816: Ùisdean ’s an Tombaca (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ùisdean ’s an Tombaca (1)
Dh’fhàg mi sibh le tòimhseachan aig deireadh na Litreach mu dheireadh–dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?’ ’S e am fuasgladh an gas a th’ air lus–the stem of a plant. Chan obraicheadh sin ann am Beurla!
Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu Ùisdean à Inbhir Pheofharain. Nuair a bha e òg, dh’fhàs e dèidheil air tombaca. Ghabh smocadh grèim air. ’S gann gum faicte Ùisdean gun toitean na bheul.
Nuair a bha e fichead bliadhna a dh’aois, chaochail uncail dha, agus fhuair Ùisdean a’ chroit aige. Bha i mu dheich mìle a-mach às a’ bhaile. Bha seo anns an t-seann aimsir. Leis gun robh fearann aige a-nise, b’ urrainn dha bean a ghabhail. Cha b’ fhada gus an robh e a’ suirghe le Ceitidh NicDhonnchaidh à Cunndainn. Phòs iad agus gheall Ùisdean dha fhèin gum biodh e na dheagh chèile do Cheitidh.
Ach cha deach aige air stad a chur air a chuid smocaidh. Mar a bu mhotha a dh’fheuch e ris am tombaca a chur an dàrna taobh, ’s ann a bu dorra a dh’fhàs e. Bha miann mhòr aige air ceò an tombaca a bhith na sgamhan.
Ge-tà, bha e deich mìle bhon aon bhùth a bha a’ reic tombaca. Nuair nach robh gin air fhàgail san taigh, bhiodh e ann am fìor dhroch shunnd. Bha e mar chù crosta a chaill a chnàimh.
Nuair a phòs Ùisdean is Ceitidh, cheannaich iad cuilean. ’S e cù-coilidh a bh’ ann, air an robh Sandaidh mar ainm. Bha iad a’ dol a dhèanamh cù-chaorach dheth, ach bha Sandaidh uabhasach dèidheil air a dhol an cois a mhaighstirean, agus na caoraich a sheachnadh. Nuair a rachadh Ùisdean a chèilidh air a nàbaidhean, bhiodh an cù an-còmhnaidh na chois. Gheibheadh e fàilte chridheil aig a h-uile nàbaidh.
Latha a bha seo, bha Ùisdean ann am fìor dhroch shunnd. Bha e air a dhol seachdain gun smocadh. Chan fhaca Ceitidh cho greannach e. A bheil fios agad dè tha ceàrr ort, Ùisdein?’ thuirt i. Tha thu feumach air tombaca. Thall’ a Bhaile a’ Chàil agus ceannaich gu leòr airson mìos.’ ’S e Baile a’ Chàil’ a chanadh daoine ri Inbhir Pheofharain anns an t-seann aimsir.
Am faod mi, a ghràidh?’ fhreagair Ùisdean. Bha e cho sona ris an rìgh.
Agus aon rud eile,’ thuirt a bhean. Thoir Sandaidh leat. Bidh a’ chuairt math dha.’
Dh’fhalbh an duine ’s an cù còmhla air an rathad a dh’Inbhir Pheofharain. Ràinig iad bùth an tombaca agus cheannaich Ùisdean gu leòr airson mìos. Thug fear na bùtha briosgaid do Shandaidh. Bha e math mar mharsantach, agus chunnaic e cothrom an cois a’ choin.
Carson nach ceannaich thu tombaca bhuam a h-uile seachdain?’ thuirt e.
O, tha mi ro thrang airson tighinn an seo a h-uile seachdain,’ fhreagair Ùisdean. Tha e ro fhada.’
Ge-tà,’ thuirt fear na bùtha. Dh’fhaodadh an cù a thighinn air do shon.’
An cù?’ ars Ùisdean.
Gu dearbh,’ thuirt fear na bùtha. Cuir leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich, agus iarr air thighinn don bhùth. Cuiridh mise tombaca luach leth-chrùn san nèapraigear agus thèid e dhachaigh leis.’
Mmm. Saoil an obraicheadh sin?’ thuirt Ùisdean. Carson nach fheuch sinn e?
Agus dh’fheuch–an ath thuras a bha tombaca gann san taigh. Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh do Shandaidh an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: gas: stem of a plant; Inbhir Pheofharain: Dingwall; croit: croft; greannach: ill-tempered; Baile a’ Chàil: Cabbage Town’–an old local name for Dingwall; briosgaid: biscuit.
Abairtean na Litreach: dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?: which gas’ does not fill its container?; chan obraicheadh sin ann am Beurla:that wouldn’t work in English; dh’fhàs e dèidheil air tombaca: he became keen on tobacco; ghabh smocadh grèim air:he became addicted to tobacco; chaochail uncail dha: an uncle of his died; Ceitidh NicDhonnchaidh à Cunndainn:Katie Robertson from Contin; gheall Ùisdean dha fhèin: Hugh promised himself; gum biodh e na dheagh chèile do Cheitidh: that he would be good husband to Katie; cha deach aige air stad a chur air a chuid smocaidh: he didn’t manage to stop his smoking; mar a bu mhotha a dh’fheuch e ris am tombaca a chur an dàrna taobh, ’s ann a bu dorra a dh’fhàs e:the more he tried to avoid tobacco, the more difficult it became; bha miann mhòr aige air ceò an tombaca a bhith na sgamhan: he had a great desire to have tobacco smoke on his lungs; bhiodh e ann am fìor dhroch shunnd: he’d be in a really bad mood; bha e mar chù crosta a chaill a chnàimh: he was like an angry dog that [had] lost its bone; a bheil fios agad dè tha ceàrr ort?: do you know what is wrong with you? bha iad a’ dol a dhèanamh cù-chaorach dheth: they were going to make a sheepdog of it; an cois a mhaighstirean: along with his masters; cuir leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich: put a half-crown in a kerchief around his neck; tombaca luach leth-chrùn: tobacco to the value of half a crown; saoil an obraicheadh sin?: I wonder if that would work; carson nach fheuch sinn e?: why don’t we try it?
Puing-chànain na Litreach: ’S gann gum faicte Ùisdean gun toitean na bheul: Hugh would hardly ever be seen without a cigarette in his mouth. Chìte is the independent passive conditional form of the verb faic see’; it means would be seen’. The dependent form is faicte eg gum faicte that it would be seen’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha b’ fhada gus an robh e a’ suirghe: It wasn’t long until he was courting.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 512
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn