FaclairDictionary EnglishGàidhlig

923: Coire Bhreacain (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Coire Bhreacain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Choire Bhreacain, an cuairt-shruth ainmeil eadar Sgarba agus Diùra. Tha e faisg air Cnoc an t-Sabhail, an t-àite ann an Diùra far an do sgrìobh George Orwell an nobhail aige 1984. Ach cha mhòr nach deach Orwell a bhàthadh ann an Coire Bhreacain mus robh 1984 deiseil aige. Seo mar a thachair e.

B’ e a’ bhliadhna 1947. Bha càirdean aig Orwell air a dhol a dh’fhuireach còmhla ris as t-samhradh. Agus latha a bha seo, thug Orwell cuireadh dhaibh falbh còmhla ris ann am bàta. Bha a phiuthar agus a cuid cloinne ann, a’ gabhail a-steach an fhir as òige, Ricky, nach robh ach trì bliadhna a dh’aois. B’ e ainm ceart Orwell ‘Eric Blair’ agus bha a’ chlann gu math measail air ‘Uncail Eric’.

Tha e coltach gu robh Orwell eòlach air bàtaichean. Ach ʼs dòcha nach robh e toinisgeil gu leòr. Dh’fhàg e an taigh gun fios a bhith aige mun tìde-mhara agus cuin a bhiodh an sruth-mara cunnartach. Agus cha robh seacaidean-sàbhalaidh air duine aca. Nuair a ràinig iad an caolas, bha suaile mhòr ann agus bha am bàta a’ tulgadh gu dona. Chunnaic iad Coire Bhreacain. Bha an t-uisge a’ dol mun cuairt mar an donas.

A bharrachd air Coire Bhreacain fhèin, tha cuairt-shruthan eile timcheall a’ chaolais. Agus tha iad fhèin làidir. Ged a bha einnsean outboard air a’ bhàta, cha robh e neartmhor gu leòr, agus ghabh cuairt-shruth grèim orra. Chaidh am bàta mun cuairt mar aodach ann an inneal-nighe agus ghabh a h-uile duine air bòrd eagal am beatha.

Bha am bàta air a thilgeil suas is sìos le neart. Bha na tuinn mu dheich troighean a dh’àirde. Gu h-obann, leum an t-einnsean far deireadh a’ bhàta. Agus sìos leis don aigeann. Bha iad a-nise gun einnsean agus ann an cunnart am beatha. ‘Dh’fhalbh an t-einnsean,’ thuirt Uncail Eric ri càch gu socrach. ‘Feumaidh sinn na ràimh a thoirt a-mach. Chan urrainn dhomh mòran a dhèanamh, tha eagal orm.’ Feumaidh gun robh e a’ ciallachadh nach robh e làidir gu leòr airson am bàta iomradh. Mar sin, ʼs e Eanraig, mac a pheathar, a thog na ràimh.

Fhuair iad faisg air eilean beag creagach agus leum Eanraig a-mach le ròp-toisich a’ bhàta na làimh. Fhad ʼs a bha e a’ dèanamh air talamh tioram, thug am bàta car. Bha a h-uile duine eile a-nise fo shlige a bhàta, a bha bun-os-cionn. Ach fear an dèidh a chèile, nochd a h-uile duine air uachdar. Cha robh aca ach am bàta, aon ràmh agus slat-iasgaich.

Gu fortanach an dèidh uair a thìde gu leth, chunnaic bàt’-iasgaich iad. Bha iad ag iasgach ghiomach. Chaidh iad faisg air an eilean, agus thilg an criutha ròp gu tìr. ʼS ann air an ròp a fhuair Orwell agus a chàirdean don bhàt’-iasgaich. Thug Orwell Ricky air a dhruim.

Tha beachd ann gun do ghiorraich an gnothach beatha Orwell. Goirid an dèidh na tubaist ann an Coire Bhreacain, ghabh e a’ chaitheamh agus b’ fheudar dha dhol don ospadal. Thill e a Dhiùra agus chuir e crìoch air 1984 anns an Iuchar 1948. Tha saoghal an litreachais taingeil nach d’ fhuair Orwell bàs ann an Coire Bhreacain a’ bhliadhna roimhe.

Faclan na Litreach: Coire Bhreacain: Corryvreckan; Sgarba: Scarba; Diùra:Jura; Cnoc an t-Sabhail: Barnhill; cuireadh:invitation; toinisgeil: sensible; seacaidean-sàbhalaidh:lifejackets; ràimh: oars; slat-iasgaich: a fishing rod.

Abairtean na Litreach: air a dhol a dh’fhuireach còmhla ris as t-samhradh: had gone to stay with him in the summer; a phiuthar agus a cuid cloinne: his sister and her children; nach robh ach trì bliadhna a dh’aois: who was only three years of age; bha suaile mhòr ann agus bha am bàta a’ tulgadh gu dona: there was a big swell and the boat was pitching badly; a’ dol mun cuairt mar an donas: going around like the devil; cha robh e neartmhor gu leòr, agus ghabh cuairt-shruth grèim orra: it wasn’t strong enough, and a whirlpool took hold of them; bha na tuinn mu dheich troighean a dh’àirde: the waves were about ten feet high; leum an t-einnsean far deireadh a’ bhàta: the engine leaped off the stern of the boat; thuirt X ri càch gu socrach: X gently said to the others; nach robh e làidir gu leòr airson am bàta iomradh: that he wasn’t strong enough to row the boat; ʼs e Eanraig, mac a pheathar, a thog na ràimh: it’s Henry, his sister’s son, who picked up the oars; le ròp-toisich a’ bhàta na làimh:with the boat’s painter (bow rope) in his hand; thug am bàta car:the boat turned over; fo shlige a bhàta, a bha bun-os-cionn: under the hull of the boat which was upside-down; fear an dèidh a chèile: one after the other; bha iad ag iasgach ghiomach:they were fishing (for) lobsters; thilg an criutha ròp gu tìr: the crew threw a rope to land; gun do ghiorraich an gnothach beatha X: that the affair shortened X’s life; ghabh e a’ chaitheamh: he contracted tuberculosis.

Puing-chànain na Litreach: cha mhòr nach deach Orwell a bhàthadh : Orwell was almost drowned . This is a good structure to remember for expressing ‘almost’. Cha mhòr nach do rinn X Y ‘X almost did/made Y’; cha mhòr nach eil an dealbh deiseil ‘the picture/painting is almost ready; cha mhòr nach do rinn mi mearachd uabhasach ‘I almost made a terrible mistake’. Note the comparable cha mhòr gun which translates as ‘hardly’. Cha mhòr gun robh diofar eatarra ‘there was hardly a difference between them; cha mhòr gun robh saighdear air fhàgail ‘there was hardly a soldier left’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ gabhail a-steach an fhir as òige: including the youngest one (male).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 619

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean