391: Tuiltean
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Tuiltean
Tha sinn cleachdte ri tuiltean anns na h-aibhnichean againn, nach eil? Tha mòran dhen bheachd gur e Blàthachadh na Cruinne as coireach ris an uiread de thuiltean a tha sinn a’ faighinn. Ach fada mus robh guth air a leithid, bha tuiltean fìor dhona ann. Am measg an fheadhainn a bu mhiosa a chaidh a chlàradh a-riamh bha na tuiltean mòra ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829).
Mar a chunnaic sinn an t-seachdain sa chaidh, bha iad dona gu leòr ann an Siorrachd Rois. Bha iad dona cuideachd ann an Cataibh, Gallaibh agus Arcaibh. Ach ’s e Moireibh an t-àite a bu mhotha a dh’fhuiling. Bha dìle uabhasach anns a’ Mhonadh Ruadh agus anns a’ Mhonadh Liath. Agus chaidh uisge mòr a-steach gu trì aibhnichean gu h-àraidh – Uisge Losaidh, Uisge Èireann agus Uisge Narann. Bha lighe mhòr anns na trì.
Thòisich e air sileadh feasgar na Sàbaid, an dàrna latha dhen Lùnastal. Ann an Hunndaidh eadar còig uairean sa mhadainn air an treas latha agus còig uairean sa mhadainn air a’ cheathramh latha dhen mhìos, thuit trì òirlich de dh’uisge. Bha sin co-ionann ris an t-siathamh pàirt de na bhiodh an t-àite sin a’ faighinn ann am bliadhna. Tha Hunndaidh pìos mòr air falbh bho na beanntan. Is cinnteach gun robh fad a bharrachd na trì òirlich air talamh àrd a’ Mhonaidh Lèith.
Rinn an tuil sgrios air mòran drochaidean. Bha muileann fùcaidh, no muileann luadhaidh, ann am Fàilleadh ann an Srath Narann. Bha uidheamachd ann a bhathar a’ cleachdadh airson clò a luadhadh. Bha an uidheamachd trom. Ach, a dh’aindeoin sin, chaidh a sguabadh air falbh leis an t-sruth. Agus stad i mu dheireadh naoi mìle nas fhaide sìos an abhainn.
Aig Clàbha, ann an Srath Narann, tha seann bharpaichean ainmeil. Sin àiteachan, air an dèanamh de chloich, far an deach daoine a thiodhlacadh anns an t-seann aimsir. Tha na barpaichean air a bhith ann bho Linn an Umha. Gu fortanach sheas iad an aghaidh na tuile. Sheas, agus clach mhòr mhòr a bha aithnichte do mhuinntir an àite mar Clach Mhòr a’ Chruaidh-ghoirtein. Ach cha robh Muileann Chlàbha cho fortanach. Chaidh a sguabadh air falbh.
Bha an aon stòiridh aig na daoine a bha a’ fuireach faisg air na trì aibhnichean. Chaidh sgrios a dhèanamh air Cala Inbhir Narann. Chaidh an drochaid air rathad mòr an Righ, thairis air Uisge Èireann, a leagail. Chaill daoine taighean, bàrr is stoc.
Agus cha robh an gnothach seachad. Dìreach trì seachdainean às dèidh sin – air an t-seachdamh latha fichead dhen Lùnastal – bha dìle bhàthte ann a-rithist. Agus thachair an aon seòrsa sgrios a-rithist. Bha uidheamachd muileann luadhaidh Fàillidh air ais ann am Fàilleadh. Ach chaidh a sguabadh air falbh a-rithist. Bha Muileann Chlàbha air a thogail as ùr. Chaidh a sgrios a-rithist leis an dàrna tuil. Chaidh tuilleadh millidh a dhèanamh air Cala Inbhir Narann is mòran àiteachan eile.
Bha dithis uaislean ann an Caisteal Chaladair airson sealg. Dh’fhalbh fear de luchd-obrach a’ chaisteil ann an cairt airson na màileidean aca a thoirt a dh’Inbhir Nis. Dh’fheuch e ri faighinn tarsainn na h-aibhne ach chaidh a sguabadh air falbh leis an t-sruth. Chuir e seachad seachd uairean a thìde ann am meadhan na h-aibhne – air an oidhche – mus d’ fhuair e a-mach gu sàbhailteachd. Sin mar a bha cùisean ann an Tuil Mhòr Mhoireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi.
Faclan na Litreach: Siorrachd Rois: Ross-shire; lighe: flooded area caused by a burn or river breaking its banks; Lùnastal: August; òirlich:inches; uidheamachd: equipment; barpaichean: chambered cairns; Muileann Chlàbha: The Mill of Clava; tuil: flood; Caisteal Chaladair: Cawdor Castle; màileidean: bags, cases; sàbhailteachd: safety.
Abairtean na Litreach: Blàthachadh na Cruinne: Global Warming; an uiread de thuiltean: the [large] number of floods; fada mus robh guth air a leithid: long before such things were being talked about; a chaidh a chlàradh a-riamh: that were ever recorded; Cataibh, Gallaibh agus Arcaibh: Sutherland, Caithness and Orkney; ’s e Moireibh an t-àite a bu mhotha a dh’fhuiling: Moray is the place that suffered most; dìle uabhasach: a terrible downpour; Uisge Losaidh, Uisge Èireann agus Uisge Narann: the River Lossie, Findhorn River and the River Nairn; thòisich e air sileadh: it started to rain, co-ionann ris an t-siathamh pàirt de na bhiodh X a’ faighinn ann am bliadhna:equivalent to a sixth of what X would receive in a year; tha Hunndaidh pìos mòr air falbh bho na beanntan: Huntly is a good distance away from the mountains; is cinnteach gun robh fad a bharrachd na: it’s certain that much more than; talamh àrd a’ Mhonaidh Lèith: the high ground of the Monadh Liath; a bhathar a’ cleachdadh airson clò a luadhadh: which was used to full cloth; chaidh a sguabadh air falbh: it was swept away; far an deach daoine a thiodhlacadh: where people were buried; Linn an Umha:The Bronze Age; sheas iad an aghaidh na tuile: they withstood the flood; Clach Mhòr a’ Chruaidh-ghoirtein:the big stone of the little hard field; rathad mòr an Righ: the main road; dìle bhàthte: a terrible downpour; dithis uaislean: two gentlemen (“toffs”); Tuil Mhòr Mhoireibh: The Great Flood[s] of Moray (known in Scots as “The Muckle Spate”).
Puing-chànain na Litreach: bha muileann fùcaidh, no muileann luadhaidh, ann am Fàilleadh : there was a fulling mill at Faillie. The point this week is about rescuing the verb fùc, fùcadh from oblivion. The verb most commonly used today for the waulking or fulling of cloth is luadh, luadhadh, which is well known to us from the òrain luadhaidh (waulking songs) of the Western Isles. But there is another verb fùc, fùcadhand it wouldn’t surprise me if it had been used by the Gaelic speakers of Moray. Fùcadair means a waulker or fuller and his trade is known as fùcadaireachd. The Gaelic for the surname Walker is Mac an Fhùcadair and it is likely that the original for the unusual looking Moray place name Maggiknockater is Magh an Fhùcadair (the plain of the fuller).
Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha sinn cleachdte ri tuiltean: we’re used to floods. Cleachdte ri: used to.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 87
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn