FaclairDictionary EnglishGàidhlig

88: Uilleam Ros (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Ros (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha e na bhriseadh-cridhe don bhàrd, Uilleam Ros, nuair a chuala e gu robh a leannan, Mòr Ros, air pòsadh, agus gu robh i air a dhol a dh’fhuireach ann an Sasainn còmhla ris an duine aice. Sgrìobh e an uairsin an dàn, neo òran, air an do chuir e “Oran Cumhaidh” mar ainm. Gu dearbh, ’s e cumha a th’ ann.

Tha còig rannan deug anns an òran mar a sgrìobh am bàrd e. Agus sgrìobh e e airson a bhith air a sheinn, air an fhonn “Robai dona gòrach”. Tha cuid de na rannan nach bi aithnichte idir don mhòr-shluagh an-diugh, ach ’s ann tearc a tha na Gaidheil nach aithnich an deicheamh rann. ’S e sin, mar as trice, a’ chiad rann dhen òran mar a tha e air a sheinn an-diugh. Bheireadh e cus ùine na còig rannan deug gu lèir a sheinn.

Is truagh nach d’ rugadh dall mi, gun chainnt is gun lèirsinn . Sin mar a tha e a’ tòiseachadh. ’S dòcha gu bheil sibh ga aithneachadh. Seo an rann gu lèir:

Is truagh nach d’ rugadh dall mi,

Gun chainnt is gun lèirsinn.

Mus fhac’ mi d’ aghaidh bhaindidh,

Rinn aimhleas nan ceudan.

On chunna’ mi air thùs thu,

Bu chliùiteach do bheusan,

Gum b’ fhasa leam am bàs

Na bhith làthair as d’ eugmhais.

’S ann mar sin a tha na briathran nuair a tha an t-òran air a sheinn. Ach chan ann buileach mar sin a chaidh an sgrìobhadh. Anns a’ chiad loighne, an àite Is truagh nach d’ rugadh dall mi, sgrìobh Ros, Carson nach d’ rugadh dall mi..? Agus tha diofar ann cuideachd anns an dà loighne mu dheireadh. Sgrìobh am bàrd, “Chan fhasa leam nam bàs, a bhith làthair as d’ eugmhais.” Ach, ged a tha an diofar sin ann, chan eil diofar mòr sam bith air a’ bhrìgh. Mar a sgrìobh am bàrd ann an rann eile…

… cha d’ fhuair mise sgeul

Ann am Beurla neo Gàidhlig,

A dh’innseadh dhomh mar dh’fhaotainn

An gaol ud a smàladh

’S toigh leam am pìos seo cuideachd a tha, mar as trice, air a sheinn mar dharna rann:

Gur binne leam do chòmhradh

na smeòrach nan geugan,

Na cuach sa mhadainn Mhàighe,

’s na clàrsach nan teudan,

Nan t-Easbaig air Latha Dòmhnaich,

’s am mòr-shluagh ga èisteachd,

Neo ged a chunntadh stòras

na h-Eòrpa gu lèir dhomh.

Anns an òran thùsail tha am bàrd a-mach tric air fear Cormac, ged nach bi seo a’ nochdadh anns an òran a th’ air a sheinn.

Ach siud mar sheinneadh Cormac,

’s e dearmad a chiad ghaoil…

Bha an Cormac seo na chlàrsair Eireannach a bha ainmeil, aig an àm ud, ann am beul-aithris. Gu bitheanta air a’ Ghaidhealtachd anns an dà dhùthaich – Eirinn agus Alba – bhiodh na clàrsairean a’ siubhal bho àite gu àite is, gu dearbh, bho dhùthaich gu dùthaich, mar gur e aon dùthaich a bh’ ann, a’ dèanamh am bith-beò eatarra. Agus thàinig Cormac a dh’Alba, far an do chuir e seachad bliadhnaichean còmhla ri ceann-feadhna Clann ’icLeòid ann an Leòdhas. Agus ann a sin … uill … chan urrainn dhomh innse dhuibh an-dràsta gu dè dh’èirich dha. Cha cheadaich an ùine mi.

Ach cluinnidh sibh an sgeul an ath-sheachdain, agus tuigidh sibh an uairsin carson a rinn am bàrd, Uilleam Ros, coimeas eadar e fhèin is an clàrsair, Cormac. Agus tuigidh sibh carson a bha e duilich, ann an dòigh, nach robh Ros na chlàrsair, seach bàrd. Ach an-dràsta, leigidh mi soraidh leibh.

Faclan na Litreach: briseadh-cridhe: disappointment; oran cumhaidh, cumha: lament; cainnt: speech; lèirsinn: vision, sight; baindidh: feminine; smeòrach: thrush; cuach: cuckoo; stòras: riches; tùsail: original; clàrsair: harpist; ceann-feadhna: clan chief.

Abairtean na Litreach: tha cuid de na rannan nach bi aithnichte: some of the verses will not be familiar (recognised); ’s ann tearc a tha na Gaidheil nach aithnich an deicheamh rann: scarce are the Gaels who don’t recognise the tenth verse; is truagh nach d’rugadh dall mi:it is a pity I was not born blind; (a) rinn aimhleas nan ceudan:which was the ruin of hundreds (pronounced “kaytan” rather than “kiatun” for the rhyme); bu chliùiteach do bheusan:your conduct was renowned; gum b’ fhasa leam am bàs na bhith làthair as d’ eugmhais:it would be easier for me to die than to live without you; chan fhasa leam nam bàs a bhith làthair as d’ eugmhais:it is worse than death to live without you; a dh’innseadh dhomh mar dh’fhaotainn an gaol ud a smàladh:that would tell me how I could extinguish (the fire of) that love; gur binne leam do chòmhradh na X:your conversation is sweeter to me than X; tha am bàrd a-mach tric air X: the poet often mentions X; siud mar sheinneadh Cormac:that is how Cormac would sing;’s e (a’) dearmad a chiad ghaoil: neglecting his first love; gu dè dh’èirich dha: what happened to him; carson a rinn X coimeas eadar e fhèin is Y; why X made a comparison between himself and Y; leigidh mi soraidh leibh: I’ll say farewell to you.

Puing ghràmair na Litreach: Nan t-Easbaig air Latha Dòmhnaich: than the bishop on a Sunday. You may be unsure as to why Ross wrote Latha Dòmhnaich, rather than Didòmhnaich. In addition to its slightly more poetic quality, Latha Dòmhnaich is really just another term for Didòmhnaich. The prefix Di- which appears at the beginning of the days of the week in modern Gaelic, is very interesting, for it has cognates in many European languages, appearing either as a prefix or suffix or, sometimes, as a separate word. For example, Monday is Lundi in French, Lunedì in Italian, dydd Llun in Welsh and Diluain in Gaelic. Most importantly, perhaps, it is dies Lunae in Latin, the ancient language of the Church, which influenced much of this terminology in various tongues, including Gaelic. The Gaelic for Sunday, Didòmhnaich, derives from the Latin, dies Dominica (Day of the Lord) but, because Di- is understood to mean “day”, it can be replaced by the standard modern Gaelic word for “day” – latha (or ). Didòmhnaich remains the standard term for Sunday in the southern Gaidhealtachd, including communities which are predominantly Catholic in the Western Isles. But another term has become standard in northern areas where Presbyterianism is the dominant religious persuasion – Latha na Sàbaid (the Sabbath Day).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean