952: Murt Mhic an Tòisich Tìr Ìngnidh
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Murt Mhic an Tòisich Tìr Ìngnidh
Faisg air Blàr Athall, tha cnoc beag ann air a bheil Tom na Croiche. Bu mhath leam stòiridh innse dhuibh mun fhear mu dheireadh a chaidh a chrochadh air. Bhuineadh e do dh’Ach’ a’ Ghobhail ann an Gleann Teilt, tuath air a’ Bhlàr. Chanadh daoine Fear Ach’ a’ Ghobhail ris oir bha e na uachdaran an sin.
Mus inns mi an stòiridh, feumaidh mi rudeigin a ràdh mu bhaile beag eile faisg air Blàr Athall. ʼS e sin Tìr Ìngnidh. Tha abairt ann: Cha bhi Tòiseach air Tìr Ìngnidh, ʼs cha bhi Tìr Ìngnidh gun Tòiseach. Tha i ri spòrs leis an fhacal Tòiseach, a tha a’ ciallachadh na dà chuid ‘ceannard’ agus cuideigin à Clann ʼic an Tòisich. Tha an abairt a’ ciallachadh ‘ Tirinie will never have a master and will never be without a MacIntosh .’ Cha bhi Tòiseach air Tìr Ìngnidh, ʼs cha bhi Tìr Ìngnidh gun Tòiseach.
Co-dhiù, bha Fear Ach’ a’ Ghobhail anns a’ phrìosan. Fhad ʼs a bha e ann, thuirt àrd-fhorsair Iarl’ Athall, Mac an Tòisich Tìr Ìngnidh, gum faigheadh na fèidh anail a-nis. Nuair a chuala e sin, bha an caothach air Fear Ach’ a’ Ghobhail. Bha e cho dìoghaltach ʼs nach dèanadh nì an gnothach ach beatha ʼic an Tòisich fhèin.
Nuair a bha e a-mach às a’ phrìosan, chaidh Fear Ach’ a’ Ghobhail agus a shearbhant a shealg nam fiadh – mar a bu dual dha. Chaidh iad gu bothan monaidh agus cò bh’ ann romhpa ach Mac an Tòisich agus fhear-taice. Thug Fear Ach’ a’ Ghobhail a shearbhant gu aon taobh agus thuirt e ris gun robh e a’ dol a mhurt an àrd-fhorsair agus gum muirteadh a shearbhant am fear-taice aige.
Ann am meadhan na h-oidhche, dh’èirich Fear Ach’ a’ Ghobhail gu sàmhach. Shàth e a bhiodag ann am Mac an Tòisich, ag ràdh, ‘Coma leat a Mhic an Tòisich, phioc creathail thu.’ An dèidh a’ mhuirt, theich Fear Ach’ a’ Ghobhail don cheann a tuath far an robh e a’ cumail sgoil.
Bha fear às Athall anns a’ phrìosan. ʼS e fear cruaidh a bh’ ann. Bha daoine eòlach air mar Rag Mhèirleach nan Cearc. Tuigidh sibh carson a bha e sa phrìosan! Co-dhiù, thuirt esan – nan leigeadh iad às e, gun gleidheadh e Fear Ach’ a’ Ghobhail.
Leig iad às e agus chaidh e fhèin is seasgad duine eile chun a’ chinn a tuath. Chuala Rag Mhèirleach nan Cearc gun robh banais gu bhith ann agus gum biodh Fear Ach a’ Ghobhail an làthair. Chaidh an Rag Mhèirleach ann e fhèin, ann an riochd dìol-dèirce.
Fhuair e dram agus dh’òl e deoch-slàinte Fear Ach a’ Ghobhail. Bha fios aig Fear Ach a’ Ghobhail dè bha sin a’ ciallachadh agus dh’fheuch e ri teicheadh, ach fhuair na h-Athallaich grèim air.
Nuair a bha iad faisg air Dail na Ceàrdaich, thàinig greigh fhiadh seachad. Thuirt Fear Ach a’ Ghobhail ri càch, ‘Nam fuasgladh sibh mo làmhan, thilginn fiadh dhiubh.’
Thuirt Rag Mhèirleach nan Cearc riutha, ‘Na fuasglaibh a làmhan oir ʼs e mise am fiadh.’
‘Mo làmh dhut,’ thuirt Fear Ach a’ Ghobhail, ‘nam faighinn gunna bu tusa am fiadh!’
Thugadh Fear Ach a’ Ghobhail a Bhlàr Athall far an deach a chrochadh air Tom na Croiche, am fear mu dheireadh a chaill a bheatha anns an dòigh sin.
Faclan na Litreach: : Blàr Athall: Blair Atholl; Tom na Croiche:gibbet hillock; Tìr Ìngnidh: Tirinie; caothach:extreme anger; a shearbhant: his servant; bothan monaidh:mountain bothy; Rag Mhèirleach nan Cearc:the tough [recalcitrant] thief of the hens; banais:wedding; Dail na Ceàrdaich: Dalnacardoch; greigh fhiadh; herd of deer.
Abairtean na Litreach: Bhuineadh e do dh’Ach’ a’ Ghobhail ann an Gleann Teilt, tuath air a’ Bhlàr: he belonged to Auchgobhal in Glen Tilt, north of Blair [Atholl]; ri spòrs leis an fhacal: playing with the word; fhad ʼs a bha e ann, thuirt àrd-fhorsair Iarl’ Athall gum faigheadh na fèidh anail a-nis: while he was there, the Earl of Atholl’s chief forester said that the deer would get a rest now; cho dìoghaltach ʼs nach dèanadh nì an gnothach ach beatha ʼic an Tòisich fhèin: so vengeful that nothing would suffice except the llife of MacIntosh himself; a shealg nam fiadh – mar a bu dual dha: hunting the deer – as was his wont; cò bh’ ann romhpa ach Mac an Tòisich agus fhear-taice: who was there ahead of them but MacIntosh and his assistant; dh’èirich X gu sàmhach: X arose quietly; shàth e a bhiodag ann an:he thrust his dirk in; far an robh e a’ cumail sgoil: where he was running a school; nan leigeadh iad às e, gun gleidheadh e X: if they released him, that he would capture X; chaidh e fhèin is seasgad duine eile chun a’ chinn a tuath: he and sixty other men went to the north; ann an riochd dìol-dèirce: in the guise of a beggar; dh’òl e deoch-slàinte X:he drank the health of X; fhuair na h-Athallaich grèim air: the Atholl men got hold of him; nam fuasgladh sibh mo làmhan, thilginn fiadh dhiubh: if you untied my hands, I’d shoot one [deer] of them; nam faighinn gunna bu tusa am fiadh: if I got a gun, you’d be the deer.
Puing-chànain na Litreach: Coma leat a Mhic an Tòisich, phioc creathail thu: never mind, MacIntosh, a cleg bit you. I would normally use creithleag for a cleg but I followed the Atholl Gaelic used in the original story (collected by Lady Evelyn Stewart Murray and published in ‘Tales from Highland Perthshire’). Other variations on the theme are creithleagach, cleithir, creithire, creathall, greimeadair, greimire, greighire and cloitheag . If you live in a Gaelic speaking area, find out the local word for cleg and use that.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Mo làmh dhut : upon my honour [lit. ‘my hand to you’].
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 648
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn