FaclairDictionary EnglishGàidhlig

991: Pàdraig na Beinne (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Pàdraig na Beinne (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an sgeulachd Pàdraig na Beinne. Bha Pàdraig air bò a thoirt don mhargaidh ach thill e dhachaigh gun sgàth na phòcaid. Bha geall luach ceud not aige le caraid nach fhaigheadh e trod sam bith bho a bhean. Dh’fhan a charaid taobh a-muigh taigh Phàdraig, a’ cumail cluas ri claisneachd. ‘Tha mi air tilleadh, a bhean,’ thuirt Pàdraig.

‘Tha mi toilichte d’ fhaicinn,’ thuirt a bhean. ‘Ciamar a chaidh dhut anns a’ bhaile mhòr?’

‘Cha deach ro mhath,’ dh’aidich an duine aice. ‘Cha robh duine deònach a’ bhò a cheannach. Cha do rinn mi ach a toirt seachad air each.’

‘Air each?’ ars ise. ‘Nach tu fhèin an duine glic, a Phàdraig. Cha leig sinn a leas a bhith a’ coiseachd don eaglais tuilleadh.’

‘Ach chan eil an t-each againn,’ thuirt Pàdraig. ‘Thug mi seachad e agus fhuair mi muc na àite.’

‘O, rinn thu dìreach mar a dhèanainn fhìn,’ thuirt a bhean. ‘Faodaidh mis’ a-nise muicfheòil a chur air beulaibh dhaoine nuair a thig iad air chèilidh oirnn.’

‘Ge-tà,’ thuirt Pàdraig, ‘chan eil a’ mhuc agam a-nise. Fhuair mi gobhar na h-àite.’

‘Beannaich mise!’ ghlaodh a’ bhean aige. ‘Tha gobhar nas fheàrr na muc. Gheibh sinn bainne is càise a-nise.’

‘Stad ort,’ thuirt Pàdraig. ‘Chan eil a’ ghobhar agam idir. Thug mi seachad i agus fhuair mi caora na h-àite.’

‘Och, a Phàdraig,’ thuirt a bhean, ‘bha thu dìreach airson mo thoileachadh. Cha bhiomaid ach a’ dìreadh na beinne gach latha airson a’ ghobhar a thoirt dhachaigh air ròpa. ʼS i a’ chaora fhèin as fheàrr oir bheir i dhuinn clòimh is bainne.’

‘ ʼS e sin nam biodh i againn,’ fhreagair an duine aice. ‘Thug mi seachad i agus thug mi leam gèadh na h-àite.’

‘Nach tu a bha glic,’ thuirt a bhean. ‘Chan eil feòil nas blasta na feòil geòidh air a ròstadh.’

‘Socair ort, a-nise,’ arsa Pàdraig. ‘Dh’fhalbh an gèadh agus chan eil e agam a-nis. Thachair duine còir rium aig an robh coileach, agus thug mi dha an gèadh air.’

‘O, is math sin,’ thuirt a bhean. ‘Sin dìreach an rud a bha mi fhìn air a dhèanamh. Cha leig sinn a leas a ràdh tuilleadh nach eil cloc againn. Cha bhi latha ann nach dùisg an coileach sinn tràth sa mhadainn, agus cha bhi sinn fadalach airson nì sam bith.’

‘Ach nach mis’ a tha luideach,’ arsa Pàdraig. ‘Bheil fios agad dè rinn mi? Reic mi an coileach air tastan oir bha an t-acras orm.’

‘Agus nach mise, a ghràidh, a tha taingeil gun do rinn thu sin,’ thuirt a bhean. ‘Chan eil dad a tha thu a’ dèanamh ach mar a dhèanainn fhìn e. Dè feum a th’ ann an coileach no cloc an seo? Faodaidh sinn a-nise fuireach anns an leabaidh cho fada ʼs a thogras sinn. Is mise, gu dearbh fhèin, a tha taingeil gu bheil thu air tilleadh dhachaigh slàn, sàbhailte agus gun do rinn thu a h-uile rud gu dòigheil.’

An sin, thionndaidh Pàdraig chun an dorais mhòir agus dh’fhosgail e e. Dh’èigh e ris an fhear a bha a-muigh, ‘Dè do bheachd a-nise? An do bhuannaich mi an geall?’

B’ fheudar do a charaid aideachadh gun do rinn e sin gun teagamh, agus phàigh e an geall dha.

Faclan na Litreach: dh’aidich: admitted; muicfheòil: pork; beannaich mise:bless me; gobhar: goat; càise: cheese; stad ort:stop there; gèadh: goose; socair ort: take it easy.

Abairtean na Litreach: Bha Pàdraig air bò a thoirt don mhargaidh ach thill e dhachaigh gun sgàth na phòcaid: Peter had taken a cow to market but he returned without anything to show for it; bha geall luach ceud not aige: he had a hundred-pound bet; nach fhaigheadh e trod sam bith bho a bhean: that he wouldn’t be scolded by his wife; a’ cumail cluas ri claisneachd: eavesdropping; ciamar a chaidh dhut?: how did you get on?; cha deach ro mhath: not too well; nach tu fhèin an duine glic: aren’t you a wise man; thug mi seachad e agus fhuair mi muc na àite: I gave it away and I got it a pig in its place; rinn thu dìreach mar a dhèanainn fhìn: you did just as I would do; cha bhiomaid ach a’ dìreadh na beinne gach latha: I would only climb the mountain every day; airson a’ ghobhar a thoirt dhachaigh air ròpa: to bring the goat home on a rope; bheir i dhuinn clòimh is bainne: she will give us wool and milk; nas blasta na feòil geòidh air a ròstadh:tastier than roasted goose meat; thug mi dha an gèadh air : I gave him the goose in exchange for it; cha bhi latha ann nach dùisg an coileach sinn tràth sa mhadainn: there will be no day when the cockerel doesn’t waken us early in the morning; nach mis’ a tha luideach: amn’t I stupid; reic mi an coileach air tastan oir bha an t-acras orm: I sold the cockerel for a shilling because I was hungry; dè feum a th’ ann an coileach no cloc?: what use is a cockerel or clock?; fuireach anns an leabaidh cho fada ʼs a thogras sinn:stay in bed for as long as we want; phàigh e an geall dha: he paid him the wager.

Puing-chànain na Litreach: Cha leig sinn a leas a bhith a’ coiseachd don eaglais tuilleadh: we don’t need to walk to the church any more. This is a really good expression and you should try to use it in your everyday speech. An tig mi còmhla riut ‘will I come with you?’ Cha leig thu (a) leas ‘you don’t need to’. Note that dialectally it is also cha ruig thu (a) leas.

Gnathas-cainnt na Litreach: Cha do rinn mi ach a toirt seachad air each: I just swapped it for a horse.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 687

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean