FaclairDictionary EnglishGàidhlig

997: Clach an Eig

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Clach an Eig

Gaelic Gàidhlig

Am broinn seann eaglais an Eig ann an taobh sear Rois tha clach mhòr iongantach. Tha i snaighte le ìomhaighean brèagha oirre. Canaidh daoine Clach an Eig rithe. Tha i mìle is dà cheud bliadhna a dh’aois agus chaidh a dèanamh leis na Cruithnich.

Gu mì-fhortanach, chan eil a’ chlach slàn an-diugh. Thathar a’ smaoineachadh gun deach cron a dhèanamh oirre a dh’aona-ghnothach aig àm an Ath-leasachaidh. Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a seachd (1797), sgrìobh ministear na paraiste, an t-Urr. Alasdair MacAdhaimh, gun robh a’ chlach air a bhith a’ seasamh an àirde anns a’ chladh chun na bliadhna seachd ceud deug, fichead ʼs a còig (1725) nuair a chaidh a leagail ann an stoirm.

Anns an ochdamh linn deug, chaidh obair-càraidh a dhèanamh oirre, a’ cleachdadh phìosan meatailt. Bha pìos a bha briste dheth air a shadail don allt a tha a’ ruith ri taobh na h-eaglaise. Chaidh a lorg an sin o chionn fichead bliadhna. Chaidh a’ chlach a chur ri chèile gu proifeiseanta – cho math ʼs a b’ urrainn – agus tha i a-nise air a taisbeanadh am broinn na h-eaglaise.

Thathar dhen bheachd gun robh i bho thùs aig geata na h-eaglaise. ʼS e an ìomhaigh as motha oirre crois Chrìosdail. ʼS e sin as coireach gun tuirt mi an t-seachdain sa chaidh gum faod sinn a bhith an ìre mhath cinnteach gun robh adhradh Crìosdail a’ gabhail àite air an làraich sin bho chionn mìle is dà cheud bliadhna. ʼS dòcha nach e a-mhàin a’ chrois a tha ag innse sin dhuinn. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gu bheil sgeulachd Rìgh Dhaibhidh às a’ Bhìoball air a riochdachadh anns na dealbhan snaighte air a’ chloich cuideachd.

Chan eil fios le cinnt dè an coltas a bh’ air an eaglais an uair sin. Chanainn gun robh i beag, agus mullach tughaidh oirre. Chaidh ath-thogail a dhèanamh oirre ann an sia ceud deug, fichead ʼs a sia (1626). Chaidh clag a chur innte – agus tha i innte fhathast.

Tha Eaglais an Eig a’ riochdachadh cruth nan seann eaglaisean Albannach. Tha i air a cuairteachadh air trì taobhan le seann chladh. Tha seann leacan ann a tha cho sean ʼs nach gabh an leughadh a-nise. Tha na clachan-uaighe dìreach ann am Beurla ach a-mhàin aonan le bàrdachd Ghàidhlig oirre.

Tha a’ chùbaid aig ceann an ear an togalaich. Tha àite fòidhpe far am biodh fear-togail an fhuinn a’ cur a-mach na loidhne. Tha lobht ann far am biodh cuid nan suidhe, agus treastaichean airson a’ choitheanail air beulaibh na cùbaid.

Bha a’ Ghàidhlig gu math làidir ann an Ros an Ear fad ceudan bhliadhnaichean. Ged a tha an dùthaich còmhnard is torrach – agus mar sin gu math eadar-dhealaichte bho mhòran àiteachan eile air a’ Ghàidhealtachd – bha i gu cultarail mar phàirt dhen Ghàidhealtachd mhòir. Ann an Eaglais an Eig ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1739), thòisich ath-nuadhachadh spioradail fo bhuaidh shearmonaichean nach robh nam ministearan – buidheann ris an canadh iad Na Daoine. Às an Eig, sgaoil an teachdaireachd aca air feadh na Gàidhealtachd. B’ e am fear a b’ ainmeile dhiubh fear Dòmhnall Ruadh a chaochail aig aois ceud is còig bliadhna.

Faclan na Litreach: : Clach an Eig: The Nigg Stone; slàn: complete; an t-Urr. Alasdair MacAdhaimh: Rev. Alexander MacAdam; crois Chrìosdail: a Christian cross; mullach tughaidh: thatched roof; lobht: loft; treastaichean: pews; coitheanal: congregation; Dòmhnall Ruadh: Donald Roy.

Abairtean na Litreach: Am broinn seann eaglais an Eig: inside the Nigg old church; snaighte le ìomhaighean brèagha oirre: carved with beautiful images on it; chaidh a dèanamh leis na Cruithnich: it was made by the Picts; gun deach cron a dhèanamh oirre a dh’aona-ghnothach aig àm an Ath-leasachaidh: that it was damaged deliberately at the time of the Reformation; nuair a chaidh a leigeil ann an stoirm: when it was brought down in a storm; chaidh obair-càraidh a dhèanamh oirre: repair work was done on it; bha pìos a bha briste dheth a shadail don allt: a piece that was broken off was thrown into the burn; cho math ʼs a b’ urrainn: as well as could be; air a taisbeanadh:displayed; gun robh i bho thùs aig geata na h-eaglaise: that it was originally at the gate of the church; gun robh adhradh a’ gabhail àite air an làraich sin: that worship was taking place on that site; chaidh clag a chur innte: a bell was installed in it; tha a’ chùbaid aig ceann an ear an togalaich: the pulpit is at the east end of the church; tha àite fòidhpe far am biodh fear-togail an fhuinn a’ cur a-mach na loidhne: there is a place below it where the precentor would do the precenting; gu cultarail mar phàirt dhen Ghàidhealtachd mhòir: culturally part of the greater Gaidhealtachd; thòisich ath-nuadhachadh spioradail: a spiritual awakening began; sgaoil an teachdaireachd aca: their message spread.

Puing-chànain na Litreach: Chanainn gun robh i beag: I’d say it was small. Chanainn ‘I would say’ is a really good verbal form to master as a learner because it reflects your thinking, and it can sound as if you are thinking in Gaelic (which may or may not be true!) Try and throw in fhìn or fhèin ‘self’ as well. Chanainn gur e fear cunnartach a th’ ann an X ‘I’d say X is a dangerous man’; an robh an geamhradh ann an Alba fuar? ‘was the winter in Scotland cold’? – chanainn fhìn gun robh, ged nach canadh Ruiseanach sin ‘I myself would say so, although a Russian wouldn’t say so.

Gnathas-cainnt na Litreach: ʼS e sin as coireach gun tuirt mi: that’s the reason I said.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 693

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean