FaclairDictionary EnglishGàidhlig

517: Loch na Mnà

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Loch na Mnà

Gaelic Gàidhlig

Ann an Ratharsair tha loch ann an suidheachadh àrd ann am meadhan an eilein air a bheil Loch na Mnà. Tha sin a’ ciallachadh “the loch of the woman” – Loch na Mnà. Cò i a’ bhean a th’ air a h-ainmeachadh anns an loch?

Uill, a rèir beul-aithris, ’s e a bh’ innte boireannach òg a chaidh a mharbhadh le each-uisge. Agus chan e sgeul ùr a tha sin. Chaidh an dearbh stòiridh innse do Bhoswell is Johnson nuair a bha iad ann an Ratharsair ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a trì (1773). Chuala Boswell an stòiridh air an dearbh latha ainmeil air an do rinn e fhèin is Johnson dannsa Gàidhealach air mullach Dùn Cana – a’ bheinn as àirde anns an eilean. ’S e am fear a dh’innis an stòiridh dha, bodach a bhuineadh don eilean air an robh Calum MacLeòid. ’S e a bha gan treòrachadh gu mullach na beinne.

Tha an stòiridh a’ dol rudeigin mar seo. Bha uaireigin gobha ann an Ratharsair. Latha a bha seo bha nighean a’ ghobha a-muigh sa mhonadh ri cìobaireachd. Ach, air an oidhche sin, cha do thill i dhachaigh. Air an làrna-mhàireach, chaidh an gobha agus feadhainn eile a-mach a choimhead air a son. Thàinig iad mu dheireadh gu bruach an locha. Chan eil fhios a’m dè an t-ainm a bh’ air an loch anns na làithean ud, oir fhuair e ainm – Loch na Mnà – às dèidh an tachartais seo. Ach tha e coltach gun robh fios aig muinntir an àite gun robh each-uisge a’ fuireach ann.

Air cladach an locha, dè lorg an gobha ach cridhe is sgamhan na h-ìghne. B’ e sin obair each-uisge, gu cinnteach. Cha bhiodh each-uisge uair sam bith ag ithe sgamhan. Agus cha d’ rachadh an sgamhan fodha. Bhiodh e a’ fuireach air uachdar an locha. Bha an gobha troimh-chèile is làn feirg. Bha e ag iarraidh dìoghaltas. Chuir e roimhe dòigh a lorg airson an t-each-uisge a mharbhadh.

Thog an gobha is a mhac ceàrdach ri taobh an locha. Bha doras na ceàrdaich a’ coimhead a-mach air an loch. Chaidh an gobha is a mhac ann oidhche a bha seo. Os cionn an àite-teine, thog iad bior-ròstaidh. Chuir iad molt air a’ bhior-ròstaidh. Chuir iad an teine thuige. Bha iad an dùil gum biodh am fàileadh a’ tarraing an eich-uisge. Mar a dh’innis Calum MacLeòid an sgeul do Bhoswell, ’s e muc a chaidh a chur air a’ bhior-ròstaidh, seach molt.

Anns an teine bha dubhain mhòra, deiseil airson stobadh anns a’ bhèist. An ceann greis, dh’èirich deatach dhearg os cionn an locha. Thàinig creutair a-mach às an loch is a-steach air an doras. Bha coltas eich air – mu bhliadhna a dh’aois, gu math peallagach is grànda.

Stob an gobha is an gille aige dà dhubhan teth anns a’ chreutair. Thòisich an t-each-uisge air sgreuchail. Dh’fheuch e ri faighinn às. Tharraing e an dithis fhear a dh’ionnsaigh an dorais. Ach bha iadsan làidir gu leòr airson a chumail a-staigh. Dh’iarr an gobha air a mhac dhol don teine agus an dubhan mòr a thoirt a-mach às – agus a stobadh a-steach don each-uisge. Rinn an gille sin. Agus chùm iad grèim air an each gus an robh e marbh.

Ach – seo rud iongantach mun stòiridh. Aig a’ cheann thall, nuair a thàinig solas an latha, cha robh closach eich air fhàgail air ùrlar na ceàrdaich. Cha robh ann ach poidhle slaim dhen t-seòrsa a bhiodh na seann daoine ag ràdh a thàinig bho na speuran.

Faclan na Litreach: Ratharsair: Raasay; beul-aithris: oral tradition; each-uisge: water-horse, kelpie; gobha: blacksmith; ceàrdach: smithy; dubhan: hook.

Abairtean na Litreach: cò i a’ bhean a th’ air a h-ainmeachadh?: who is the woman that is named?; air an dearbh latha ainmeil: on the same famous day; bodach a bhuineadh don eilean: an old man who belonged to the island; ’s e a bha gan treòrachadh gu mullach na beinne: it’s himself that was guiding them to the mountain top; bha nighean a’ ghobha a-muigh sa mhonadh ri cìobaireachd: the smith’s daughter was out on the hill, shepherding; an làrna-mhàireach: the next day; a choimhead air a son: to look for her; cridhe is sgamhan na h-ìghne: the heart and lungs of the girl; air uachdar an locha: on the surface of the loch; troimh-chèile is làn feirg: distressed and angry; chuir e roimhe dòigh a lorg: he decided to find a way; os cionn an àite-teine, thog iad bior-ròstaidh: above the fireplace, they built a roasting spit; chuir iad an teine thuige: they lit the fire; gum biodh am fàileadh a’ tarraing X: that the smell would attract X; seach molt: rather than a wether; deiseil airson stobadh anns a’ bhèist: ready to drive into the beast; dh’èirich deatach dhearg: a red vapour arose; bha coltas eich air: it had the appearance of a horse; peallagach is grànda: shaggy and ugly; chùm iad grèim air: they kept hold of; cha robh closach eich air fhàgail air ùrlar na ceàrdaich: there was not a horse’s carcase left on the floor of the smithy; poidhle slaim dhen t-seòrsa a bhiodh na seann daoine ag ràdh a thàinig bho na speuran: a pile of slime of the type that the old people would say came from the heavens.

Puing-chànain na Litreach: Loch na Mnà: the loch of the woman. Mnà is the genitive singular form of bean, a “woman, female or wife”. It thus takes the diagnostic feminine singular article in the genitive – na. “The loch of the women” would be Loch nam Ban. If you find the irregularity of bean a bit confusing, I recommend you look at its entry in Dwelly’s dictionary. However, note that the dative forms given by Dwelly are now archaic and rarely met with.

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha d’ rachadh an sgamhan fodha: the lungs wouldn’t go under [the water]. Although you can distinguish one lung from a pair by using the singular sgamhan (the plural is sgamhanan ), in normal usage the singular form is employed to mean a pair of lungs.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 213

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean