FaclairDictionary EnglishGàidhlig

794: Mì-mhodh ann an Gàidhlig (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mì-mhodh ann an Gàidhlig (2)

Gaelic Gàidhlig

Goirid às dèidh dhomh ‘Litir do Luchd-ionnsachaidh’ a thòiseachadh – còrr is còig bliadhn’ deug air ais – sgrìobh boireannach thugam aig a’ BhBC. Bha an litir ann am Beurla agus na cois bha duilleag bhàn. Bha i ag iarraidh orm an duilleag a lìonadh le droch chainnt – mionnachadh ’s a leithid – ann an Gàidhlig. Sgrìobh mi air ais thuice – ‘A bhana-charaid chòir, ’s dòcha gun dèan mi a leithid dhuibh nuair a tha sibh fileanta gu leòr gus litir a sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Ach, leis an fhìrinn innse, ’s e glè bheag de dh’eòlas a th’ agam air cainnt mar sin co-dhiù.’ Cha chuala mi a-rithist bhuaipe.

Saoilidh mi gu bheil a’ Bheurla Shasannach – no a’ Bheurla Anglo-Shagsannach – mòran nas fheàrr na Gàidhlig nuair a thig e gu droch chainnt. Chan eil facal coltach ris an f-word againn. Chan eil no aig na Cuimrich. Chuala mi fìor dhroch chainnt ann an Cuimris aon oidhche. Bha i làn dhen f-word a bhuineas don t-seann Bheurla.

Ach chan eil sin a’ ciallachadh nach eil droch fhaclan againn ann an Gàidhlig. Tha iad ann, agus tha leabhar-iùil beag air tighinn a-mach anns a bheil a leithid air a taisbeanadh. A bharrachd air mionnachadh, tha caibideilean ann mu mhallachadh, cleachdadh tombaca, òl is feise. Chan e leabhar ‘àbhaisteach’ a th’ ann, tuigidh sibh.

’S e an t-ainm a th’ air The Naughty Little Book of Gaelic: All the Scottish Gaelic You Need to Curse, Swear, Drink, Smoke and Fool Around. ’S e an t-ùghdar, no am fear-cruinneachaidh, Mìcheal Newton agus chaidh an leabhar fhoillseachadh le Foillsichearan Oilthigh Cheap Bhreatainn ann an Alba Nuaidh.

’S e acadamaigeach a th’ ann am Mìcheal Newton, agus chan eil e a’ brosnachadh droch chainnt no droch ghiùlan ann an saoghal na Gàidhlig – no saoghal an luchd-ionnsachaidh! Ach tha e dhen bheachd, mura h-eil daoine eòlach air cainnt mar sin, gum bi iad a’ tionndadh gu Beurla, cànan a tha làn de a leithid. Ge brith dè ar beachd moralta, bidh daoine ag iarraidh droch fhaclan is droch abairtean a bhith aca anns a’ chànan a chleachdas iad gu làitheil. Sin mar a tha e. Ach tuigidh sibh gum bi mi car faiceallach mu na h-eisimpleirean a bheir mi dhuibh air an rèidio!

Anns a’ chaibideil mu bhith a’ cur mallachd, tha Mìcheal Newton a’ dèanamh na puing gu bheil a leithid co-cheangailte ri bàs, fulangas agus dìteadh sìorraidh ann an Gàidhlig, agus chan ann ri feise. Seo eisimpleirean: bàs gun sagart ort!; bàs an fhithich ort! (bhathar a’ creidsinn gun robh fithich òga a’ marbhadh na seann fheadhainn); b’ fheàrr leam gun robh thu ann an Hiort!; gun toir am Fear Mòr leis thu! Seo eisimpleirean bhon chaibideil mu mhionnachadh: A mhic an Riabhaich!; A mhic Ifrinn!; ’s e plàigh a th’ annad!

Tha caibideil cuideachd mu thombaca anns a bheil an t-ùghdar ag innse dhuinn gun robh muinntir Bharraigh cho dèidheil air smocadh ’s gun do dh’fheuch iad ri tombaca fhàs anns an eilean! Agus tha sinn a’ faighinn dàn à Ontario a chaidh a sgrìobhadh anns an naoidheamh linn deug:

Chan eil cailleach, chan eil bodach,

Ged bha fiamh is fraoch gu trod orr’

Nach tionndadh gu sìth bhon chogadh

Nuair gheibheadh iad toit dhen phìob .

Cha do ràinig sinn òl no feise fhathast. Ach ruigidh – an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: leabhar-iùil: guidebook; mallachadh: cursing; feise: sex, sexual intercourse; fear-cruinneachaidh: collector; acadamaigeach: academic; Hiort: St Kilda.

Abairtean na Litreach: na cois bha duilleag bhàn: a blank page was enclosed; an duilleag a lìonadh le droch chainnt – mionnachadh ’s a leithid: to fill the page with bad language – swearing and the like; ’s dòcha gun dèan mi a leithid dhuibh nuair a tha sibh fileanta gu leòr gus litir a sgrìobhadh ann an Gàidhlig: perhaps I’ll do such a thing for you when you’re fluent enough to write a letter in Gaelic; cha chuala mi a-rithist bhuaipe: I never heard from her again; a’ Bheurla Anglo-Shagsannach: the Anglo-Saxon language; chan eil no aig na Cuimrich:neither do the Welsh; air a taisbeanadh: demonstrated; chan eil e a’ brosnachadh droch chainnt no droch ghiùlan:he’s not encouraging bad language or bad behaviour; mura h-eil daoine eòlach air cainnt mar sin, gum bi iad a’ tionndadh gu Beurla: if people don’t know language like that, they will turn to English; ge brith dè ar beachd moralta: whatever our moral standpoint is; a chleachdas iad gu làitheil: which they use daily; tuigidh sibh gum bi mi car faiceallach: you’ll understand that I’ll be a bit careful; bàs, fulangas agus dìteadh sìorraidh: death, suffering and damnation; bhathar a’ creidsinn gun robh fithich òga a’ marbhadh na seann fheadhainn: it was believed that young ravens would kill their elders; gun toir am Fear Mòr leis thu!: that the Devil will take you!; a mhic an Riabhaich!: o son of the brindled one (Devil)!; a mhic Ifrinn!: o son of Hell (Devil)!; dh’fheuch iad ri tombaca fhàs: they tried to grow tobacco; ged bha fiamh is fraoch gu trod orr’: although they were ready for a fight; nuair gheibheadh iad toit dhen phìob: when they got smoke from [of] the pipe.

Puing-chànain na Litreach: You’ll note that I haven’t included pòg mo thòn ‘ kiss my posterior’ in the list of curses – it’s too well known already, even among those who don’t speak Gaelic (for some strange reason!) It’s really interesting when you look through the list of Gaelic curses that there are virtually none which relate to sexual adequacy or the identity of one’s father. In that respect, it’s completely different to English. Perhaps a sociolinguist will have an explanation (and it’s far too simplistic to blame Highland Presbyterianism – the examples were collected in various religious communities, in Nova Scotia in addition to Scotland).

Gnàthas-cainnt na Litreach: ’s e plàigh a th’ annad! you’re an absolute pest [lit. you’re a plague]! One of the milder imprecations!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 490

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean