FaclairDictionary EnglishGàidhlig

780: Turas a dh’Alba Nuaidh (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Turas a dh’Alba Nuaidh (3)

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha mi ann an Alba Nuaidh, bha mi ag innse do dhaoine gun robh còrr math is ceud facal ann airson talamh àrd ann an Gàidhlig ann an Alba. Agus còrr is ceathrad facal airson bhoglaichean. Sheall mi dhaibh an seòrsa briathrachais a bh’ aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir airson nàdar – agus cho beartach ’s a bha e.

B’ fheàrr leam gun robh barrachd ùine air a bhith agam airson a bhith a’ faicinn na thachair don bhriathrachas sin nuair a chaidh a chur an sàs anns an dùthaich ùir. Saoilidh mi gu bheil PhD no dhà a’ feitheamh ri oileanaich èasgaidh – an dà chuid air a’ bhriathrachas ann an Alba agus ann an Alba Nuaidh. Ach bha aon rud follaiseach dhomh – cha bhiodh am facal maol ‘meall le coltas maol air’ gu mòran feum. No creachann ‘mullach beinne le glè bheag a’ fàs air’. Oir chan fhaca mi a leithid de dh’àite.

Far nach eil tuathanas no baile no ’s dòcha boglaichean, tha Alba Nuadh còmhdaichte le coille. Is beag an t-iongnadh gun do ghabh cuid ‘tìr nan craobh’ oirre. Tha coille ann bho bhonn nan gleann gu mullaichean nam beann – agus chan eil na beanntan cho àrd ris an fheadhainn ann an Alba.

Bidh iad a’ cleachdadh an fhacail beinn ann an Alba Nuaidh. Bidh iad a’ cleachdadh bruthach is cnoc cuideachd. Airson ridge, canaidh iad rids, seach druim, ged a chuala mi brath air àite air an robh Druim Mòr a’ Ridse. Tha sin ann am Bràigh na h-Aibhneadh ann an Ceap Breatainn. Ach chan eil mi cinnteach cia mheud eile de na faclan airson talamh àrd a mhair beò air taobh thall a’ chuain.

Chaidh mi a choimhead air a’ choille cuide ri Goiridh Dòmhnullach à Bràigh na h-Aibhneadh. Tha Goiridh fileanta ann an Gàidhlig. ’S e fìor ghaisgeach a’ chànain a th’ ann. Tha e air faclan co-cheangailte ri nàdar a chruinneachadh ann an Siorramachd Inbhir Nis.

Mar eisimpleir ’s e bèilleag a chanas iad airson cairt na craoibhe-beithe. Agus ’s e cairt a th’ aca airson bark, seach rùsg. Ach, coltach rinn fhèin, ’s e beithe a chanas iad airson birch, agus feàrna airson alder. Agus chòrd ainm aca rium – airson craobh a tha na laighe marbh air làr na coille – craobh-laighidh. Saoilidh mi gun cleachd mi sin ann an Alba.

Ach bha aon fhacal a chuala mi ann an Ceap Breatainn nach do thuig mi an toiseach. Bha sinn air chuairt faisg air a’ chladach agus faisg air a’ choille. Uill, tha a h-uile àite faisg air a’ choille! Bha sgudal ann a bha cuideigin air fhàgail ann – seann àirneis air choreigin. Agus thuirt cuideigin, ‘Bha iad a’ smaoineachadh gur e seo an droighneach.’

Choimhead mi air an duine. ‘Dè tha thu a’ ciallachadh?’ dh’fhaighnich mi. ‘Uill,’ fhreagair e, ‘’s e droighneach àite far am bi daoine a’ cur sgudal. Dè tha sibhse ag ràdh anns an t-seann dùthaich?’ ‘Lagais no òtrach,’ fhreagair mise. ‘Tha droighneach a’ ciallachadh coille anns a bheil preasan droighneach a’ fàs.’

An uair sin, thuig mi an suidheachadh. Nuair a chaidh na Gàidheil a dh’Alba Nuaidh cha robh ann ach coille. Agus rinn iad òtrach anns an àite a bu lugha a bha feumail dhaibh – an droighneach. Agus dh’atharraich ciall an fhacail thall anns an dùthaich ùir.

Faclan na Litreach: beartach: rich; oileanaich èasgaidh: willing, enthusiastic students; craobh-laighidh: deadfall (a dead fallen tree lying flat); sgudal: rubbish; àirneis: furniture.

Abairtean na Litreach: còrr math is ceud facal ann airson talamh àrd: well over a hundred words for elevated ground; còrr is ceathrad facal airson bhoglaichean:more than forty for bogs; sheall mi dhaibh: I showed them; an seòrsa briathrachais a bh’ aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir: the type of vocabulary Duncan Ban MacIntyre had; b’ fheàrr leam gun robh barrachd ùine air a bhith agam: I wish I had had more time; nuair a chaidh a chur an sàs: when it was put into use; meall le coltas maol air: a rounded hill with a bare appearance; mullach beinne le glè bheag a’ fàs air: a mountain summit with very little growing on it; chan fhaca mi a leithid de dh’àite:I never saw such a place; còmhdaichte le coille: covered with forest; is beag an t-iongnadh gun do ghabh cuid ‘tìr nan craobh’ oirre: it’s little wonder that some people called it ‘the land of the trees’; ged a chuala mi brath air àite: although I heard of a place; a mhair beò air taobh thall a’ chuain: that survived on the far side of the ocean; tha e air faclan co-cheangailte ri nàdar a chruinneachadh ann an Siorramachd Inbhir Nis: he has collected words connected to nature in Inverness County; ’s e bèilleag a chanas iad airson cairt na craoibhe-beithe: it’s beilleag they say for the bark of the birch tree; nach do thuig mi an toiseach: that I didn’t understand to begin with; anns a bheil preasan droighneach a’ fàs: in which prickly bushes grow; dh’atharraich ciall an fhacail: the meaning of the name changed.

Puing-chànain na Litreach: Droighneach means a wood in which the droigheann dubh ‘blackthorn’ or similar prickly bushes ‘preasan droighneach’ grow. The name pops up in various parts of the Scottish Gàidhealtachd eg Gleann Droighneach (Islay), Loch na Droighniche (Assynt) and Bràigh Coille na Droighniche in Skye. The last is adjacent to the village of Drynoch whose name is simply an anglicised form of droighneach. In Nova Scotia droighneach came to mean ‘rubbish dump’ presumably because, in such a heavily forested land, a prickly wood was reckoned to be the place of least importance and was used for dumping unwanted materials.

Gnàthas-cainnt na Litreach: rinn iad òtrach anns an àite a bu lugha a bha feumail dhaibh: they made a rubbish dump in the place that was least useful to them.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 476

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean