356: Crios-nèimhe
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Crios-nèimhe
Tha mi a’ dol a leughadh liosta de dh’fhaclan dhuibh. Tha mi airson ’s gun èist sibh riutha, agus gun obraich sibh a-mach dè th’ annta. Tha iad a’ dol còmhla ann an dòigh air choreigin: An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.
Bu chòir dhomh ràdh, ’s dòcha, gun tàinig an liosta à Eilean Bheàrnaraigh – Beàrnaraigh Mòr – far chosta siar Eilein Leòdhais. Buinidh cuid de na faclan don sgìre sin. Bhiodh iad eadar-dhealaichte ann an sgìrean eile, ’s dòcha. Seo iad a-rithist. An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.
’S e a th’ annta dà chomharra dheug na Crios-nèimhe. Dà chomharra dheug na Crios-nèimhe. The twelve signs of the zodiac. An Rùd no an rùda no reithe – Aries, the ram, An Tarbh – Taurus, the bull, Càraid – Gemini, the twins, A’ Chrùbag – Cancer, the crab, An Leòmhann – Leo, the lion, An Òigh – Virgo, the virgin, Am Meidh – Libra, the scales, An Nathair-nimhe – Scorpio, the scorpion, Am Boghadair – Sagittarius, the archer, An Gobhar – Capricorn, the goat, Fear-giùlain Bùirn – Aquarius, the water carrier agus Na h-Iasgan no na h-èisg – Pisces, the fishes.
Tha am fiosrachadh a’ tighinn bho leabhar a chaidh fhoillseachadh o chionn beagan mhìosan, air a bheil Muir is Tìr. ’S e a th’ ann cruinneachadh de bheul-aithris is fios mu àrainneachd na mara, na tìre is nan speuran. Chaidh a chur ri chèile le fear a bha na iasgair – Seòras Chaluim Sheòrais no Seòras MacLeòid nach maireann.
Bu mhath leam blasad a thoirt dhuibh de chuid dhen stuth a th’ anns an leabhar. Dè th’ ann an Co-shìntean Leud, mar eisimpleir? Uill, ’s e a th’ annta, a rèir an leabhair, “Criosan a tha air an tarraing co-shìnte ri crios-meadhain an t-saoghail. Tha na criosan seo a’ fàs nas lugha mar as fhaisge a tha iad a’ tighinn air cridhe na h-àird a Tuath ’s a Deas.” Parallels of latitude. Co-shìntean Leud. ’S e leud a’ Ghàidhlig aig Seòras Chaluim air “latitude”. Agus tha e a’ ciallachadh, “An t-astar a tha àite dìreach Tuath no Deas air crios-meadhain an t-saoghail”.
Agus seo mar a mhìnicheas Seòras “longitude”: Astair: Longitude: “An t-astar a tha àite an Iar no an Ear air crios na h-àird a Deas Greenwich”. Co-shìntean Astair – the meridians of longitude: “Criosan a tha air an tarraing co-shìnte ri crios meadhan-lathach Greenwich tro chridhe na h-àird a Tuath ’s a Deas.” Bidh cuid a’ cleachdadh “fad” airson longitude ach ’s e astair a bha Seoras Chaluim a’ cleachdadh. Agus tha e inntinneach gur e cridhe na h-àird a Tuath a bh’ aige airson North Pole. Bidh daoine ag ràdh Am Pòla mu Thuath san latha an-diugh.
Nise, seo beagan fiosrachaidh bhon leabhar. Leughaidh mi a’ chiad phàirt de sheantans. Cuiribh fhèin crìoch air. Tha sia mìle is ceithir fichead troigh a’ dèanamh _____. Dè? Tha sia mìle is ceithir fichead troigh a’ dèanamh mìle mara. Tha mìle mara co-ionann ri aon _______. Dè? Tha mìle mara co-ionann ri aon mhionaid leud. Aon mhionaid leud. Ciamar a chaidh dhuibh le sin? Am biodh sibh nur deagh mharaiche?
Faclan na Litreach: Beàrnaraigh Mòr: Great Bernera; comharra: sign, mark; Crios-nèimhe: Zodiac (a feminine word in this dialect); Seòras Chaluim Sheòrais: George, son of Calum, who was son of George.
Abairtean na Litreach: tha mi airson ’s gun èist sibh riutha: I want you to listen to them; ann an dòigh air choreigin: in some way or another; rùd/rùda:ram; tarbh: bull; càraid: twins, couple; crùbag: crab; leòmhann: lion; òigh: virgin; meidh:scales; nathair-nimhe: scorpion; boghadair: archer; gobhar: goat; fear-giùlain bùirn: water carrier; iasgan (more commonly èisg): fishes; cruinneachadh de bheul-aithris is fios: a collection of oral tradition and information; àrainneachd na mara, na tìre is nan speuran: the environment of the sea, the land and the heavens; bu mhath leam blasad a thoirt dhuibh:I would like to give you a small taste; criosan a tha air an tarraing co-shìnte ri crios-meadhain an t-saoghail:belts that are drawn parallel with the Equator; a’ fàs nas lugha mar as fhaisge a tha iad a’ tighinn air cridhe na h-àird a Tuath ’s a Deas: growing smaller the closer they get to the North and South poles; cuiribh fhèin crìoch air: finish it off yourself; sia mìle is ceithir fichead troigh: six thousand and eighty feet; tha mìle mara co-ionann ri aon mhionaid leud: a nautical mile is equal to one minute of latitude; ciamar a chaidh dhuibh le sin?: how did you get on with that?; am biodh sibh nur deagh mharaiche?: would you make [be] a good mariner?
Puing-chànain na Litreach: Co-shìntean : parallels (of latitude). This word derives from the verb co-shìn. Sìn, sìneadh means “stretch out, extend” (sìn do làmh a Mhàiri = give [me] your hand, Mary). Co-shìn means “stretch out together” ie “lie parallel”. The adjective (actually the past participle of the verb) is co-shìnte – which means “parallel”. Co-shìnteachan is the Gaelic for parallelogram – and it’s not a new-fangled word – you’ll find it in Dwelly.
Gnàthas-cainnt na Litreach: mar as fhaisge a tha iad a’ tighinn air :the closer they get to.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 52
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn