FaclairDictionary EnglishGàidhlig

973: Na Ceiltich (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (4)

Gaelic Gàidhlig

Anns an treas linn an dèidh Chrìosda, bha crìonadh mòr eacanomaigeach anns a’ Ghaill. Ann an Armorica, anns an fhìor iar-thuath dhen mhòr-thìr, chrìonaich an sluagh an cois a’ chrìonaidh eacanomaigich. An ceann greis, ghluais feadhainn ùra a-steach, a’ gabhail a’ chothruim air an fhearann a bha saor. ʼS ann à Breatainn a bha iad. Agus ʼs e sin as coireach gun can sinn A’ Bhreatainn Bheag ris an dùthaich sin an-diugh. Tha fios agaibh fhèin far a bheil A’ Bhreatainn Mhòr!

Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun robh an seann chànan Ceilteach fhathast beò ann an Armorica nuair a thàinig na daoine ùra a-steach. ʼS e Ceiltich a bh’ anntasan cuideachd. Às an dà chànan, a bha dlùth ri chèile, dh’èirich a’ Bhreatannais, a th’ air a bruidhinn le feadhainn fhathast anns a’ Bhreatainn Bhig.

Chan eil e uile-gu-lèir soilleir carson a ghluais daoine à Breatainn gu ruige Armorica. Sgrìobh fear Cuimreach anns an dàrna linn deug gun tug ceannard Breatannach, Conan Meriadec, sluagh leis aig deireadh a’ cheathramh linn. Agus gun robh e a’ leantainn stiùireadh ceannard nan Ròmanach ann am Breatainn – Magnus Maximus.

Tha dùil an uair sin gun do ghluais barrachd Bhreatannach gu ruige a’ Bhreatainn Bheag anns a’ chòigeamh agus siathamh linn. Timcheall na bliadhna ochd ceud (800) b’ e Seann Bhreatannais cànan nan daoine eadar Brest is Rennes, ach a-mhàin gun robh sgìre faisg air Kemper far an robh Seann Fhraingis aca.

An dèidh dhaibh an neo-eisimeileachd a ghleidheadh an aghaidh nam Frangach agus nan Lochlannach, thug Rìgh na Breatainne Bige ùmhlachd do Rìgh na Frainge anns an deicheamh linn. Bha a’ Bhreatainn Bheag a-nise na diùcachd, seach na rìoghachd. Thugadh an diùcachd a-steach don Fhraing gu h-oifigeil anns an t-siathamh linn deug.

Tro thìde chaill a’ Bhreatainn Bheag a h-eaglais neo-eisimeileach agus a pàrlamaid. Thàinig i fo bhuaidh chultarail na Frainge agus an dèidh Ar-a-mach na Frainge, dh’fhuiling a cànan claon-bhàidh. Ach tha fèin-aithne làidir aig muinntir na Breatainne Bige chun an latha an-diugh.

Chan e eilthireachd aon-rathaideach a bh’ ann eadar Breatainn agus a’ mhòr-thìr, ge-tà. Tha aithrisean ann mu Ghaill – an dà chuid à Gallia Celtica agus Gallia Belgica – a chaidh a dh’fhuireach ann am Breatainn ri linn nan Ròmanach. Ach chan eil sgoilearan dhen bheachd gun robh gluasad mòr ann de shluagh eadar mòr-thìr na h-Eòrpa agus Breatainn. Agus, aig an ìre seo, chan eil sinn cinnteach cuin a thàinig na cànanan Ceilteach a Bhreatainn no ciamar.

Ann an ceann a deas Bhreatainn, far a bheil Sasainn an-diugh, thug na Ròmanaich buaidh mhòr air an t-sluagh. Thàinig riaghladh na Ròimhe gu crìch anns a’ bhliadhna ceithir cheud ʼs a deich (410). Goirid an dèidh sin, thòisich treubhan Gearmailteach air a dhol a Bhreatainn. B’ iad an fheadhainn a bu chumhachdaiche dhiubh na h-Anglaich agus na Sagsannaich.

Anns a’ bhliadhna sia ceud, bha dìreach ceithir sgìrean ann am Breatainn far an robh cultar is cànan nam Breatannach làidir. B’ iad sin Srath Chluaidh, Rheged, far a bheil Cumbria an-diugh, A’ Chuimrigh agus A’ Chòrn. Ceud bliadhna an dèidh sin, bha Rheged air a dhol a-steach a Shasainn. Bheir sinn sùil air na Breatannaich agus an sliochd an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Ceiltich: Celts; Breatannais: Breton (language); a’ leantainn: following; Kemper: Quimper; diùcachd: duchy; fèin-aithne: identity.

Abairtean na Litreach: an treas linn an dèidh Chrìosda: the third century BC; bha crìonadh mòr eacanomaigeach anns a’ Ghaill: there was a large economic downturn in Gaul; a’ gabhail a’ chothruim air an fhearann a bha saor: taking advantage of the land that was free; ʼs e Ceiltich a bh’ anntasan cuideachd: they were Celts also; a bha dlùth ri chèile: which were close to each other; chan eil e uile-gu-lèir soilleir:itʼs not entirely clear; anns an dàrna linn deug: in the twelfth century; gun tug ceannard Breatannach sluagh leis aig deireadh a’ cheathramh linn: that a British chief took people with him at the end of the fourteenth century; an dèidh dhaibh an neo-eisimeileachd a ghleidheadh an aghaidh nam Frangach agus nan Lochlannach: after they had retained their independence against the French and the Vikings; thug Rìgh na Breatainne Bige ùmhlachd do Rìgh na Frainge: the King of Brittany accepted the overlordship of the King of France; thàinig i fo bhuaidh chultarail na Frainge: it came under the cultural influence of France; an dèidh Ar-a-mach na Frainge, dh’fhuiling a cànan claon-bhàidh: after the French Revolution, the language suffered prejudice; chan e eilthireachd aon-rathaideach a bh’ ann eadar Breatainn agus a’ mhòr-thìr: itʼs one-way migration that took place between Britain and the continent; ri linn nan Ròmanach: at the time of the Romans; thàinig riaghladh na Ròimhe gu crìch: the rule of Rome came to an end; b’ iad sin Srath Chluaidh, Rheged, A’ Chuimrigh agus A’ Chòrn: those were Rheged, Wales and Cornwall.

Puing-chànain na Litreach: a th’ air a bruidhinn le feadhainn fhathast anns a’ Bhreatainn Bhig: that is still spoken by some people in Brittany. Because we use the article with the Gaelic for Brittany ie A’ Bhreatainn Bheag , and because the noun is feminine, we slenderise the adjective in the dative singular case. Similarly in the genitive singular we say [muinntir] na Breatainne Bige . With reference to Great Britain, the model has changed over time and we no longer employ the article. We say ann am Breatainn in the dative and [muinntir] Bhreatainn in the genitive, with lenition being the genitive marker, rather as it is with Sasainn (ann an Sasainn, muinntir Shasainn).

Gnathas-cainnt na Litreach: chrìonaich an sluagh an cois a’ chrìonaidh eacanomaigich: the population declined along with the economic decline.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 669

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean