FaclairDictionary EnglishGàidhlig

640: Donnchadh MacRath agus Poit an Òir

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Donnchadh MacRath agus Poit an Òir

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhonnchadh MacRath à Eilean Iùbh ann an Ros an Iar. Bha e a-muigh cuide ris a’ Phrionnsa ann am Bliadhna Theàrlaich. Bha e gu math dìleas do Theàrlach Òg. Às dèidh Blàr Chùil Lodair, fhuair e òr bho Sheumasaich anns an Fhraing. Bha aige ris an t-òr a thoirt don Phrionnsa, a bha am falach bho na saighdearan dearga. Ach bha e cunnartach an t-òr a bhith aige oir bha an t-arm dearg a’ dol ann an sgaothan air feadh na Gàidhealtachd. Chuir Donnchadh a’ phoit anns an robh an t-òr am falach anns an Fheadan Mhòr faisg air Locha Druing.

Ach cha do chuir e a’ phoit fada fon talamh mar a bhiodh dùil. Cha leigeadh e a leas. Chuir e a-mach à sealladh i leis gu robh an seun aige. Le bhith ag ràdh briathran an t-seuna, rinn e a’ phoit do-fhaicsinneach. Chan fhaiceadh duine sam bith tuilleadh i.

Chan eil mi cinnteach dè cho glic ’s a bha Donnchadh ann a bhith a’ dèanamh sin oir, leis a’ phoit fo sheun, cha bhiodh duine ga lorg, co-dhiù bha e na Sheumasach no na Hanoibhèirianach. Ach, mar a bhios fios aig feadhainn agaibh, chan eil seun mar sin ag obair fad na h-ùine. A h-uile seachd bliadhna, air aon latha a-mhàin, bidh an rud, a bha do-fhaicsinneach, faicsinneach a-rithist. Dìreach airson uine bheag.

Timcheall na bliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826), chunnacas a’ phoit a-rithist. Bha bean Ruairidh MhicCoinnich, “An Cìobair Mòr” – a bha ri cìobaireachd aig Locha Druing – a’ tional a’ chruidh anns an Fheadan Mhòr. Bha i a’ cleachdadh cuigeal airson clòimh a shnìomh nuair a chunnaic i a’ phoit a bha làn òir air an talamh. Stob i a’ chuigeal a-steach don talamh ri taobh na poite, airson an t-àite a chomharrachadh, agus ruith i sìos gu Locha Druing airson taic fhaighinn. Bha fios aice dè bh’ ann agus gum biodh e ro throm dhi fhèin. Ach, nuair a thàinig na daoine eile air ais don Fheadan Mhòr còmhla rithe, cha robh sgeul air a’ phoit no air an òr no, gu dearbh, air a’ chuigil. A rèir beul-aithris, tha an t-òr anns an Fheadan Mhòr fhathast.

’S dòcha gun robh an stòiridh seo stèidhichte air dualchas na bu shine – chan eil mi cinnteach. Tha mi ag ràdh sin oir, anns an leabhar aige Place-Names of Ross and Cromarty, tha Uilleam MacBhàtair a’ sgrìobhadh gun robh an Fhèinn a’ cumail a’ choire aca anns an Fheadan Mhòr. Ghoid bana-bhuidseach an coire agus ruith i air falbh leis. ’S e Cuilisg an t-ainm a bh’ air a’ bhana-bhuidsich.

Ach chaidh Caoilte às a dèidh (b’ e Caoilte am fear a bu luaithe dhen Fhèinn). Fhuair e grèim air a’ bhana-bhuidsich faisg air làimh ann an àite ris an canar an-diugh Fèith Chuilisg (ged nach eil e air na mapaichean, fhad ’s as aithne dhomh). ’S e Cuilisg a chruthaich an fhèith oir leig i an coire agus thàinig an t-uisge a-mach às. Agus tha an t-àite air a bhith na bhoglach on uair sin.

Ma tha barrachd fiosrachaidh agaibh fhèin air beul-aithris mu Chuilisg, an Gille Dubh no poit òir an Fheadain Mhòir, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh. Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: Eilean Iùbh: Isle Ewe; Teàrlach Òg: Bonnie Prince Charlie; Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Seumasaich: Jacobites.

Abairtean na Litreach: am falach bho na saighdearan dearga: hiding from the British army [red] soldiers; ann an sgaothan: in swarms; cha do chuir e a’ phoit fada fon talamh: he didn’t put the pot deep below the ground; cha leigeadh e a leas: he didn’t need to; chuir e a-mach à sealladh i leis gu robh an seun aige: he put it out of sight by using a charm; briathran an t-seuna: the words of the charm; rinn e a’ phoit do-fhaicsinneach: he made the pot invisible; chan fhaiceadh duine sam bith tuilleadh i: nobody would see it again; co-dhiù bha e na Sheumasach no na Hanoibhèirianach: whether he were a Jacobite or Hanoverian; chunnacas a’ phoit a-rithist: the pot was seen again; a bha ri cìobaireachd: who was involved in shepherding; a’ tional a’ chruidh: gathering the cattle; stob i a’ chuigeal a-steach don talamh ri taobh na poite: she stuck the distaff into the ground next to the pot; gum biodh e ro throm dhi fhèin: that it would be too heavy for her[self]; stèidhichte air dualchas na bu shine: based on an older heritage; gun robh an Fhèinn a’ cumail a’ choire aca anns an Fheadan Mhòr: that the Fianna/Fingalians were keeping their kettle in the Feadan Mòr; ghoid bana-bhuidseach an coire agus ruith i air falbh leis: a witch stole the kettle and ran away with it; b’ e Caoilte am fear a bu luaithe: Caoilte was the swiftest; fhad ’s as aithne dhomh: as far as I am aware; ’s e Cuilisg a chruthaich an fhèith: it’s Cuilisg that created the bog; tha an t-àite air a bhith na bhoglach on uair sin: the place has been a bog since then.

Puing-chànain na Litreach: gu math dìleas: extremely loyal. You will know gu math means “well”, being the adverbial form of math “good”. But it is commonly used in this way as a co-bhuadhair or adjective modifier, strengthening the adjective it is qualifying. It stands as an equivalent to adjectives such as uabhasach or anabarrach. Instead of saying “ bha mi uabhasach toilichte” or “bha mi anabarrach sgìth”, we might say “bha mi gu math toilichte” or “bha mi gu math sgìth”. Note that gu math does not cause lenition of the adjective it is qualifying.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha e a-muigh cuide ris a’ Phrionnsa ann am Bliadhna Theàrlaich: he was out with the Prince during the Jacobite rebellion of 1745-6.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 336

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean