FaclairDictionary EnglishGàidhlig

657: Dùghall Bochanan (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dùghall Bochanan (4)

Gaelic Gàidhlig

Nochd an leabhar Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bhochanain ochd bliadhn’ deug mus d’ fhuair am bàrd spioradail bàs ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768). Cha do rinn Dùghall cunntas air a phòsadh. Airson sin, feumar tionndadh don chunntas mu a bheatha ann an leabhar eile – Laoidhean Spioradail Dhùghaill Bhochanain, The Spiritual Songs of Dugald Buchanan a chaidh a dheasachadh leis an Urramach Dòmhnall MacIlleathain. Stèidhich MacIlleathain an iris aige air a’ chiad iris a rinneadh le Dùghall fhèin. Nochd Laoidhean Spioradail an toiseach ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a seachd (1767).

Bha creideamh air Dùghall a chur tro àmhghar. Cha do chuidich Ar-a-mach nan Seumasach e. Bha e an aghaidh adhbhar a’ Phrionnsa, ach bha e air a sgreamhachadh leis mar a chaidh saighdearan Gàidhealach – a mhuinntir fhèin – a chur gu bàs gu neo-thròcaireach ann an Cair Luail. Air an dàrna làimh, bha e ag iarraidh dioghaltas a dhèanamh às an leth. Air an làimh eile, bha e ag iarraidh maitheanas Crìosdail a thoirt do na murtairean cuideachd.

’S ann timcheall air seachd ceud deug is caogad (1750) a fhuair e fois spioradail. Bha sin bliadhna às dèidh dha pòsadh. B’ i a bhean Mairead Brisbane, nighean bàillidh-fearainn Iarla Louden. Chaidh iad a dh’fhuireach air tuathanas athair Dhùghaill. Ach cha do chòrd sin ri Dùghall agus thòisich e air teagasg a dhèanamh. Ann an seachd ceud deug, caogad ’s a trì (1753) ghabh e dreuchd mar thidsear ann an Ceann Loch Raineach. Dà bhliadhna às dèidh sin, fhuair e obair mar Cheistear anns an sgìre sin.

Choisinn Dùghall cliù dha fhèin mar bhàrd spioradail agus mar shoisgeulaiche. Bha muinntir Raineach, agus Clèir Dhùn Chailleann, ga iarraidh mar mhinistear. Ach sheas àrd-urrachan na h-Eaglaise na rathad. Dh’fhuirich e na Cheistear.

Bhathar ag aithneachadh a sgoilearachd, ge-tà. Chaidh iarraidh air rian a chumail air an eadar-theangachadh a bha an t-Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn a’ dèanamh dhen Tiomnadh Nuadh. Ghluais e a Dhùn Èideann airson sin. Fhad ’s a bha e sa bhaile mhòr, dh’fhoillsich e a’ chiad iris de na laoidhean spioradail aige. Bhiodh e cuideachd a’ searmonachadh do Ghàidheil a bha a’ fuireach ann an Dùn Èideann.

Chaidh e gu clasaichean aig an oilthigh agus thachair e ri cuid de na sgoilearan inntinneach a bha pailt sa bhaile sin aig an àm. A rèir aithris, thachair e ri Daibhidh Hume, am feallsanaiche is sgoilear, nach robh a’ taobhadh ris an Eaglais. Dhùbhlanaich Hume am bàrd Gàidhealach gus pìos sgrìobhaidh diadhaidh aithris a bha cho math ris an Tempest Earrann 4 le Shakespeare.

Fàgaidh mi sibh le pìos bhon Bhìoball a dh’aithris Dùghall à chuimhne agus a bha Hume ag aideachadh a bha cumhachdach agus sòlaimte. Tha e à Taisbeanadh Eòin, an Diadhair, Caibideil 20, a’ tòiseachadh mar seo: Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis...

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè; agus dh’fhosgladh na leabhraichean; agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha; agus thugadh breith air na mairbh às na nithean sin a bha sgrìobhte sna leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

Ach bha Dùghall fhèin gu bhith am measg nam marbh an ceann ùine nach robh fada, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; iompachadh: conversion; An t-Urramach Dòmhnall MacIlleathain: Rev Donald Maclean; Ar-a-mach nan Seumasach: the Jacobite rebellion; dioghaltas: revenge; Ceann Loch Raineach: Kinloch Rannoch; Clèir Dhùn Chailleann:the Dunkeld Presbytery; feallsanaiche: philosopher; dhùbhlanaich: challenged; sòlaimte: solemn; Taisbeanadh: Revelation; rìgh-chathair: throne; mairbh: dead people.

Abairtean na Litreach: Cha do rinn Dùghall cunntas air a phòsadh: Dugald didn’t give an account of his marriage; feumar tionndadh don chunntas mu a bheatha: one must turn to the account of his life; a’ chiad iris a rinneadh le: the first edition that was done by; bha creideamh air Dùghall a chur tro àmhghar: religion had put Dugald through anguish; bha e air a sgreamhachadh: he was sickened; a mhuinntir fhèin: his own people; gu neo-thròcaireach ann an Cair Luail: pitilessly in Carlisle; maitheanas Crìosdail: Christian forgiveness; fois spioradail: spiritual peace; nighean bàillidh-fearainn Iarla Louden: the daughter of the Earl of Loudon’s land-steward; choisinn Dùghall cliù dha fhèin mar bhàrd spioradail agus mar shoisgeulaiche: Dugald won a reputation for himself as a spiritual poet and an evangelist; sheas àrd-urrachan na h-Eaglaise na rathad: the Church hierarchy stood in his way; dh’fhuirich e na Cheistear: he remained a Catechist; bhathar ag aithneachadh a sgoilearachd: his scholarship was recognised; rian a chumail air an eadar-theangachadh: to superintend the translation; a bha an t-Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn a’ dèanamh dhen Tiomnadh Nuadh: that the Rev James Stewart of Killin was making of the New Testament; cuid de na sgoilearan inntinneach:some of the intellectual scholars; gus pìos sgrìobhaidh diadhaidh aithris: to read a piece of divine writing; à chuimhne: from his memory; an tì a shuidh oirre: he that sat on it; aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis: from whose face the heaven and earth fled; nan seasamh ann am fianais Dhè: standing before God; a rèir an gnìomharan: according to their works; am measg nam marbh: among the dead.

Puing-chànain na Litreach: cha d’ fhuaradh àite dhaibh: no place was obtained for them; agus dh’fhosgladh na leabhraichean: and the books were opened; agus thugadh breith air na mairbh: and a judgment was given of the dead. The words in bold are all past passive forms of the verbs faigh, fosgail and thoir . These forms are common in the Bible and in formal usage, and they’re extremely useful. They’re not all obscure either – every Gaelic speaker uses the same form of bheir and tog when he or she says rugadh mi (I was born) and thogadh mi (I was raised).

Gnàthas-cainnt na Litreach: adhbhar a’ Phrionnsa: the Prince’s cause.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 353

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean