817: Ùisdean ’s an Tombaca (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ùisdean ’s an Tombaca (2)
Chaidh Sandaidh an cù a dh’Inbhir Pheofharain latha a bha seo. Bha a mhaighstir, Ùisdean, gann de thombaca. Chuir Ùisdean leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich a’ choin agus dh’iarr e air a dhol gu bùth an tombaca.
Ràinig Sandaidh a’ bhùth. Dh’fhuasgail fear na bùtha an nèapraigear, thug e an t-airgead a-mach agus chuir e tombaca luach leth-chrùin ann na àite, le pìos pàipeir timcheall air. Cheangail e an nèapraigear a-rithist ri amhaich a’ choin. Thug e briosgaid don chù mar dhuais agus dh’iarr e air a dhol dhachaigh.
Nuair a ràinig Sandaidh an taigh, bha Ùisdean aig an doras mhòr. Dh’fhuasgail e an nèapraigear agus fhuair e a thombaca. ’S e a bha toilichte le Sandaidh! Bha an tombaca taobh a-staigh pìos pàipeir agus chunnaic Ùisdean gun robh rudeigin sgrìobhte air ann am peansail. Bho fhear na bùtha a bha e. ‘Ma dh’obraicheas seo,’ bha sgrìobhte air, ‘cuir an cù thugam a h-uile Dihaoine. Bidh an tombaca as fheàrr leat an-còmhnaidh agam Dihaoine.’
Agus ’s e sin a thachair. A h-uile Dihaoine, bhiodh Sandaidh a’ falbh a dh’Inbhir Pheofharain, agus a’ togail an tombaca.
Latha a bha seo, ge-tà, bha fear eile anns a’ bhùth, nuair a ràinig Sandaidh i. ’S e fear àrd, maol, leth-shùileach a bh’ ann. Bha ‘Padaidh Cam’ air mar fhrìth-ainm. Bha taigh aige trì mìle a-mach à Inbhir Pheofharain air an aon rathad a bha a’ dol a dh’ionnsaigh croit Ùisdein.
Chunnaic Padaidh an gnothach leis a’ chù, agus leis an airgead, agus thòisich e air meòrachadh air. ‘Annasach,’ thuirt e ri fear na bùtha. ‘An cù sin a’ dèanamh toil a mhaighstir mar sin.’
‘Aidh, tha e dìleas agus comasach,’ thuirt fear na bùtha. ‘Bidh e a’ tighinn a h-uile Dihaoine, agus ruigidh e a’ bhùth aig cairteal gu meadhan-latha, a h-uile turas.’
Dh’fhalbh Sandaidh leis an tombaca anns an nèapraigear timcheall amhaich. Dh’fhalbh Padaidh mun aon àm agus lean e air a’ chù cho math ’s a b’ urrainn dha. Chunnaic e gun robh e a’ gabhail an aon rathaid ris fhèin.
An ath Dhihaoine, bha Padaidh a’ feitheamh air an rathad a dh’Inbhir Pheofharain faisg air an taigh aige. Cha robh e ann fada nuair a chunnaic e Sandaidh a’ tighinn. Bha nèapraigear timcheall amhaich.
‘Trobhad seo,’ thuirt Padaidh ris a’ chù. Bha briosgaid aige na làimh. ‘Seo dhut. Gabh seo.’ Ghabh an cù a’ bhriosgaid agus leig e le Padaidh an nèapraigear fhuasgladh. Thug Padaidh an t-airgead a-mach agus chuir e na phòcaid e. Cheangail e an nèapraigear a-rithist, agus dh’iarr e air a’ chù falbh don bhùth.
‘Sin thu, a Shandaidh, tha thu ann,’ thuirt fear na bùtha. ‘Còig mionaidean air dheireadh an-diugh.’ Bha a shùilean air a’ chloc. Deich mionaidean gu meadhan-latha.
Dh’fhuasgail fear na bùtha an nèapraigear agus ghabh e iongnadh nach robh an t-airgead ann. Cha robh fios aige dè dhèanadh e. Mu dheireadh, chuir e luach leth-chrùin de thombaca san nèapraigear, le bileag pàipeir, a’ mìneachadh nach robh airgead ann agus ag iarraidh air Ùisdean crùn a chur thuige an ath sheachdain. Agus chì sinn dè thachair nuair a ràinig an cù a dhachaigh.
Faclan na Litreach: Dh’fhuasgail: untied; Padaidh Cam: One-eyed Paddy; frìth-ainm: nickname; dìleas: faithful.
Abairtean na Litreach: Chaidh Sandaidh an cù a dh’Inbhir Pheofharain: Sandy the dog went to Dingwall; bha a mhaighstir, Ùisdean, gann de thombaca:his master, Hugh, was short of tobacco; leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich a’ choin:a half-crown in a kerchief around the dog’s neck; chuir e tombaca luach leth-chrùin ann na àite: he put tobacco to the value of half a crown in its place; thug e briosgaid don chù mar dhuais: he gave the dog a biscuit as a reward; dh’iarr e air a dhol dhachaigh: he asked him to go home; aig an doras mhòr: at the front door; gun robh rudeigin sgrìobhte air ann am peansail: that something was written on it in pencil; fear àrd, maol, leth-shùileach: a tall, bald, one-eyed man; thòisich e air meòrachadh air: he started to consider it; an cù sin a’ dèanamh toil a mhaighstir mar sin: that dog doing his master’s will like that; ruigidh e a’ bhùth aig cairteal gu meadhan-latha: he reaches the shop at a quarter to twelve (midday); gun robh e a’ gabhail an aon rathaid ris fhèin: that he was taking the same road as himself; thug Padaidh an t-airgead a-mach agus chuir e na phòcaid e:Paddy took out the money and put it in his pocket; còig mionaidean air dheireadh: five minutes late; ghabh e iongnadh: he was surprised; cha robh fios aige dè dhèanadh e: he didn’t know what to do [what he would do]; ag iarraidh air Ùisdean crùn a chur thuige an ath sheachdain: asking Hugh to send him a crown the next week.
Puing-chànain na Litreach: Bho fhear na bùtha a bha e: it was from the shopkeeper. There is an implied ’s ann at the start of the sentence, ie it should really read ’S ann bho fhear na bùtha a bha e. But sometimes, particularly in informal speech, we do not include the ’s ann – it is understood, but not said. Keep your ears open for other examples in the community or on radio or television.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Sin thu, a Shandaidh, tha thu ann: there you are, Sandy, you’re there. An informal greeting.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 513
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn