FaclairDictionary EnglishGàidhlig

352: Teàrlach MacAoidh (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Teàrlach MacAoidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Lorg mi seann leabhar iongantach ann an leabharlann o chionn ghoirid. Tha e air a sgrìobhadh ann am Beurla ach tha e mu dheidhinn dualchas na Gàidhlig. Bha an t-ùghdar a’ feuchainn ri dearbhadh gu robh, ’s dòcha, barrachd buaidh aig a’ Ghàidhlig air cànanan Eòrpach eile na bha fìor. ’S e an tiotal a th’ air an leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe and more especially of the English and Lowland Scotch and of their slang, cant and colloquial dialects. Chan e tiotal goirid a th’ ann co-dhiù!

B’ e an t-ùghdar Teàrlach MacAoidh. Bha e na bhall de Chomann Rìoghail Luchd-àrsaidheachd na Danmhairg. Agus is cinnteach gu robh ùidh mhòr aige sa Ghàidhlig. Airson tomhas a dhèanamh air na beachdan aige, tha mi a’ dol a thoirt sùil air cuid de na faclan Beurla anns an leabhar aige a tha a’ tòiseachadh le “b”.

Tòisicheamaid le bastard no neach dìolain. Tha am facal Beurla a’ tighinn bhon Fhraingis batard, agus tha a’ chuid as motha de eòlaichean dhen bheachd gu bheil sin a’ tighinn bhon fhreumh bast, a tha a’ ciallachadh “dìollaid”. Tha e a’ nochdadh anns an abairt fils de bast – mac a chaidh a ghineadh nuair a bha athair air falbh bho dhachaigh air each.

Ach dè beachd Theàrlaich MhicAoidh air a’ ghnothach? Uill, tha esan ag ràdh gun deach e don Fhraingis bho na Ceiltich, agus gun robh bast a’ riochdachadh an fhacail baos ann an Gàidhlig.

’S e an ath fhacal aig MacAoidh baste – a’ ciallachadh mar a chuireas còcaire lionn thairis air feòil nuair a tha e ga còcaireachd. Tha MacAoidh dhen bheachd gun tàinig sin à baist, baisteadh ann an Gàidhlig. Às dèidh sin tha Bastille aige – am prìosan ann am Paris a chaidh a sgrios leis an t-sluagh aig toiseach Ar-a-mach na Frainge. Tha e coltach gun robh e air ainmeachadh airson an àite anns an deach a thogail. Bha an t-àite sin na bhoglach.

A bheil an t-ainm mar sin ceangailte ri baisteadh? Uill, tha na sgoilearan a’ cumail a-mach gun tàinig an seann fhacal Frangach bastile bho fhreumh Gearmailteach, a’ ciallachadh “togail”. Ach tha ar caraid Gàidhealach a’ cur air adhart mìneachadh eile. Sgrìobh MacAoidh gu robh e a’ tighinn bhon Ghàidhlig bàs agus tiodhlaicbàs-tiodhlaic – oir, gu dearbh, ’s e sin a bha a’ tachairt gu tric am broinn ballachan a’ phrìosain. Is iomadh duine a fhuair bàs ann agus a bh’ air a thiodhlacadh às dèidh làimh.

Tha sin gam thoirt gu bauble. San latha an-diugh, bidh daoine a’ smaoineachadh air bauble mar dhèideag bheag air nach eil luach mòr sam bith. Ach gu h-eachdraidheil bha e a’ ciallachadh “maide aig amadan cùirte”. Thàinig bauble don Bheurla bhon Fhraingis, bhon fhacal baubel ach chan eil daoine cinnteach dè an rathad a ghabh e a-steach don Fhraingis.

Tha MacAoidh ag ràdh gun tàinig e bhon Ghàidhlig , “a fool”, agus ball, “an instrument”. Bà-ball – bauble. Mmm. Chan eil mi cho cinnteach. Ach ’s e an rud a tha math mu dheidhinn leabhraichean mar seo gu bheil iad a’ toirt oirnn smaoineachadh air tùs fhaclan. Agus dhuibhse a tha measail air coin, bheir sinn sùil air beagle an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: ùghdar: author; Teàrlach MacAoidh: Charles Mackay; tòisicheamaid: let us begin; dìolain: illegitimate (eg child); freumh: root; dìollaid: saddle; baos: fornication; ar-a-mach: revolution; boglach: swamp; tiodhlaic: bury; gu h-eachdraidheil: historically.

Abairtean na Litreach: a’ feuchainn ri dearbhadh: trying to prove; gu robh barrachd buaidh aig a’ Ghàidhlig air cànanan Eòrpach eile:that Gaelic had more influence on other European languages; Comann Rìoghail Luchd-àrsaidheachd na Danmhairg: The Royal Society of Antiquaries of Denmark; airson tomhas a dhèanamh air na beachdan aige: to assess his opinions; mac a chaidh a ghineadh: a son who was conceived; a’ riochdachadh an fhacail: representing the word; mar a chuireas còcaire lionn thairis air feòil: how a cook puts a liquid over meat; a chaidh a sgrios leis an t-sluagh: which was destroyed by the populace; airson an àite anns an deach a thogail: for the place in which it was built; am broinn ballachan a’ phrìosain: inside the walls of the prison; is iomadh duine a fhuair bàs ann: many a man died in it; dèideag bheag air nach eil luach mòr sam bith: a small toy which is not very valuable; maide aig amadan cùirte: a court jester’s stick; dè an rathad a ghabh e a-steach don Fhraingis: what route it took into French; dhuibhse a tha measail air coin: for those of you who are keen on dogs.

Puing-chànain na Litreach: dè beachd Theàrlaich MhicAoidh (air a’ ghnothach)? what is Charles Mackay’s opinion (of [on] the matter)? Note that there are two ways of tackling this type of phrase – I could also have said dè am beachd a th’ aig Tèarlach MacAoidh, using the man’s name in the dative, not in the genitive, but putting the article in before beachd. Similarly, we might say for “what is Ishbel’s opinion?”, dè beachd Iseabail? or dè am beachd a th’ aig Iseabail? Also: “what is the others’ opinion?” – dè beachd chàich? (indefinite, càch in genitive) or dè am beachd a th’ aig càch? (definite, càch in dative). You can often avoid using the genitive in this way, but try to master such phraseology – it will sound more like you have a natural command of the language.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gu bheil iad a’ toirt oirnn smaoineachadh (air tùs fhaclan): that they make us think (about the origin of words).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 48

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean