FaclairDictionary EnglishGàidhlig

540: An t-Eilean Tarsainn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Eilean Tarsainn

Gaelic Gàidhlig

Seo ceist dhuibh agus chì sinn dè cho eòlach ’s a tha sibh air eileanan na h-Alba. Bidh fios agaibh gu bheil frith-ainmean, no far-ainmean, air na h-eileanan. Mar eisimpleir, canaidh sinn Eilean a’ Cheò airson an Eilein Sgitheanaich. Canaidh sinn Eilean an Fhraoich airson Eilein Leòdhais. Ach tha mi a’ dol a thoirt dhuibh ainmean trì eileanan. Chì sibh ma tha sibh eòlach orra.

’S e An t-Eilean Tarsainn ainm a’ chiad eilein. The cross-wise island. An t-Eilean Tarsainn. ’S e ainm an dàrna eilein Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich. The kingdom of the wild forest. Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich. Abair ainm! Agus ’s e ainm an treas fir Eilean nam Ban Mòra. The island of the big women. Eilean nam Ban Mòra. Tha amharas agam gum bi gu leòr a tha ag èisteachd eòlach air an treas fear. Ach ’s dòcha nach bi iad eòlach air na dhà eile.

Mura h-eil sibh cinnteach dè na h-eileanan air a bheil mi a-mach, innsidh mi dhuibh gu bheil iad faisg air a chèile. ’S iad trì de na h-Eileanan Beaga – Canaigh, Rùm agus Eige.

Chaidh a dhà de na h-ainmean seo a chlàradh le Màrtainn MacIlleMhàrtainn trì cheud bliadhna air ais. Sgrìobh e gur e Tarsainn a chanadh na daoine airson Chanaigh, agus gur e Eilean nam Ban Mòra a chanadh iad airson Eige. Ceud bliadhna às dèidh sin, anns a’ Chunntas Staitistigeil, chaidh an t-ainm airson Eilein Rùim – Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich – a chur ris an liosta. Agus bha An t-Eilean Tarsainn ann airson Chanaigh, seach dìreach Tarsainn. Ach carson a chleachdadh na daoine ainmean annasach mar sin?

Uill, ’s e ainmean-mara a bh’ annta. ’S e sin ainmean a bhiodh iasgairean no maraichean a’ cleachdadh nuair a bha iad aig muir. Bha na daoine sin saobh-chràbhach. Cha bhiodh iad deònach na h-ainmean ceart a chleachdadh oir dh’fhaodadh sin droch fhortan adhbharachadh don bhàta agus a criutha.

Mhair gnothaichean dhen t-seòrsa sin am measg iasgairean na Gàidhealtachd fad ùine mhòr. Mun àm a rugadh mise, bhiodh cuid de dh’iasgairean Gàidhealach fhathast ain-deònach dhol gu muir nam faiceadh iad boireannach no cat air an rathad chun an eathair.

Bha iad saobh-chràbhach a thaobh aodach cuideachd. Cha chuireadh iad aodach sam bith orra a bh’ air a dhathadh le crotal. Bha iad dhen bheachd gum biodh an crotal air a tharraing a dh’ionnsaigh nan creagan far an robh e uaireigin a’ fàs.

Agus bha an aon rud fìor mu ainmean-àite. Bidh sibh a’ mothachadh nach do dh’ainmich mi an ceathramh fear de na h-Eileanan Beaga – Eilean nam Muc. Uill, bha ainm-mara aig muinntir nan Eilean Beaga airson Eilean nam Muc cuideachd. B’ e sin Tìr Chràine. Tha sin a’ ciallachadh land of the sow. Tìr Chràine.

Carson a thagh iad ainmean mar sin? Uill, tha Tìr Chràine follaiseach gu leòr airson Eilean nam Muc. Tha Canaigh na laighe tarsainn na slighe-mara eadar an Cuan Barrach agus an Cuan Sgìth. Agus bha Rùm math airson sealg nam fiadh. Chan eil forraiste ann an Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich a’ ciallachadh coille le craobhan. Tha e a’ ciallachadh frìth – monadh a tha math airson sealg. Agus carson a bha Eilean nam Ban Mòra aca mar ainm air Eige? Uill, tha stòiridh agam mu dheidhinn sin ach, airson a chluinntinn, feumaidh sibh a bhith san èisteachd an ath-sheachdain!

Faclan na Litreach: frith-ainmean, far-ainmean: nicknames; Canaigh: Canna; Rùm: Rum; Eige: Eigg; Màrtainn MacIlleMhàrtainn: Martin Martin; ainm-mara: sea-kenning (name used at sea); maraichean: mariners; bradan: salmon.

Abairtean na Litreach: chì sinn dè cho eòlach ’s a tha sibh air: we’ll see how familiar you are with; abair ainm!: what a name!; gum bi gu leòr a tha ag èisteachd eòlach air an treas fear: that many who are listening will know the third one; dè na h-eileanan air a bheil mi a-mach: which islands I’m talking about; faisg air a chèile: close to each other; anns a’ Chunntas Staitistigeil: in the [first] Statistical Account; carson a chleachdadh na daoine ainmean annasach?: why would the people use strange names?; dh’fhaodadh sin droch fhortan adhbharachadh don bhàta agus a criutha: that could cause bad luck for the boat and its crew; mhair gnothaichean dhen t-seòrsa sin: things like that lasted for a long time; ain-deònach dhol gu muir: unwilling to go to sea; nam faiceadh iad boireannach no cat air an rathad chun an eathair: if they saw [would see] a woman or a cat on the way to the boat; air a tharraing a dh’ionnsaigh nan creagan far an robh e uaireigin a’ fàs: pulled towards the rocks where it once grew; nach do dh’ainmich mi an ceathramh fear: that I didn’t name [haven’t named] the fourth one; tarsainn na slighe-mara eadar an Cuan Barrach agus an Cuan Sgìth: [lying] across the sea-lane between the Sea of Barra and the Minch; feumaidh sibh a bhith san èisteachd: you’ll have to be in the listening audience.

Puing-chànain na Litreach: Bha na daoine sin saobh-chràbhach: those people were superstitious. Are you familiar with the prefix saobh-? It means “false, erroneous”. So saobh-chreideamh is a “false religion” ie superstition or heresy. A saobh-chreidmheach is a superstitious person or a heretic. And saobh-chràbhach is “falsely religious” ie superstitious or heretical (the context will usually make it clear which is meant). Saobh- can also be used in other contexts eg saobh-chiall (stupidity, nonsense), saobh-chainnt (foolish talk, prattle), saobh-shruth (eddy or contrary current in a river).

Gnàthas-cainnt na Litreach: a bh’ air a dhathadh le crotal: that was dyed/coloured with crottle (lichen that grows on the rocks).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 236

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean