FaclairDictionary EnglishGàidhlig

557: An Lioncs (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Lioncs (1)

Gaelic Gàidhlig

Cuin a bha an lioncs beò mu dheireadh ann an Alba? Bidh sibh eòlach air an lioncs, tha mi cinnteach – cat mòr fiadhaich a tha a’ fuireach anns na coilltean ann am mòran àiteachan ann an Àisia agus san Roinn Eòrpa. Bha e uaireigin beò ann an Alba. Ach cuin – agus carson – a dh’fhalbh e mu dheireadh thall?

Uill, chan eil fios le cinnt. Gu o chionn ghoirid bhathar dhen bheachd gun deach an lioncs à bith ann an Alba anns na linntean ro-eachdraidheil, na mìltean bhliadhnaichean air ais. Ach tha e coltach nach eil sin fìor. Bha iad ann am Breatainn ri linn nan Gàidheal.

Agus carson a tha a’ cheist seo cudromach? Tha a chionn ’s mura robh an àrainneachd freagarrach air an son nach biodh adhbhar ann an toirt air ais a Bhreatainn. Ach mas e mac an duine a chuir às dhaibh, dh’fhaodadh mac an duine an toirt air ais.

Tha sreath uamhan ann an Asainte faisg air Innis nan Damh. Tha iad ri taobh allt ris an canar Allt nan Uamh. Chaidh claigeann lioncs a lorg ann an tè de na h-uamhan ann an naoi ceud deug, fichead ’s a seachd (1927). Aig an àm ud, bha na h-eòlaichean dhen bheachd gun robh an claigeann ceithir mìle bliadhna a dh’aois. Bha iad dhen bheachd gun deach an lioncs à bith mun àm sin ann am Breatainn air sàillibh ’s gun do dh’fhàs an aimsir na bu fhliche. Mar sin, cha bhiodh e ceart eadhon a’ smaoineachadh mu dheidhinn a thoirt air ais a Bhreatainn. ’S e bàs nàdarrach a fhuair an cat fiadhaich sin.

Uill, chan eil an sgeul cho sìmplidh sin. Nuair a rinneadh tomhas ceart air aois a’ chlaiginn, le bhith a’ cleachdadh teicneòlas rèidio-charboin, fhuaireadh a-mach nach robh e cho sean sin idir. Bha e dìreach mìle is ochd ceud bliadhna a dh’aois. Bha sin fada às dèidh don aimsir ann am Breatainn fàs na bu fhliche.

Agus, a bharrachd air sin, chaidh cnàmh lioncs a lorg ann an Siorrachd Iorg ann an Sasainn. Chaidh aois a sgrùdadh agus fhuaireadh a-mach gun d’ fhuair am beathach bàs eadar a’ bhliadhna ceithir cheud, fichead ’s a còig (425) agus sia ceud (600) AC.

Agus tha seann dàn ann am Breatannais – no seann Chuimris – à sgìre a tha an-diugh ann an ceann a tuath Shasainn a thathar a’ smaoineachadh a tha ag ainmeachadh an lioncs.

Ged as e lioncs a chanas sinn ris a’ chreutair sin an-diugh – ainm a thàinig bhon Bheurla – anns an t-seann Ghàidhlig, ’s e lug no lugh a chanadh na daoine. Ann an seann fhaclair Èireannach tha an abairt lug-léimnech; tha e a’ ciallachadh “lynx-like leaping”. Bha na Gàidheil eòlach air na beathaichean sin o shean.

Às dèidh na bliadhna dà cheud dheug (1200) chan eil sgeul air an fhacal lugh ann an làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig. Chan eil seann sgeulachdan againn dhen lugh no lioncs mar a th’ againn dhen torc. ’S iomadh stòiridh a th’ againn de thuirc nimhe ged a chaidh iadsan à bith ann an Alba o chionn ceudan bhliadhnaichean.

Ach tha aithris ann am Beurla gun robh “lions” uaireigin pailt ann an ceann a tuath na h-Alba. ’S e a’ Chuimris air “lion” llew – facal a tha càirdeach do lugh ann an Gàidhlig agus, is cinnteach, do leo ann an Laideann. Nam biodh “lions” ann an Alba, dè bhiodh annta ach lioncsaichean?

Faclan na Litreach: lioncs, lugh: lynx; uaireigin: at one time; uamhan: caves; Asainte; Assynt; Innis nan Damh: Inchnadamph; claigeann: skull; Siorrachd Iorg: Yorkshire; làmh-sgrìobhainnean: manuscripts.

Abairtean na Litreach: cat mòr fiadhaich: a large wild cat; mòran àiteachan ann anÀisia agus san Roinn Eòrpa: many places in Asia and [in] Europe; mu dheireadh thall: in the end; bhathar dhen bheachd gun deach an lioncs à bith: it was thought that the lynx became extinct; ann am Breatainn ri linn nan Gàidheal: in Britain at the time of the Gaels; mura robh an àrainneachd freagarrach air an son: if the environment were not suitable for them; nach biodh adhbhar ann an toirt air ais a Bhreatainn: there would be no reason to return them to Britain; mas e mac an duine a chuir às dhaibh: if it’s humans that caused their extinction; aig an àm ud: at that time; air sàillibh ’s: because; cha bhiodh e ceart eadhon a’ smaoineachadh: it wouldn’t be right even to think; chan eil an sgeul cho sìmplidh sin: the story’s not as simple as that; nuair a rinneadh tomhas ceart air aois a’ chlaiginn: when the skull’s age was accurately assessed; teicneòlas rèidio-charboin: radiocarbon technology; chaidh aois a sgrùdadh: its age was analysed; fhuaireadh a-mach gun d’ fhuair am beathach bàs: it was found out that the animal died; mar a th’ againn dhen torc: as we do of the wild boar; ’s iomadh stòiridh a th’ againn de thuirc nimhe: it’s many stories we have of wild boar; o chionn ceudan bhliadhnaichean: hundreds of years ago; uaireigin pailt ann an ceann a tuath na h-Alba: at one plentiful in the north of Scotland; ’s e a’ Chuimris air X: the Welsh for X is; dè bhiodh annta ach lioncsaichean?: what would they be but lynxes?

Puing-chànain na Litreach: gun do dh’fhàs an aimsir na bu fhliche: that the weather got wetter. There are alternative forms of the comparative of fliuch – either fliuiche (na bu fhliuiche) or fliche (na bu fhliche). Both are universally understood and the difference in pronunciation is minor. This is not entirely unique. For example, the comparative of doirbh (difficult) can be doirbhe or dorra. As duilich can have a similar meaning to doirbh (bha sin duilich dha = “that was difficult for him”), it shares one of these comparatives – it can be duilghe or dorra.

Gnàthas-cainnt na Litreach: anns na linntean ro-eachdraidheil: in [the] prehistoric times.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 253

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean