FaclairDictionary EnglishGàidhlig

810: Argos, Epidavros agus Fear a’ Bhàta

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Argos, Epidavros agus Fear a’ Bhàta

Gaelic Gàidhlig

As t-fhoghar an-uiridh, bha mi ann an Argos. Nise, ’s dòcha gum bi sibh a’ faighneachd – ‘carson a tha Ruairidh a’ dol a dh’innse dhuinn mu rudeigin a cheannaich e ann am bùth-chatalog?’ No ’s dòcha nas fhaisge air an fhìrinn – ‘mo chreach, an robh Ruairidh ann am bùth nach robh na bùth-leabhraichean? Chan ann tric a thachras sin!’

Ged a tha bùth aig Argos ann an Inbhir Nis, chan e sin an t-àite a tha mi a’ ciallachadh. Gu dearbh, cha robh an Argos anns an robh mi eadhon ann an Alba. Bha mi air làithean-saora anns a’ Ghrèig agus, air an rathad don cheann-uidhe, agam chaidh mi tro bhaile air an robh Argos mar ainm.

Bha mi a’ smaoineachadh gun robh e car èibhinn aig an àm. Cha do thuig mi gu bheil ceangal ann eadar am baile Greugach agus a’ bhùth ann am Breatainn. Bha an duine a chuir a’ bhùth air chois, Ridseard Tomkins, air làithean-saora anns a’ Ghrèig nuair a thàinig an smuain thuige mu ainm na bùtha. Bha e ann an Argos.

Tha am baile gu math sean. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil daoine air a bhith a’ fuireach ann, gun sgur, airson seachd mìle bliadhna. Tha e anns an sgìre ris an canar am Peloponnese, leth-eilean don iar-dheas air Baile na h-Àithne.

Bha mi a’ seòladh timcheall uisgeachan a’ Pheloponnese. Am measg nam bailtean-puirt dhan deach mi, bha Epidavros. ’S e baile beag brèagha a th’ ann, suidhichte air a’ chladach aig ceann sàilean. Aig aon àm, ge-tà, bha baile dhen dearbh ainm suidhichte còig mìle air falbh, taobh a-staigh na dùthcha. Agus bha e ainmeil air feadh saoghal nan Greugach.

’S iongantach mura d’ fhuair na seann lighichean Gàidhealach toradh an eòlais bho dhaoine de a leithid ann an Epidavros. Cha robh àite na bu chudromaiche airson leigheas anns an t-saoghal chlasaigeach. Bha am baile stèidhichte faisg air àite-breith mac Apollo, Asklepios. Anns a’ cheathramh agus treas ceud ro Chrìosd, bhiodh na mìltean mòr’ a’ dol ann airson leigheas, airson fèilltean-ealain agus, tha mi cinnteach, airson spòrs, marsantachd is suirghe.

Chan eil càil a’ dearbhadh sin barrachd na ’n taigh-cluiche a chaidh a thogail ann an nàdar de choire ri taobh a’ bhaile. Ghabhadh e ceithir mìle deug duine – airson dealbhan-cluiche is cuirmean mòra. Tha e ann an staid cho math ’s gum bi e air a chleachdadh chun an latha an-diugh.

Nuair a chanas mi ‘taigh-cluiche’, chan eil mullach air, tuigidh sibh. Chan eil a leithid a dhìth anns a’ Ghrèig! Co-dhiù, sheas mi ann an teis-meadhan an àite far am biodh na cluicheadairean a’ seasamh. Bha a’ bhean agam anns an t-sreath shuidheachan a b’ àirde anns an stèidiam. Agus bha e iongantach cho furasta ’s a bha e dhuinn bruidhinn ri chèile. Bha an fhuaimearrachd – sin a’ Ghàidhlig air acoustics – iongantach math.

‘Gabh òran Gàidhlig,’ thuirt i. Ghabh mi sèist de ‘Fear a’ Bhàta’ ann an guth socair. Agus chuala i a h-uile facal gu furasta. ’S iomadh rud a thachair ann an Epidavros thairis air dà mhìle gu leth bliadhna, ach tha amharas agam gum b’ e sin a chiad turas a bha ‘Fear a’ Bhàta’ air a sheinn ann. Agus, goirid an dèidh sin, leig mi soraidh slàn le Epidavros agus dh’fhalbh mi – ann am bàta.

Faclan na Litreach: leth-eilean: peninsula; iar-dheas: south-west; Baile na h-Àithne: Athens; uisgeachan: waters; taigh-cluiche: amphitheatre; dealbhan-cluiche: plays; cuirmean mòra: big concerts, events; teis-meadhan: the exact centre; fuaimearrachd: acoustics; sèist: chorus.

Abairtean na Litreach: As t-fhoghar an-uiridh: in autumn last year; rudeigin a cheannaich e ann am bùth-chatalog: something he bought in a catalogue shop; nas fhaisge air an fhìrinn: closer to the truth; chan ann tric a thachras sin: that doesn’t happen often; bha mi air làithean-saora anns a’ Ghrèig: I was on holiday in Greece; air an rathad don cheann-uidhe: on the way to the destination; tro bhaile air an robh Argos mar ainm: through a town called Argos; gun robh e car èibhinn: that it was quite funny; cha do thuig mi gu bheil ceangal ann eadar am baile Greugach agus a’ bhùth: I didn’t understand that there is a link between the Greek town and the shop; nuair a thàinig an smuain thuige mu ainm na bùtha: when a thought came to him about the shop’s name; gun sgur: without interruption; am measg nam bailtean-puirt dhan deach mi: among the ports I visited; suidhichte air a’ chladach aig ceann sàilean: situated on the shore at the head of a small inlet; taobh a-staigh na dùthcha: inland; saoghal nan Greugach: the world of the Greeks; ’s iongantach mura d’ fhuair na seann lighichean Gàidhealach toradh an eòlais bho dhaoine de a leithid: it’s likely the old Gaelic physicians benefited from the knowledge of their peers; cha robh àite na bu chudromaiche airson leigheas anns an t-saoghal chlasaigeach: there was no place more important for healing in the classical world; anns a’ cheathramh agus treas ceud ro Chrìosd: in the fourth and third centuries BC; spòrs, marsantachd is suirghe: fun, trading and courting; ceithir mìle deug duine: fourteen thousand people; ann an staid cho math ’s gum bi e air a chleachdadh chun an latha an-diugh: in such a good state that it is used to this day; a dhìth anns a’ Ghrèig: needed in Greece; anns an t-sreath shuidheachan a b’ àirde anns an stèidiam: in the highest row of seats in the stadium; tha amharas agam: I suspect.

Puing-chànain na Litreach: bùth nach robh na bùth-leabhraichean:a shop that wasn’t a bookshop. The literal meaning of this idiomatic expression is ‘a shop that wasn’t in its bookshop’. Bùth is a feminine word so the ‘its’ is the feminine third personal singular possessive pronoun which does not lenite the noun it commands. Thus bùth-leabhraichean is not lenited.

Gnàthas-cainnt na Litreach: leig mi soraidh slàn le : I bade farewell to.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 506

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean