FaclairDictionary EnglishGàidhlig

978: Na Ceiltich (9)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (9)

Gaelic Gàidhlig

Tha an sreath phrògraman agam air na Ceiltich a’ teannadh ris an deireadh. An t-seachdain seo tha mi airson sùil a thoirt air Eilean Mhanainn. Saoilidh mi – ma tha duine ag iarraidh saoghal nan Gàidheal a thuigsinn gu cruinneil – gum bu chòir dha dhol a cheithir àiteachan – Alba, Èirinn, Alba Nuadh ... agus Eilean Mhanainn.

Tha sgeulachd ann gun robh Fionn Mac Cumhail a’ reubadh na talmhainn ann an Èirinn. Feumaidh gun robh e ann an droch shunnd! Chladhaich e toll agus sin far a bheil Loch Neagh an-diugh. Agus an cnap talmhainn a thilg e don mhuir - uill ʼs e sin Eilean Mhanainn.

Chan eil Eilean Mhanainn mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha pàrlamaid aca fhèin, agus cha bhi iad a’ cur riochdairean gu Taigh nan Cumantan ann an Lunnainn. Tha iad, ge-tà, co-cheangailte ri crùn Bhreatainn, agus ʼs i Banrigh na Rìoghachd Aonaichte a’ bhanrigh acasan.

Thathar a’ smaoineachadh gun robh Gàidhlig air a bruidhinn ann an Eilean Mhanainn cho tràth ris a’ chòigeamh linn an dèidh Chrìosd. Ach bha na Sasannaich agus na Lochlannaich a’ gabhail gnothach ris an eilean cuideachd. Ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a sia (1266), ghabh Alba grèim air fo Chùmhnant Pheairt. Thug an cùmhnant sin na tìrean Lochlannach (ach Arcaibh is Sealtainn) do dh’Alba. Aig deireadh a’ cheathramh linn deug, thàinig Eilean Mhanainn fo smachd nan rìghrean Sasannach. Agus dh’fhàs na ceanglaichean eadar na Manainnich agus na Gàidheil ann an Alba is Èirinn na bu laige.

Nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gaelg – a’ Ghàidhlig Mhanainneach – ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1767), an aon bhliadhna anns an do nochd an Tiomnadh Nuadh nar cànan fhèin. Thàinig am Bìoball slàn a-mach ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a còig (1775), ge-tà, ginealach mus do nochd am Bìoball Gàidhlig slàn ann an Alba.

Ach bha an siostam sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich gu math eadar-dhealaichte bho na bh’ aig na h-Albannaich ʼs na h-Èireannaich. Cha do ghabh luchd eadar-theangachaidh a’ Bhìobaill for air na siostaman anns na dùthchannan Gàidhealach eile. Mar sin, tha e nas fhasa do Ghàidheal Albannach an cànan Manainneach a thuigsinn nuair a tha i air a labhairt, seach mar a nochdas i ann an riochd sgrìobhte. Mar eisimpleir, tha iad a’ sgrìobhadh ‘is thu fhèin?’ mar AS OO HENE. Air an làimh eile, ʼs dòcha gu bheil an siostam aca nas fhasa do luchd na Beurla.

Gu tric bidh am fuaim ‘t’ anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich a’ gabhail àite an fhuaim ‘g’ ann an Gàidhlig – mar eisimpleir, fastyr mie airsonfeasgar math agus thie tashtee airson taigh-tasgaidh.

Nuair a bha mi ann an Doolish, prìomh bhaile Eilean Mhanainn, o chionn bhliadhnaichean chaidh mo thoirt timcheall taigh na pàrlamaid. ʼS e House of Keys a chanas iad ann am Beurla ris an taigh ìosal. Chaidh innse dhomh nach eil an t-ainm co-cheangailte idir ri iuchraichean. Tha e a’ tighinn bho Yn Kiare as Feed – a’ ciallachadh ‘An Ceithir air Fhichead’ – oir ʼs e sin àireamh nam ball anns an taigh sin.

Tha a’ Ghàidhlig Mhanainneach beò fhathast agus air a teagasg ann an cuid de sgoiltean agus bu chòir dhuinne mar Ghàidheil Albannach a bhith a’ cuimhneachadh gu bheil dà chànan piutharail againn – Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn. Slàn leibh – no slane lhiu – an-dràsta.

Faclan na Litreach: Lochlannaich: Vikings; Cùmhnant Pheairt: The Treaty of Perth; ginealach: a generation; siostam sgrìobhaidh: writing system (orthography); Doolish: Douglas; iuchraichean: keys.

Abairtean na Litreach: an sreath phrògraman agam air na Ceiltich: the series of programmes on the Celts; saoilidh mi – ma tha duine ag iarraidh saoghal nan Gàidheal a thuigsinn gu cruinneil: I reckon – if a person wants to understand the world of the Gaels globally; a’ reubadh na talmhainn: ripping up the ground; ann an droch shunnd: in a bad mood; chladhaich e toll agus sin far a bheil X an-diugh: he dug a hole and thatʼs where X is today; cha bhi iad a’ cur riochdairean gu Taigh nan Cumantan: they don’t send representatives to the House of Commons; co-cheangailte ri crùn Bhreatainn: connected to the British crown; cho tràth ris a’ chòigeamh linn: as early as the fifth century; thug an cùmhnant sin na tìrean Lochlannach (ach Arcaibh is Sealtainn) do dh’Alba: that treaty gave the Scandinavian lands (except Orkney and Shetland) to Scotland ; na bu laige: weaker; nochd an Tiomnadh Nuadh:the New Testament appeared; thàinig am Bìoball slàn a-mach: the full Bible came out; cha do ghabh luchd eadar-theangachaidh a’ Bhìobaill for air na siostaman anns na dùthchannan Gàidhealach eile: the translators of the Bible took no heed of the systems in the other Gaelic countries; nas fhasa do Ghàidheal Albannach an cànan Manainneach a thuigsinn nuair a tha i air a labhairt, seach mar a nochdas i ann an riochd sgrìobhte: easier for a Scottish Gael to understand when it is spoken, rather than as it appears in its written form; chaidh mo thoirt timcheall taigh na pàrlamaid: I was taken around the house of parliament; bu chòir dhuinne mar Ghàidheil Albannach a bhith a’ cuimhneachadh gu bheil dà chànan piutharail againn:we as Scottish Gaels should remember we have two sister languages.

Puing-chànain na Litreach: Eilean Mhanainn: the Manx version of the name is Ellan Vannin – the mutated consonant sounds shown in Gaelic and Irish with an ‘h’ as an indicator of lenition are in Manx Gaelic shown as distinct letters, based on English orthography. As I say in the text, if a Gael wants to understand the totality of the Gaelic world experience and the languageʼ heritage, he or she should visit four places during their lifetime – Scotland, Ireland, Nova Scotia and the Isle of Man. Put it on your list!

Gnathas-cainnt na Litreach: a’ teannadh ris an deireadh: approaching the end.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean