FaclairDictionary EnglishGàidhlig

524: Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair (4)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi air a bhith ag innse dhuibh an t-seann stòiridh Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair. Tha mi a’ dol ga thoirt gu crìch an-diugh. Bidh cuimhne agaibh gun do thogadh Iain Dubh ann an Steòrnabhagh ach gun do dh’fhalbh e air long fad còig bliadhna airson seòladaireachd ionnsachadh. Chaidh a chur gu muir ann an ràth ach lorg e tìr agus chaidh e an sàs le trì robairean.

Shàbhail e beatha nighean Rìgh na Spàinne. Theich iad bho thaigh nan robairean agus phòs iad. Air an rathad chuidich Iain triùir fhear aig bothan-àirigh. Bha iad air am murt leis na robairean ach cha robh an cinn leis na colainnean ceart. Chuir Iain an cinn san àite cheart agus gheall an triùir gum faigheadh e duais airson sin.

Bha ceannard cabhlach na Spàinne air nochdadh anns a’ phort san robh Iain agus a bhean a’ fuireach. Bha an ceannard ag iarraidh nighean an Rìgh a thoirt air ais do a h-athair – agus a pòsadh. Cha robh fios aig Iain no a bhean gun robh an ceannard air a h-aithneachadh.

Thug an ceannard cuireadh don dithis dhol a-mach a choimhead air an luing. Ghabh iad ris a’ chuireadh. Ach nuair a bha iad air bòrd, chaidh na siùil an àirde, agus dh’fhalbh an long. Nuair a bha an long a-mach à sealladh na tìre, dh’fhàgadh Iain Dubh bochd aig muir leis fhèin ann am bàta beag gun ràmh ’s gun seòl.

Bha Iain ann an cruaidh-chàs. Bha e brònach fad an latha. Ach, aig ciaradh an fheasgair, mhothaich e do rudeigin a thug misneachd dha. Bha am bàta a’ cumail a toisich anns an aon àird, agus falbh math oirre.

An uair sin, chunnaic Iain botal deoch làidir ann an toiseach a’ bhàta. Ghabh e deoch às agus thuit e na chadal. Nuair a dhùisg e an ath mhadainn, sheall e gach rathad, ach cha robh tìr sam bith anns an t-sealladh. Ge-tà, bha am bàta a’ falbh fhathast le sgrìob làidir agus a’ cumail a cinn san aon àird. Thug seo tuilleadh misneachd dha. Nuair a thàinig an dàrna oidhche, ghabh e deoch eile bhon bhotal agus thuit e na chadal.

Air an treas madainn, sheall e roimhe agus chunnaic e tìr fad às, agus am bàta a’ dèanamh dìreach oirre. Bha an ròpa toisich a-mach roimhpe, agus tarraing chruaidh air. Ach cò bha a’ tarraing a’ bhàta leis an ròpa? Cha robh càil a dh’fhios aig Iain. Bha e neònach dha-rìribh.

Nuair a ràinig am bàta an cladach, chaidh triùir fhear a-mach às an uisge roimhpe. Bha iad a’ tarraing an ròpa thoisich. B’ iad sin an triùir dhaoine aig a’ bhothan-àirigh. Gheall iad aig an àm gun toireadh iad duais do dh’Iain. B’ e seo a dhuais.

Tharraing an triùir am bata gu bràigh a’ chladaich, os cionn tiùrr na mara. Cho luath ’s a chunnaic iad cas Iain air tìr, chaidh iad às an t-sealladh.

Faodar an còrr dhen sgeul innse ann am beagan fhaclan. Cha phòsadh nighean an Rìgh an ceannard gus am biodh gach saighdear is seòladair san rìoghachd air a dhol seachad fo uinneag a seòmair ann an caisteal a h-athar. Chaidh cha mhòr gach fear seachad air a h-uinneig agus cha robh sgeul air Iain Dubh Leòdhasach. Ach mu dheireadh, às dèidh dha dhol tro iomadh cruaidh-chàs, ràinig Iain an caisteal. Bha e air dheireadh air càch uile.

Gu fortanach, dh’aithnich nighean an Rìgh e. Phòs iad a-rithist agus, ma tha iad fhathast beò, tha mi an dùil gu bheil iad sona.

Faclan na Litreach: seòladaireachd: seamanship; cabhlach: navy, fleet; dh’fhàgadh: was left; cruaidh-chàs: extreme predicament; dh’aithnich: recognised.

Abairtean na Litreach: tha mi a’ dol ga thoirt gu crìch: I’m going to finish it; chaidh a chur gu muir ann an ràth: he was put to sea in a raft; chaidh e an sàs le trì robairean: he got involved with three robbers; cha robh an cinn leis na colainnean ceart: their heads weren’t with the correct bodies; gheall an triùir gum faigheadh e duais: the three men promised that he would get a reward; gun robh an ceannard air a h-aithneachadh: that the commander had recognised her; chaidh na siùil an àirde: the sails went up; a-mach à sealladh na tìre: out of sight of land; gun ràmh ’s gun seòl: without an oar or a sail; mhothaich e do rudeigin a thug misneachd dha: he noticed something that encouraged him; a’ falbh le sgrìob làidir: moving at considerable speed; fad às: far away; os cionn tiùrr na mara: above the high tide mark; chaidh iad às an t-sealladh: they disappeared; faodar an còrr dhen sgeul innse: the rest of the story can be told; cha phòsadh nighean an Rìgh: the King’s daughter wouldn’t marry; fo uinneag a seòmair ann an caisteal a h-athar: under the window of her room in her father’s castle; air dheireadh air càch uile: after every single other person; tha mi an dùil gu bheil iad sona: I reckon they’re happy.

Puing-chànain na Litreach: Bha am bàta a’ cumail a toisich anns an aon àird: the boat was keeping a constant heading (she was keeping her bow in the one direction). Ina previous Litir I mentioned the use of toiseach for the front of something and it’s worth reiterating it here (the genitive form is toisich – which is used here following the verbal noun a’ cumail). The front seat of a car is a suidheachan toisich (to ask a child to sit in the front [of the car], you might say “suidh anns an toiseach” or “dèan suidhe ann an toiseach a’ chàir”), the front legs of a ceithir-chasach (quadruped) are casan toisich (the rear legs are casan deiridh), and the bow of a boat is a toiseach. So the painter of a boat is a ròpa toisich or ball-toisich (literally “bow rope”) and the front thwart is a tobhta thoisich.

Gnàthas-cainnt na Litreach: agus falbh math oirre: with her making good headway.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 220

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean