FaclairDictionary EnglishGàidhlig

633: Gàidhlig ann an Innis Tìle

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gàidhlig ann an Innis Tìle

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an dùthaich bhrèagha làn bheanntan àrda o chionn beagan seachdainean. Tha cànan is cultar àraidh aig an t-sluagh. Chuala mi gu bheil geamhradh aca a mhaireas naoi mìosan, is tha sin air a leantainn le trì mìosan de dhroch shìde! Chan eil mi a’ bruidhinn mu Ghàidhealtachd na h-Alba ach mu Innis Tìle, nàbaidh a tha fada tuath oirnn.

Bidh mi a’ dol a Lochlann gu math tric. Chan eil àite ann an Lochlann nach do chòrd rium. Ach feumaidh mi ràdh gun do lorg mi rudeigin ann an Innis Tìle nach do lorg mi idir ann an Nirribhidh, san t-Suain, san Danmharg no san Fhionnlainn. ’S e sin gu bheil ceanglaichean eachdraidheil ann – a tha ’s dòcha beò ann an dualchas nan daoine fhathast gu ìre air choreigin – eadar an dùthaich Lochlannach sin agus na Gàidheil.

Chuir e iongnadh orm cho tric ’s a dh’èirich ceanglaichean leis an dualchas agam fhìn an seo air a’ Ghàidhealtachd. Uaireannan ’s e dualchas Lochlannach na h-Alba a bu choireach ri sin. Uaireannan, ge-tà, bha na Gàidheil – Albannach agus Èireannach – ann mar thaibhsean trìd-shoilleir a’ gluasad thar dùthaich dhorch gharbh Innis Tìle.

Air a’ chiad mhadainn ann an Reykjavik, gu dearbh, chuireadh nam chuimhne mar a tha sinn nar nàbaidhean do chèile. Bha mi nam shuidhe faisg air doras mòr an taigh-òsta againn nuair a chuala mi cànan a b’ aithne dhomh. Roimhe sin, bha measgachadh de Thìlis is Beurla ann. An uair sin chuala mi i. Mo chànan fhèin – a’ Ghàidhlig! Bhioraich mi mo chluasan. Choimhead mi air mo mhac (bha mi ann còmhla ris an teaghlach agam). “A’ Ghàidhlig, nach e?” thuirt mi ris ann an cagair. “’S e,” fhreagair e. Chan e aisling a bh’ ann. Cha robh mi nam chadal. Choimhead mi air an fheadhainn a bha ga bruidhinn. Bha còmhlan ann – boireannach agus grunn dheugairean – agus bha iad a’ còmhradh ann an Gàidhlig na h-Alba.

“Nach math sin,” dh’èigh mi orra, “a bhith a’ cluinntinn na Gàidhlig ann an Reykjavik!” Chuir mi iongnadh orra. ’S e a bh’ annta buidheann à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air turas a dh’Innis Tìle agus bha mi toilichte an coinneachadh. Thachair gun do choinnich sinn riutha a-rithist nuair a bha sinn air ar cuairt tro cheann a deas an eilein. Aig ionad turasachd a-muigh air an dùthaich bha barrachd Gàidhlig ga bruidhinn na bha de Thìlis no Beurla airson, uill, cairteal na h-uarach co-dhiù.

Nuair a bha sinn a’ còmhradh, dh’fhaighnich mi dhiubh mun turas aca. Dh’ainmich iad na Vestmannaeyjar – na h-Eileanan Westmann – far an robh iad an latha roimhe. Bha an tidsear aca à Barraigh. An robh na h-eileanan sin coltach ri Barraigh, dh’fhaighnich mi. “Uill, chan eil buileach,” fhreagair i, “ach tha iad gu math inntinneach.” Roghnaich sinn a dhol ann. ’S toigh leam eileanan agus, mar Albannach, tha e nàdarrach a bhith ag iarraidh falbh a-mach gu eileanan. Air an làrna-mhàireach ’s e sin a rinn sinn. Agus abair àite.

Anns a’ chiad dol a-mach chan eil na h-eileanan coltach ri Barraigh. Chan eil iad cho brèagha ri Barraigh. Chan eil tràighean bàna ann idir. Ach tha iad iongantach ann an iomadh dòigh. Agus ’s ann anns na h-Eileanan Westmann a thachair mi ris an dàrna taibhs Gàidhealach, mar a mhìnicheas mi an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Innis Tìle: Iceland; Lochlann: Scandinavia; cagair: whisper; aisling: dream; Barraigh: Barra; tràighean bàna: white beaches.

Abairtean na Litreach: làn bheanntan àrda: full of high mountains; o chionn beagan seachdainean: a few weeks ago; gu bheil geamhradh aca a mhaireas naoi miosan: that they have a winter that lasts nine months; air a leantainn le trì mìosan de dhroch shìde: followed by three months of bad weather; nàbaidh a tha fada tuath oirnn: a neighbour that’s a long way to the north of us; nach do chòrd rium: that I didn’t enjoy; chuir e iongnadh orm cho tric ’s a dh’èirich ceanglaichean: I was surprised at how often links appeared; mar thaibhsean trìd-shoilleir:like transparent ghosts; thar dùthaich dhorch gharbh Innis Tìle: across the dark, rough landscape of Iceland; chuireadh nam chuimhne:I was reminded; nuair a chuala mi cànan a b’ aithne dhomh: when I heard a language I recognised; measgachadh de Thìlis is Beurla: a mixture of Icelandic and English; nach math sin: isn’t that good; chuir mi iongnadh orra: I surprised them; bha mi toilichte an coinneachadh: I was pleased to meet them; thachair gun do choinnich sinn riutha a-rithist: we happened to meet them again; cairteal na h-uarach: quarter of an hour; far an robh iad an latha roimhe: where they were the previous day; chan eil buileach:not entirely; roghnaich sinn a dhol ann: we decided to go there; tha e nàdarrach a bhith ag iarraidh falbh a-mach gu eileanan: it’s natural to want to go out to islands; air an làrna-mhàireach ’s e sin a rinn sinn: [on] the next day, that’s what we did; a thachair mi ris an dàrna taibhs Gàidhealach: that I met with the second Gaelic ghost.

Puing-chànain na Litreach: beò ann an dualchas nan daoine fhathast gu ìre air choreigin: still alive in the people’s heritage to some degree or other. You will notice that words like [air] choreigin, rudeigin (something) and badeigin (some place) break the spelling rule of “leathann ri leathann is caol ri caol”. The reason for that is that –eigin is a suffix so the word is really composed of two elements. However, because we emphasise the first syllable in speech, we write it as one (unhyphenated) word. If we were to write choiregin, ruideigin and baideigin to fit the spelling rule, we would not represent correctly the qualities of the “r”, “d” and “d” at the end of the first element in each case. It’s a finely tuned system!

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bhioraich mi mo chluasan: I pricked up my ears/listened attentively.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 329

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean