FaclairDictionary EnglishGàidhlig

932: A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh nach eil am facalsiùcar a’ nochdadh anns a’ Bhìoball Ghàidhlig. No ma thà, chan aithne dhomh e.

Ach tha iomradh no dhà ann air a’ chuilc chùbhraidh. Mar eisimpleir ann an Leabhar Ieremiah, thathar ag ainmeachadha’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad-às. Gu litreachail, the sweet-smelling cane from a distant land. Thathar ag eadar-theangachadh sin, ge-tà, mar sweet cane from a distant land. An e sin cuilc an t-siùcair? No cuilc de sheòrsa air choireigin eile?

Ann an Isaiah 43: 24, tha seo ann: Cha do cheannaich thu dhòmhsa le h-airgead a’ chuilc chùbhraidh, ni mò lìon thu mi le saill d’ ìobairtean ... Ann am Beurla: You have not bought me sweet cane with money or satisfied me with the fat of your sacrifices. ..

Tha cùbhraidh a’ dèanamh tuairisgeul air fàileadh seach blas. Mar sin, chan eil e cinnteach gur e cuilc an t-siùcair a thathar a’ ciallachadh le ‘cuilc chùbhraidh’. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gur e cuilc Innseanach a bh’ ann às an tàinig ola ungaidh. Anointing oil. Ola ungaidh. Gu dearbh, bhiodh fàileadh cùbhraidh air a leithid. Chan urrainn dhomh a ràdh cò tha ceart is cò tha ceàrr air a’ cheist seo.

Mura robh siùcar aithnichte ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill, an robh facal ann airson sweet? Uill bha, agus seo e ann an Leabhar Iob, Caibideil 20: Ged robh an t-olc milis na bheul, ged fholaich se e fo a theangaidh ... Agus sin agaibh am facal airson sweet – milis. Tha e stèidhichte air mil a tha a’ ciallachadh honey. Ged nach robhar eòlach air siùcar anns an fhìor sheann aimsir, bhathar eòlach air mil. Agus air blas na meala.

Ged as e mil a lorgar anns na faclairean airson honey ann an Gàidhlig, chan e sin a chanadh m’ athair nach maireann. ʼS e Gàidhlig na Comraich a bh’ aige agus chanadh esan mel. Mel airson honey, meilis airson sweet. Tha sin inntinneach oir ʼs e mel a th’ aca ann an Laideann. Tha faclan mar mellifluous ann am Beurla stèidhichte air an Laidinn mel. Agus thathar an dùil gur ann bhon Laidinn a thàinig mel – no mil – a-steach don Ghàidhlig.

Agus seo e anns a’ Bhìoball ann an Taisbeanadh Eòin, Caibideil 10, Rann 10: Agus ghlac mi an leabhran à làimh an aingil, agus dh’ith mi suas e; agus bha e nam bheul milis mar mhil; agus an uair a dh’ith mi e, rinneadh mo bhrù searbh. Ann am Beurla: I took the small book out of the angel’s hand and ate it; and in my mouth it was as sweet as honey; and when I ate it, my stomach was made bitter . Nam bheul bha e milis mar mhil.

ʼS iomadh turas a tha am facal mil – agus am buadhair milis – a’ nochdadh anns a’ Bhìoball Ghàidhlig. Agus tha an aon rud fìor mu bhàrdachd Ghàidhlig. Eadhon anns an dàn ainmeil le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – Allt an t-Siùcair – tha am facal milis a’ nochdadh grunn tursan. Chan eil siùcrach no siùcaireach a’ nochdadh idir. Tha ‘blas na meala’ nas snoige na ‘blas an t-siùcair’, nach eil?!

Faclan na Litreach: cuilc an t-siùcair: sugar cane; Gàidhlig na Comraich:[the] Applecross [dialect of] Gaelic; Taisbeanadh Eòin: The Book of Revelation [to John]; bàrdachd: poetry; nas snoige: nicer.

Abairtean na Litreach: tha iomradh no dhà ann air a’ chuilc chùbhraidh:there are one or two mentions of the sweet-smelling cane; cuilc de sheòrsa air choireigin eile: cane of another type; a’ dèanamh tuairisgeul air fàileadh seach blas: describes smell rather than taste; a thathar a’ ciallachadh:which is meant; cuilc Innseanach às an tàinig ola ungaidh: Indian cane from which anointing oil came [was extracted]; chan urrainn dhomh a ràdh cò tha ceart is cò tha ceàrr: I can’t say who is right and who is wrong; mura robh siùcar aithnichte ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill: if sugar wasn’t known at the time of the writing of the Bible; ged a tha an t-olc milis na bheul: although evil is sweet in his mouth; agus e ga fhalach fo a theangaidh: and he hides it under his tongue; blas na meala: the taste of [the] honey; chan e sin a chanadh m’ athair nach maireann: that’s not what my late father would say; thathar an dùil gur ann bhon Laidinn a thàinig mel: it’s thought that mel came from Latin; ʼs iomadh turas a tha am facal mil – agus am buadhair milis – a’ nochdadh anns a’ Bhìoball Ghàidhlig: the word mil ‘honey’ – and the adjective milis ‘sweet’ appear in the Gaelic Bible on many occasions.

Puing-chànain na Litreach: No ma thà, chan aithne dhomh e : or, if it is, I’m not familiar with it . Remember the use of is aithne dhomh/chan aithne dhomh for knowing, being familiar with – it can make for a snappier phrase or response than using the verbal noun as in tha fios agam air or tha eòlas agam air. It’s also good for an introduction eg an aithne dhut Màiri? ‘do you know Mary?’ The reply will be ʼs aithne ‘yes’ or chan aithne ‘no’; and you can then make the appropriate introduction or comment. Dialectally you will also hear an aithnich thu Màiri? This is a future form of the verb aithnich and the response will be aithnichidh or chan aithnich .

Gnàthas-cainnt na Litreach: Ged nach robhar eòlach air siùcar anns an fhìor sheann aimsir: although sugar wasn’t known in ancient times [‘really old times’].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 628

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean