “of the men” we say nam fear and for “of men” we lenite it and say fhear. Thus “many men” is mòran fhear.
Gnàthas-cainnt na Litreach: is math gu robh: it’s [a] good [thing] that he was.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn