FaclairDictionary EnglishGàidhlig

584: Niall Odhar

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Niall Odhar

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Niall MacLeòid à Leòdhas. ’S e Niall Odhar a chanadh daoine ris. Bha e air a bhith an sàs ann am murt is marbhadh fad ùine mhòr. Am measg sin chuir e an teicheadh air na daoine à Fìobh a bha a’ feuchainn ri Leòdhas a ghabhail thairis. Bha e a’ fuireach greis air Eilean Bhearasaigh far cladach an iar Leòdhais, faisg air Beàrnaraigh.

Bha Niall a-nise air beulaibh na croiche ann an Dùn Èideann. Bha e an dòchas gun tigeadh òrdugh maitheanais aig a’ mhionaid mu dheireadh. Ach cha tàinig. Bha e air a chrochadh. An uair sin bha a cheann air a ghearradh far a chuirp.

Ach thug e rùn-dìomhair leis don chroich. Fhuair e a-steach air spùinneadair Sasannach, Peter Love. Nochd Love far taobh siar Leòdhais ann an sia ceud deug is deich (1610). Bha stòras mòr de dh’ionmhas aige anns an luing aige. Rinn MacLeòid brath air an t-Sasannach. Thug e seachad don riaghaltas e. Agus chaidh Love a chrochadh ann an Lìte.

Ach chùm MacLeòid ionmhas an t-Sasannaich. Bha seudan ann, buinn òir, gunnaichean, truinnsearan airgid, bèin, spìosraidhean agus siùcar. A rèir choltais, cha robh sgeul air na rudan sin às dèidh bàs Love. Agus chan eil sgeul orra chun an latha an-diugh – ann an clàraidhean a’ Chrùin no ann am beul-aithris Leòdhais. ’S iongantach mura deach an cur fon talamh ann am badeigin – ’s dòcha fon ghainmhich ann an Sgìre Ùige. Saoil am bi e coltach ri Fir-tàilisg Leòdhais, ’s gun nochd iad a-rithist uair no uaireigin?

Nuair a bha na Fìobhaich a’ feuchainn ri Leòdhas a ghabhail thairis, bha iad an sàs ann an iomairt dhen t-seòrsa a bhiodh a’ comharrachadh Ìmpireachd Bhreatainn. Aig deireadh an t-seachdamh linn deug, dh’fheuch Albannaich ri tuineachas a dhèanamh ann an Darien ann an Meadhan Ameireagaidh. Cha do dh’obraich e. Bha na h-Albannaich na b’ fheàrr air ìmpireachd a thogail nuair a bha iad mar phàirt de Bhreatainn.

Còrr is ceud bliadhna às dèidh tuineachadh Darien, bha Albannach eile an sàs ann an iomairt airson a cho-nàiseantaich a thàladh gu meadhan Ameireagaidh. An turas seo, bha e a’ sanasachd dùthaich nach robh ann. ’S e foillear a bh’ anns an duine sin.

Rugadh Griogair MacGriogair ann an Dùn Èideann ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a sia (1786). Bha e ann an arm Bhreatainn agus bha e a’ sabaid ann am Portagail ’s an Spàinn. Ach fhuair e fios mu na h-iomairtean airson saorsa a bha a’ dol ann an Ameireagaidh a Deas. Bha sin tarraingeach dha, agus dh’fhalbh e gu ruige Bhenesuèla.

Às dèidh beagan bhliadhnaichean ann an Ameireagaidh a Deas agus Meadhan Ameireagaidh, thill MacGriogair a Bhreatainn cuide ri a bhean bhrèagha, Josefa Andrea Lovera. Bha ise càirdeach do cheannard luchd-strì na saorsa – Simón Bolívar. Dh’innis MacGriogair do dhaoine ann an Lunnainn gun robh àrd-dhreuchd is tiotal aige – His Serene Highness Gregor I, Prince of Poyais. Dh’inns e cuideachd gun robh e ann an sliochd Rab Ruaidh MhicGriogair. Fhuair e cuireadh a nochdadh air beulaibh an Rìgh, Deòrsa IV. Dh’inns e don a h-uile duine mu Phoyais – dùthaich iongantach bheartach thorrach a bha làn choilltean agus – ’s dòcha – làn òir. Dùthaich nach robh ann! Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn a’ ghnothaich an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Bearasaigh: Berisay; Beàrnaraigh: Bernera; ionmhas: treasure; Lìte: Leith; tuineachas: colony; Meadhan Ameireagaidh: Central America; foillear: conman; Griogair MacGriogair: Gregor MacGregor; Ameireagaidh a Deas: South America; Bhenesuèla: Venezuela.

Abairtean na Litreach: air a bhith an sàs ann am murt is marbhadh: had been involved in murder and mayhem; air beulaibh na croiche: in front of the gibbet; gun tigeadh òrdugh maitheanais aig a’ mhionaid mu dheireadh: that an order of clemency would come at the last minute; bha a cheann air a ghearradh far a chuirp: his head was cut from his body; fhuair e a-steach air spùinneadair Sasannach: he got friendly with an English pirate; rinn X brath air Y: X deceived Y; bha seudan ann, buinn òir, gunnaichean, truinnsearan airgid, bèin, spìosraidhean agus siùcar: there were jewels, gold coins, guns, silver plates, animal skins, spices and sugar; clàraidhean a’ Chrùin: Crown records; ’s iongantach mura deach an cur fon talamh ann am badeigin: they probably got buried somewhere; fon ghainmhich ann an Sgìre Ùige: under the sand in Uig (parish); saoil am bi e coltach ri Fir-tàilisg Leòdhais?: do you think it’ll be like the Lewis Chessmen?; uair no uaireigin: some time or other; iomairt dhen t-seòrsa a bhiodh a’ comharrachadh Ìmpireachd Bhreatainn: a campaign of the type that would characterize the British Empire; airson a cho-nàiseantaich a thàladh: to attract his fellow countrymen; ann an sliochd Rab Ruaidh MhicGriogair: a descendant of Rob Roy MacGregor; bha ise càirdeach do cheannard luchd-strì na saorsa: she was a relation of the leader of the freedom fighters; a nochdadh air beulaibh an Rìgh, Deòrsa IV: to appear in front of the King; dùthaich iongantach bheartach thorrach a bha làn choilltean: an amazing rich fertile country that was heavily forested; dùthaich nach robh ann: a country that didn’t exist.

Puing-chànain na Litreach: an-ath-sheachdain: next week. A point about written conventions this week. I try to stick to the most recent Gaelic Orthographic Conventions (GOC) but there have been some small changes in the 2009 (bilingual) version, compared to the 2005 (English-only) version – and I’ve only just caught up with one of them. In 2005 the recommendation was an ath-sheachdain for “next week” and an ath sheachdain for “the following week”. The 2009 GOC word list gives more hyphenation viz. an-ath-sheachdain for “next week” and an ath sheachdain for “the following week”. Similarly, the new recommendations include an-ath-oidhch’ (tomorrow night), an ath oidhche (the following night), an-ath-bhliadhn’/an-ath-bhliadhna (next year) and an ath bhliadhna (the following year).

Gnàthas-cainnt na Litreach: thug e rùn-dìomhair leis: he took a secret with him.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 280

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean