FaclairDictionary EnglishGàidhlig

718: Iain Garbh (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iain Garbh (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu chall Iain Garbh Mac ’Ille Chaluim Ratharsair, far costa ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich ann an sia ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1671). Chaidh a’ bhirlinn aige fodha, le call a h-uile duine air bòrd.

Bhathar a’ coireachadh diofar rudan airson a’ chall – droch shìde (bha gèile ann), cus canbhais air a’ chrann, nach robh balaist gu leòr aca, agus droch sgilean seòlaidh aig a’ chriudha. Bhathar a’ coireachadh deoch làidir cuideachd, oir bha hòro-gheallaidh aca air a’ chladach mus do sheòl iad dhachaigh.

Dh’fhàg an call mòran dhaoine air taobh an iar na Gàidhealtachd troimhe-chèile, oir bha spèis is gràdh aca do dh’Iain Garbh. A rèir beul-aithris ann an Ratharsair, sgrìobh tè de pheathraichean Iain cumha ùr dha a bràthair a h-uile Dihaoine airson bliadhna. ’S ann air Dihaoine a chaidh a bhàthadh.

Tha dìreach ceithir de na dàin againn a-nise.’S e fear dhiubh ‘Mi am Shuidh’ air an Fhaoilinn’. Seo an rann mu dheireadh dheth:

Nochd is ìosal do chluasag,

Air leacan fuara na tuinne,

’S ann an clachan gun tràghadh,

Tha mo ghràdh-sa air uirigh.

Leis gun robh Iain Garbh cho ainmeil, thòisich an sluagh air stòiridhean innse mu dheidhinn. Agus bha ar sinnsirean cho làn sgeulachdan ’s a tha an t-ugh de bhiadh. Ann am beul-aithris, nochd stòiridhean mu bhàs a’ chinn-chinnidh. Agus chan e droch shìde, dìth sgilean, droch bhàta no deoch làidir a bu choireach – ach buidseachd! Bhathar a’ coireachadh a mhuime. Airson adhbhar air choreigin, bha Iain agus a mhuime air a dhol a-mach air a chèile.

A rèir nan stòiridhean seo, bha muime Iain a’ fuireach ann an Trondaigh. ’S e sin eilean beag faisg air costa tuath an Eilein Sgitheanaich. ’S ann faisg air Trondaigh a chaidh a’ bhirlinn fodha.

Chunnaic a mhuime a’ bhirlinn agus dh’adhbharaich i stoirm. Chuir i bainne ann an bobhla mòr, agus chuir i soitheach beag fiodha air uachdar a’ bhainne. Chuir i an soitheach fo gheasaibh. Thòisich an soitheach air a dhol timcheall a’ bhobhla – deiseil, an uair sin tuathal. An uair sin, rinn an soitheach car agus chaidh e fodha sa bhainne.

Bha buachaille òg aig an doras. Bha e a’ coimhead air an dà chuid, birlinn Iain Ghairbh aig muir agus soitheach a mhuime anns an taigh. Nuair a chaidh an soitheach fodha sa bhainne, dh’fhalbh birlinn Iain à sealladh.

Anns a’ bhirlinn fhèin, bhathar ag ràdh gun robh fithich air nochdadh anns an stoirm. Bha suas ri fichead dhiubh ann. Chaidh iad air bòrd na birlinn. Rinn feadhainn cruth-atharrachadh, agus coltas an losgainn orra a-nise.

Chaidh fitheach mòr faisg air Iain Garbh fhèin. Sheas an t-eun dubh air beul-mòr na birlinn. Tharraing Iain a chlaidheamh airson a mharbhadh. Ach bha e air fàs feargach agus bha a bhuille ro làidir. Chaidh lann a’ chlaidheimh tro shlige na birlinn. Stad e dìreach aig druim a’ bhàta. Bha a-nise sgoltadh mòr anns an t-slige, agus cha b’ fhada gus an deach a’ bhirlinn fodha.

B’ e sin deireadh Iain Ghairbh, co-dhiù a rèir beul-aithris. Cha robh riamh ceann-cinnidh Ratharsaireach cho ainmeil ris. Ainmeil na bheatha is ainmeil na bhàs.

Faclan na Litreach: Ratharsair: Raasay; gèile: a gale; balaist: ballast; hòro-gheallaidh: celebration, party; troimhe-chèile: deeply upset; buidseachd: witchcraft; Trondaigh: Trodday; bana-bhuidsich: witches; buachaille: herding boy; fithich: ravens; beul-mòr: gunwale; druim: keel; sgoltadh: split.

Abairtean na Litreach: far costa ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich: off the north coast of the Isle of Skye; chaidh a’ bhirlinn aige fodha:his birlinn sank; call a h-uile duine air bòrd: the loss of everybody on board; bhathar a’ coireachadh diofar rudan: different things were blamed; cus canbhais air a’ chrann: too much canvas up [on the mast]; sgrìobh tè de pheathraichean Iain cumha ùr dha a bràthair a h-uile Dihaoine: one of Iain’s sisters wrote a new lament for her brother every Friday; nochd is ìosal do chluasag:tonight your pillow is low; air leacan fuara na tuinne: on the cold slabs of the wave; ’s ann an clachan gun tràghadh: it's in a graveyard without ebbing; [a] tha mo ghràdh-sa air uirigh: that my love is stretched on a couch; chan e droch shìde a bu choireach: it’s not bad weather that was responsible; bha Iain agus a mhuime air a dhol a-mach air a chèile: Iain and his foster-mother had fallen out with each other; chuir i an soitheach fo gheasaibh: she put a spell on the vessel; deiseil, an uair sin tuathal: sunwise and then anti-sunwise; rinn an soitheach car: the vessel overturned; dh’fhalbh birlinn Iain à sealladh:Iain’s birlinn disappeared; rinn feadhainn cruth-atharrachadh, agus coltas an losgainn orra:some of them transformed themselves into frogs; chaidh lann a’ chlaidheimh tro shlige na birlinn: the blade of the sword went through the birlinn’s hull; ainmeil na bheatha is ainmeil na bhàs: famous in [his] life and famous in [his] death.

Puing-chànain na Litreach: nochd stòiridhean mu bhàs a’ chinn-chinnidh: Stories appeared about the death of the clan chief. Ceann-cinnidh ‘head of clan’ is an expression meaning ‘clan chief’. In this compound noun, cinneadh is always in its genitive singular form cinnidh, effectively acting liking an adjective describing ceann. The basic noun of the two-noun compound is therefore ceannand it is this word that inflects according to case. Thus we get bàs a’ chinn-chinnidh where the compound ceann-cinnidh is in the genitive singular. Ceann inflects to a’ chinn and cinnidhremains the same, except that we lenite it according the rules for leniting an adjective with a noun eg fear a’ chinn mhòir ‘the man of the big head’ (mòr becomes mhòir).

Gnàthas-cainnt na Litreach: cho làn sgeulachdan ’s a tha an t-ugh de bhiadh: as full of stories as the egg is of food.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 414

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean