FaclairDictionary EnglishGàidhlig

624: Craobh-Iubhair Fhairtirchill

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Craobh-Iubhair Fhairtirchill

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Fhairtirchill ann an Siorrachd Pheairt. Tha an t-ainm a’ ciallachadh “eaglais an dùin”. Ach an robh an t-àite naomh mus robh Crìosdachd anns an sgìre? Tha cuid dhen bheachd gun robh, gu seachd àraidh leis gu bheil craobh iubhair ainmeil a’ fàs ri taobh na h-eaglais. Thathar a’ smaoineachadh gur e sin a’ chraobh as sine anns an Roinn Eòrpa. Tha i eadar dà mhìle is còig mìle bliadhna a dh’aois.

Carson nach cunntar na fàinneachan fàis innte airson faighinn a-mach le cinnt dè cho sean ’s a tha i? Uill, ’s e an t-adhbhar airson sin gun do dh’fhalbh laodhan na craoibhe o chionn fhada. Gu dearbh, tha aithrisean ann gum biodh buidhnean de luchd-adhraidh a’ coiseachd tro mheadhan na craoibhe anns an t-seann aimsir, nuair a bha i ann an cumadh bogha. Bhiodh iad a’ dèanamh sin air an rathad do thiodhlacadh sa chladh, agus ciste-laighe nan cois. Chaidh pìosan dhen chraoibh a ghearradh dheth agus a ghoid. Ach, a dh’aindeoin a h-uile càil, tha i beò fhathast, ged a tha i ann am pìosan a-nise.

Anns an t-seann Ghàidhlig ’s e iogh a bh’ againn airson iubhar. B’ e iogh tè de na litrichean anns an t-seann aibidil chraobhaich. Tha Iain Camshron anns an leabhar Gaelic Names of Plants ag ràdh gun robh iogh a’ ciallachadh pian oir bhathar a’ cleachdadh sùgh na craoibhe mar phuinnsean. Tha iubhar, dha rèir, a’ tighinn bho fhreumh a tha a’ ciallachadh “biorach” oir bhite a’ dèanamh shaighdean dhen fhiodh. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gu bheil Ì ann an Ì Chaluim Chille a’ ciallachadh “Eilean nan Craobh-iubhair”. Agus thathar a’ smaoineachadh gun robh an seann ainm Ceilteach a bh’ air Iorc ann an Sasainn – Eborakon – a’ ciallachadh “àite nan craobh-iubhair”.

’S dòcha gun robh an dà àite – Eilean Ì agus Iorc – naomh do na Ceiltich phàganach. Bhiodh sin a’ mìneachadh carson a thagh Calum Cille Eilean Ì mar àite airson manachainn a chur air chois.

Ach carson a bha a’ chraobh-iubhair naomh do na pàganaich? Uill, chan eil mi cinnteach. Tha amharas agam gun robh e co-cheangailte ri aois na craoibhe, agus mar a dh’fhanas i làn duilleagan tro mhìosan a’ gheamhraidh. Nuair a gheibh gach rud eile bàs, fanaidh na craobhan sin beò, a rèir choltais, gu sìorraidh.

Leis gun robh iad naomh do phàganaich, ghabh Crìosdaidhean thairis iad mar shamhla de Chrìosdachd. Ann an Alba bhite a’ cur chraobhan-iubhair ri taobh eaglaisean. Bhathar a’ gabhail riutha mar gun robh iad a’ samhlachadh aiseirigh Chrìosda. Agus, ann am mac-talla de sheann chleachdaidhean nan draoidhean, bhiodh cuid de phearsaichean eaglais a’ searmonachadh fo chraobhan-iubhair. Thachair sin eadhon le ministearan na h-Eaglais Ath-leasaichte. Bha John Knox fhèin ainmeil airson a bhith a’ searmonachadh fo chraobh-iubhair!

Tha fianais eile ann gun robh Fairtirchill naomh do phàganaich. Faisg air an eaglais, tha barpa air a bheil Càrn nam Marbh. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon cheathramh linn deug, nuair a chaidh daoine a thiodhlacadh ann, às dèidh dhaibh bàs fhaighinn leis a’ phlàigh. Ach, a rèir beul-aithris, bhiodh muinntir an àite a’ togail teine air an tom aig an t-Samhain gach bliadhna, agus a’ dannsadh timcheall air. Craobh-iubhair, teintean Samhna agus eaglais Chrìosdail uile cha mhòr air an aon làraich. Nach e sin air dualchas?

Faclan na Litreach: Fairtirchill: Fortingall; pian: pain; biorach: sharp; Ì Chaluim Chille: Iona; Iorc: York; barpa: burial mound.

Abairtean na Litreach: eaglais an dùin: the church of the fort; naomh mus robh Crìosdachd anns an sgìre: holy before there was Christianity in the area; gu seachd àraidh leis gu bheil craobh iubhair ainmeil a’ fàs ri taobh na h-eaglais: particularly as a famous yew tree grows next to the church; a’ chraobh as sine anns an Roinn Eòrpa: the oldest tree in Europe; carson nach cunntar na fàinneachan fàis?: why won’t the growth rings be counted?; ’s e an t-adhbhar airson sin: the reason for that is; gun do dh’fhalbh laodhan na craoibhe o chionn fhada: that the heart of the tree disappeared a long time ago; gum biodh buidhnean de luchd-adhraidh a’ coiseachd tro mheadhan na craoibhe:that bunches of worshippers would walk through the middle of the tree; air an rathad do thiodhlacadh sa chladh, agus ciste-laighe nan cois:on the way to a funeral in the graveyard, carrying a coffin; tè de na litrichean anns an t-seann aibidil chraobhaich:one of the letters in the old arboreal alphabet; bhathar a’ cleachdadh sùgh na craoibhe mar phuinnsean: the sap of the tree was used as a poison; do na Ceiltich phàganach: to the pagan Celts; mar a dh’fhanas i làn duilleagan tro mhìosan a’ gheamhraidh: as it remains full of leaves through the winter months; beò, a rèir choltais, gu sìorraidh: alive, it appears, forever; ghabh Crìosdaidhean thairis iad mar shamhla de Chrìosdachd: Christians adopted them as a symbol of Christianity; a’ samhlachadh aiseirigh Chrìosda: representing Christ’s resurrection; ann am mac-talla de sheann chleachdaidhean nan draoidhean: in an echo of the old customs of the druids; bhiodh cuid de phearsaichean eaglais a’ searmonachadh: some church figures would preach; às dèidh dhaibh bàs fhaighinn leis a’ phlàigh: after they had died of the plague; air an tom aig an t-Samhain: on the hillock at Halloween; uile cha mhòr air an aon làraich: all pretty much on the same site.

Puing-chànain na Litreach: bhite a’ dèanamh shaighdean dhen fhiodh: arrows would be made from the wood. Bhite is a conditional passive form of the verb bi (“to be”). Saighdeanis here in the indefinite genitive plural (and therefore lenited) because it is commanded by the verbal noun a’ dèanamh. Another similar example in the Litir is bhite a’ cur chraobhan-iubhair ri taobh eaglaisean (yew trees would be planted next to churches).

Gnàthas-cainnt na Litreach: nuair a bha i ann an cumadh bogha: when it [fem] was in the shape of an arch.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 320

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean