FaclairDictionary EnglishGàidhlig

321: Buidheann Cheilteach ann an California

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Buidheann Cheilteach ann an California

Gaelic Gàidhlig

Tha ceud bliadhna air a dhol seachad am-bliadhna bho chaidh buidheann Cheilteach a chur air chois ann an California. ’S e an t-ainm a bh’ air The Celtic Club of Los Angeles. Chaidh a stèidheachadh ann an naoi ceud deug ’s a còig (1905).

Bha an fheadhainn a chruthaich an cluba a’ cumail a-mach gum b’ e a’ chiad bhuidheann phan-Cheilteach air an t-saoghal. Bha iad a’ cur fàilte air daoine aig an robh ùidh ann an cultar nan dùthchannan Ceilteach gu lèir – Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn, Eilean Mhanainn agus A’ Bhreatainn Bheag.

’S e fear à Alba, Calum MacLeòid, agus fear à Èirinn, John McGroarty, a stèidhich an cluba. Am measg nan aoighean a bh’ aca aig toiseach gnothaich bha Dùbhghlas Hyde – sgoilear Gàidhlig Èireannach. An ceann greis, bhiodh e na chiad Cheann-suidhe de Phoblachd na h-Èireann. Chan eil fhios agam a bheil an cluba fhathast a’ dol. Tha amharas agam nach eil.

Chuala mi naidheachd èibhinn turas mu fhear Èireannach ann an California. Cha b’ ann an Los Angeles a bha e ach ann an San Francisco. Bha buidheann de luchd-turais eadar-nàiseanta a’ siubhal ann am bus air feadh stàitean taobh an iar Ameireagaidh. ’S e Beurla an cànan a bh’ aca anns a’ chumantas.

’S e fear Èireannach a bha gan stiùireadh. Là a bha seo, chuir fear dhen luchd-turais ceist air an Èireannach: “A bheil Gaeilge agaibh?” Gun smaoineachadh cus, fhreagair an t-Èireannach, “Tha gu leòr.” Bha fios aige nach robh Gàidhlig sam bith aig duine air bòrd a’ bhus. Ge-tà, chan e an fhìrinn a bh’ aige. Bha e air Gàidhlig na h-Èireann ionnsachadh san sgoil, ach cha robh mòran dhith aige tuilleadh. ’S dòcha dìreach ùrnaigh no dhà.

Aig a’ cheann thall, ràinig iad San Francisco. Chaidh iad a-steach gu taigh-seinnse faisg air a’ phort. Agus fhuair fear dhen luchd-turais a-mach gur ann à Èirinn a bha fear dhen luchd-obrach. “A bheil Gaeilge agaibh?” dh’fhaighnich e dhen Èireannach.

“Tha gu leòr,” fhreagair an t-Èireannach. Agus ’s e an fhìrinn a bh’ aigesan. Bha a’ Ghàidhlig aige mar chiad chànan.

“Thig don bhòrd againn, ma-thà,” thuirt am fear-turais. “Tha mi airson còmhradh a chluinntinn ann an Gàidhlig na h-Èireann.”

Chaidh am fear Èireannach a-null don bhòrd, far an robh fear-stiùiridh an luchd-turais. “Siuthadaibh!” thuirt am fear-turais. “Bruidhnibh ri chèile ann an Gaeilge.” Is iongantach mura robh eagal air an fhear bhreugach!

Mus d’ fhuair fear an taigh-sheinnse cothrom dad a ràdh, thuirt fear a’ bhus, “Ar n-Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d' ainm.” Choimhead am fear fileanta air mar gur e amadan a bh’ ann. Ach an uair sin, thuig e plòigh an duine eile. “Gun tigeadh do rìoghachd,” fhreagair e. “Gun dèanar do thoil air thalamh, mar a nithear air nèamh.”

“Thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil,” thuirt a’ chiad fhear.

“Agus math dhuinn ar fiachan,” fhreagair am fear eile. Agus lean an còmhradh mar sin. Bha an luchd-turais sàsaichte gu robh Gàidhlig mhath aig an dithis.

“Agus a’ ghlòir, gu sìorraidh,” thuirt fear a’ bhàir mu dheireadh mus do leig e soraidh slàn leotha. Agus chun an là an-diugh tha e coltach nach eil fios aig an luchd-turais gur ann ag aithris Ùrnaigh an Tighearna a bha an dithis, ’s nach b’ e còmhradh ceart a bh’ ann idir!

Faclan na Litreach: A’ Chuimrigh: Wales; A’ Chòrn: Cornwall; Eilean Mhanainn: The Isle of Man; A’ Bhreatainn Bheag: Brittany; ùrnaigh: prayer; taigh-seinnse: pub; amadan: idiot; sàsaichte: satisfied.

Abairtean na Litreach: bho chaidh buidheann Cheilteach a chur air chois: since a Celtic group was established; a’ cumail a-mach gum b’ e a’ chiad bhuidheann phan-Cheilteach air an t-saoghal: maintaining that it was the first pan-Celtic group in the world; am measg nan aoighean a bh’ aca aig toiseach gnothaich: among the guests they had at the beginning; bhiodh e na chiad Cheann-suidhe de Phoblachd na h-Èireann:he would be the first president of the Republic of Ireland; tha amharas agam nach eil: I suspect it is not; a bha gan stiùireadh:who was leading them; gun smaoineachadh cus: without thinking too much; ge-tà, chan e an fhìrinn a bh’ aige:however, he was not telling the truth; ’s e an fhìrinn a bh’ aigesan: he was telling the truth; bruidhnibh ri chèile: speak to each other; is iongantach mura robh eagal air an fhear bhreugach: it wouldn’t be a surprise if the lying fellow was scared; ar n-Athair a tha air nèamh: our Father who art in Heaven; gun naomhaichear d' ainm: hallowed be Thy name; thuig e plòigh an duine eile: he understood what the other man was up to; gun tigeadh do rìoghachd: Thy kingdom come; gun dèanar do thoil: Thy will be done; agus a’ ghlòir, gu sìorraidh: and the glory, forever; mus do leig e soraidh slàn leotha: before he bade them farewell; Ùrnaigh an Tighearna: The Lord’s Prayer; ’s nach b’ e còmhradh ceart a bh’ ann: it wasn’t a proper conversation.

Puing-chànain na Litreach: Bha buidheann a’ siubhal ann am bus: a group was travelling in a bus. Please note the pronunciation of bus – it is like the English and not, as one might expect from the orthography “booss”. But there is a Gaelic word bus, still in common usage, pronounced “booss” which means “mouth” or “the area around the mouth”. Usually it is obvious which is meant. For example, in the written form, bha bus air might mean “he was pouting” or “a bus was on him” – but it is unlikely to be the latter! And the inflections give it away: bus(mouth) is buis in the genitive singular and busan in the nominative plural. The equivalent examples for bus (vehicle) are bus and busaichean.

Gnàthas-cainnt na Litreach: “Siuthadaibh!” thuirt am fear-turais: “Go on!” said the tourist. The singular/informal form is siuthad.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 17

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean