FaclairDictionary EnglishGàidhlig

850: Muile-mhàgag

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Muile-mhàgag

Gaelic Gàidhlig

An itheadh sibh muile-mhàgag? Nuair a tha mi a’ meòrachadh air a’ cheist, tha sgreamh a’ tighinn orm. Ghia! Cò dh’itheadh muile-mhàgag?! Uill, a rèir beul-aithris, dh’ith fear de ghaisgich nan Gàidheal tè – agus ’s dòcha gun robh sin am measg nan adhbharan a bha e cho ... uill … gaisgeil. No an e gu feumadh tu a bhith gaisgeil airson tè ithe?!

Nise, bu chòir dhomh dhèanamh soilleir dè tha mi a’ ciallachadh le ‘muile-mhàgag’. Tha mi a’ ciallachadh toad. Ach tha fhios a’m, ann am mòran sgìrean, gu bheilear a’ cleachdadh ‘muile-mhàgag’, no facal coltach, airson frog.

Tha abairt à Siorrachd Pheairt – cha b’ ann air muileacha-màg a chaidh m’ àrach. A rèir choltais, tha sin a’ ciallachadh ‘I wasn’t raised on frogs’, seach air ‘toads’. Tha mi a’ tuigsinn gum bite ga cleachdadh airson a ràdh ri neach eile, ‘Chan eil mi faoin!’ Cha b’ ann air muileacha-màg a chaidh m’ àrach.

Airson adhbhar air choreigin, gun luaidh air cho gann ’s a tha iad, agus gum bu chòir an dìon, chan eil sinn uabhasach dèidheil air uisge-thìrich mar bhiadh, a bheil? ’S dòcha gun do dh’fheuch sibh losgann no frog. Tha na Frangaich measail orra – co-dhiù air na casan aca. Dh’fheuch mi casan losgainn aon turas, ach chan ann san Fhraing a bha e. Bha mi ann an Thailand. Tha iad measail orra an sin cuideachd, agus bidh iad ag àrach losgannan airson taighean-bìdh. Ach – muile-mhàgag – toad – ’s e sin ceist eile.

Agus cò e an seann ghaisgeach Gàidhealach a dh’ith muile-mhàgag? Cò, ach Alasdair mac Colla Chiotaich, an sàr-shaighdear a bha a-mach cuide ri Montròs ann am meadhan an t-seachdamh linn deug.

An e muile-mhàgag no losgann a dh’ith e? Chan eil mi cinnteach. Ach bha daoine a’ creidsinn gun robh clach luachmhor ann an ceann nan ainmhidhean sin. Bha sin eadhon anns an dealbh-chluich ‘As You Like It’ le Uilleam Shakespeare.

Agus sgrìobh an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd, gur e ‘a’ chlach mhuile-mhàgag molag a tha iongantach na cumadh agus a farsaingeachd de dhathan. Thathar dhen bheachd gun cuir i stad air losgadh taighe, agus cur-fodha bàta. Agus, ma bhios tè aig commandair air blàr-catha, bidh an dàrna cuid buaidh aige air an latha no bidh na daoine gu lèir aige a’ faighinn bàs sa spot.’

Chaidh stòiridh annasach a chlàradh mu mhuile-mhàgag mhòr aig Ach a’ Ghobhail ann am Morbhairne. Bha ainm sònraichte air – ‘Seid’ – agus bha e ri lorg ann am boglach air an robh ‘Lòn na Seid’ mar ainm. Dh’fheuch fear ri a glacadh – airson a’ chlach fhaighinn – air latha fuar geamhraidh nuair a bha an lòn reòite. Rinn e toll san deigh agus leig e le dòbhran, a bh’ aige mar pheata, a dhol troimhe. Dh’fhan e gus an tigeadh a’ mhuile-mhàgag suas tron toll, agus an dòbhran às a dèidh. Bha bata aige na làimh.

Ach, ’s e an dòbhran, a bha feumach air anail a ghabhail, a chuir a cheann tron toll. Gun a bhith a’ coimhead ro dhlùth, bhuail am fear e le a bhata, a’ cur às don dòbhran sa spot. Agus dè thachair don mhuile-mhàgag – chan eil fhios a’m.

Faclan na Litreach: Ghia!: Yuch!; Siorrachd Pheairt: Perthshire; uisge-thìrich: amphibians; dearc-luachrach: newt; Cuimreach: Welsh; Ach a’ Ghobhail: Achagavel; Morbhairne: Morvern.

Abairtean na Litreach: An itheadh sibh muile-mhàgag?: would you eat a toad?; nuair a tha mi a’ meòrachadh air a’ cheist: when I consider the question; tha sgreamh a’ tighinn orm: I am filled with revulsion; dh’ith fear de ghaisgich nan Gàidheal tè: one of the heroes of the Gaels ate one; an e gu feumadh tu a bhith gaisgeil airson tè ithe?: is it that you’d have to be heroic to eat one?; gum bite ga cleachdadh airson a ràdh ri neach eile: that it would be used to say to another person; gun luaidh air cho gann ’s a tha iad, agus gum bu chòir an dìon: without mentioning how rare they are, and that they need protection; dh’fheuch mi casan losgainn aon turas: I tried frog legs once; bidh iad ag àrach losgannan: they breed frogs; gur e a’ chlach mhuile-mhàgag molag a tha iongantach na cumadh agus a farsaingeachd de dhathan: that the toad-stone is some pebble, remarkable for its shape and … variety of colours; thathar dhen bheachd gun cuir i stad air losgadh taighe, agus cur-fodha bàta: [it] is presumed to prevent the burning of a house and the sinking of a boat; ma bhios tè aig commandair air blàr-catha: if a commander in the field has one of them about him; bidh an dàrna cuid buaidh aige air an latha no bidh na daoine gu lèir aige a’ faighinn bàs sa spot: he will either be sure to win the day or all his men shall fairly die on the spot; nuair a bha an lòn reòite: when the pool was frozen; leig e le dòbhran, a bh’ aige mar pheata, a dhol troimhe: he let a pet otter go through; bhuail am fear e le a bhata: the man hit him with his stick.

Puing-chànain na Litreach: cò e an seann ghaisgeach Gàidhealach: the old Gaelic hero. Why is gaisgeach lenited whereas Gàidhealach is not? The reason is that seann brings about lenition in the following noun, but that does not transfer to a qualifying adjective. And because the noun is masculine and in the nominative (nominal) singular case, the adjective is unlenited.

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha b’ ann air muileacha-màg a chaidh m’ àrach: it isn’t on frogs I was raised ie I’m not that naïve.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 546

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean