FaclairDictionary EnglishGàidhlig

790: An Lus as Cùbhraidhe

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Lus as Cùbhraidhe

Gaelic Gàidhlig

Dè an lus as cùbhraidhe fàileadh a dh’fhàsas gu nàdarrach ann an Alba? Abair ceist airson Litir a thòiseachadh!

Bidh mi a’ coimhead air a’ chù agam agus tha e follaiseach gu bheil e beò ann an saoghal gu tur eadar-dhealaichte bhon t-saoghal anns a bheil mi fhìn beò. Tha mi cinnteach gum bi ‘dealbhan’ na inntinn stèidhichte, chan ann air na laigheas air a shùil ach na bhuaileas air a shròin.

Ach tha cuid de dh’fhàilidhean ann a tha a’ bualadh air mac-an-duine gu mòr cuideachd. Bidh cuimhne agam gu sìorraidh air an fhàileadh chùbhraidh a bh’ air cinn mo dhithis chloinne, goirid às dèidh gun d’ rugadh iad. Bha e cumhachdach!

Agus cofaidh – a’ ròstadh ann an taighean-bìdh is cafaidhean ann an Dùn Dè. Cha robh mi eadhon ag òl cofaidh an uair sin – bha mi ro òg. Ach bha am fàileadh cho math ’s gum bi mi fhathast a’ cur mo shròin os cionn pacaid de chofaidh pronn nuair a dh’fhosglais mi a’ chiad turas i.

Agus o chionn fhada, nuair a bhithinn a’ coiseachd ann am beanntan is coilltean Thasmania, bhithinn gu tric a’ lorg lus air an robh lemon-scented boronia mar ainm. Nam pronnadh tu na duilleagan bhiodh fàileadh mar liomaid a’ tighinn bhuapa. Gach turas a bhios mi a’ tilleadh a Thasmania, bidh mi an tòir air an lus sin. Abair na làithean brèagha anns na beanntan a tha e a’ toirt gu mo chuimhne.

Air ais do na flùraichean Albannach. An do thagh sibh an fheadhainn as fheàrr leibh fhèin fhathast? Chan eil an ròs no lus na tùise ceadaichte, no rud sam bith eile a dh’fhàsas a-mhàin anns an leas. Tha mi ag iarraidh beachd air lusan dùthchasach.

Seo agaibh na trì a bu mhotha a chòrd rium as t-samhradh am-bliadhna. Anns a’ chiad dol a-mach, bha an roid. Sin preas a dh’fhàsas air a’ mhòintich. Tha fàileadh car geur air a dh’fhosglas do chuinneanan. Bhiodh na seann daoine a’ cur dhuilleagan roide am measg stuth am bobhstairean airson deargannan a chumail far na leapa. Agus tha cuid dhen bheachd gun cuir e fuath air meanbh-chuileagan. Ann am Beurla ’s e bog myrtle a th’ air an roid.

’S e an dàrna lus a chuimhnicheas mi – meannt an uisge. Tha e a’ coimhead brèagha, le duilleagan dorch-uaine agus flùraichean beaga purpaidh faisg air mullach nan gasan. Abair am fàileadh a gheibh thu nuair a phronnas tu na duilleagan. Agus nithear deagh thì bhlasta le bhith a’ goil nan duilleag ann an uisge. Tha e a cheart cho math ri tì-mheannt a ghabhas ceannach ann am bùth.

Sin dà lus le fàileadh air na duilleagan. Ach ’s e am fear as fheàrr leam lus le fàileadh cùbhraidh air na dìtheanan. Tha e doirbh tuairisgeul a dhèanamh dhen fhàileadh – tha mìlseachd an ròis ann ach rudeigin de ghlainnead na giùthsaich cuideachd. Dhèanadh e deagh shiabann.

Tha na flùraichean beag ach pailt, le dath an uachdair orra, agus bidh iad ann eadar an t-Iuchar agus an Lùnastal. Tha e a’ fàs ann an lèanan agus pàircean fliucha nach eil air an gearradh ro thric, agus tha e gu math cumanta ann an cuid de bhailtean croitearachd. Dè th’ ann? Crios Chù Chulainn no meadowsweet. Lus le dualchas sònraichte do na Gàidheil agus fàileadh air leth.

Faclan na Litreach: mac-an-duine: humans [collective]; cumhachdach: powerful; lus na tùise: lavender; dùthchasach: native; meannt an uisge: water mint; deagh shiabann: good soap.

Abairtean na Litreach: Dè an lus as cùbhraidhe fàileadh a dh’fhàsas gu nàdarrach?: what is the sweetest smelling plant that grows naturally?; tha e follaiseach gu bheil e beò ann an saoghal gu tur eadar-dhealaichte: it’s obvious that he lives in a completely different world; gum bi ‘dealbhan’ na inntinn stèidhichte, chan ann air na laigheas air a shùil ach na bhuaileas air a shròin:that there are [will be] pictures in his mind based, not on what lies in his sight but what assails his nose; tha cuid de dh’fhàilidhean ann:there are some fragrances; cinn mo dhithis chloinne, goirid às dèidh gun d’ rugadh iad:the heads of my two children, shortly after they were born; a’ ròstadh ann an taighean-bìdh is cafaidhean ann an Dùn Dè:roasting in restaurants and cafes in Dundee; a’ cur mo shròin os cionn pacaid de chofaidh pronn: putting my nose above a packet of ground coffee; bhiodh fàileadh mar liomaid a’ tighinn bhuapa: a smell like lemon would come from them; bidh mi an tòir air an lus sin: I go in search of that plant; a dh’fhàsas a-mhàin anns an leas: which only grows in the garden; a’ cur dhuilleagan roide am measg stuth am bobhstairean: putting leaves of bog myrtle among the contents of their mattresses; flùraichean beaga purpaidh faisg air mullach nan gasan: small purple flowers near the end of the stems; nithear deagh thì bhlasta le bhith a’ goil nan duilleag: good tasty tea can [will] be made by boiling the leaves; tì-mheannt a ghabhas ceannach ann am bùth: mint tea that can be purchased in a shop; tha mìlseachd an ròis ann: it has the sweetness of the rose; rudeigin de ghlainnead na giùthsaich: something of the cleanliness of the pine forest; dath an uachdair: the colour of cream; lèanan agus pàircean fliucha: damp meadows and wet fields; cuid de bhailtean croitearachd: some crofting townships.

Puing-chànain na Litreach: airson deargannan a chumail far na leapa: to keep fleas from the bed. Far, despite its appearance, works as a compound preposition (it derives from de bhàrr , ‘off the top of’) and thus commands a noun in the genitive case. So an leabaidh (nominative) becomes na leapa (genitive); leabaidh is a feminine noun and takes the article na in the genitive singular.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha cuid dhen bheachd gun cuir e fuath air meanbh-chuileagan: and some people think that it repels midges.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 486

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean